"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach." Vol. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, MAI 28, 1892. E. T. MOSELEY, Q. C., Comharlaiche, Fear - tagraidh, &c., Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., S'DNI- TUATH, C. B. g. h., murray. d. d. mac coinnich. TAGHail AIG Aoghnas Domhnullach GEANAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh tri eile aige. RIN reic saor ! SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac' agus Sigars. Deorsa Taileir 'Sna Teachdairean. Nuair a bha Seumas I na righ air Sassuinn 's air alba, thainig tri teachdairean ionnsaichte a duthaich chein a dh-fhaicinn ciamar a bha Breatuinn a thaobh sgoiltean agus cholaistean, An deigh dhaibh gach fiosrachadh a bha dhith orr' fhaotainn chaidh iad a shealltainn an righ, a ghabh riu gu sui ibhir, 's aig an robh comhradh mor riu. Anns an t-seanachas a bh'aca thuirt na teachdairean gu robh iad a meas Oilthighean Bhreatainn os ceann tighean-foghlum an t-saoghail uile, 's gu'n deanadh rioghach-dan eile gu math na'n leanadh iad a doigh. Cha d'fhuair iad coire ach do aon ni, 's be sin nach robh Oilear Chomhar-aidhean (Professor of Signs) anns na h-Oilthighean. Na'm biodh sin ann bha gach ni ceart. Cha robh an righ deonach THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F, Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FAL-CONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a's fhearr a tha m Boston. acfhuinn each dhe cach seorsa air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892. gu'm faighte dad cearr 'na rioghachd, agus thuirt e ris na teachairean gu robh a leithid sin do chathair ann an Oilthigh Aboraidhean, am baile b'fhaide air falbh anns a rioghachd. Chuir so ioghnadh mor orra agus thuirt iad gu feumadh iad an t-Oilear fhaicinn mu'm pilleadh iad dhachaidh. Cha robh fhios aig an righ de 'dheanadh e, ach ghabh e leth-sgeul gu'm b'e so toiseach an t samhraidh, 's nach biodh an t-Oilthigh cruinn ga treis a gheamhradh, agus nach biodh na h Oilearan aig an tigh gu sin. Fhreagair iadsan gu'm bu mhath a b'fhiach dhaibh feitheamh fad shia miasan, airson ni cho iongatach so fhaicinn. Chunnaic an righ nach robh dol as dha, 's air dha bhi cinnteach nach robh 'leithid de chathair anns a rioghachd, sgriobh e, le laimh fhein, litir gu Oilearan an Oilthigh, ag innse mar a bha, 'sa guidh 'orra 'n dichioll a dheanarnh air duine fhaotainn airson na caithreach. Air do na h-uaislean sin a chuis a reusanachadh eatorra fein dh'aontaich iad an onair a thairgse do Dheorsa Taileir, greusaiche Abaraidhean, duine nach d'rinn iomrall riamh ann an cas air bith, sa bha air aon sul. Thurirt iad ris gu'm faigheadh iad gun 'us bannan Oilear dha 's gu robh e ri suidhe sa chathair, gun e radh facal airson na chunnaic e riamh, ach gu'm faodadh e comhara sam bith a dheanamh a freagairt an comhar-aidhean-san. Ghabh Deorsa ris na cumhachan so gu toilichte. Thainig toiseach a gheamhraidh, 's thainig na teachdairean gu Abaraidhean. Air an latha shuidhichte chaidh an toirt a stigh do thalla 'n Oilthigh. Bha Deorsa Taileir, le ghun 's le bhannan, 's le leth- shuil na shuidhe, sa chathair. Chrom na teachdairean an cinn gu modhail ri Oilear nan Comharaidhean. Chrom an t-Oilear a cheann riusan. Shin a cheud teachd-aire a mach aon. mheur ris an Oilear. Shin an t-Oilear a mach da mheur, ris an teachdaire. Shin an darra teachdaire tri meoirean a mach ris an Oilear. Chrath an t-Oilear a dhorn ris na teachdairean. Thug an treas teachdaire Orange as a phocaid ga cumail suas fa chomhair an Oilear. Thug an t-Oilear pios de dh'aran coirc' as a phocaid 's chum se e fa chom-air nan teachdairean. Chrom na teachdairean an cinn gu modhail a rithist, agus chaidh iad a mach. Lean na h-Oilear-ean eile iad dh'feuch de bharail a ghabh iad air Oilear nan Comharaidhean. Thuirt iad gu robh iad air an deagh phaighsadh air son feitheamh fad leth-bhliadhna ris na chunnaic iad an diugh. Ars a cheud fhear, "Thog mise aon mheur, a ciallachadh nach eil ann ach aon Dia. Shin esan da mheur a ciallachadh gu robh da phearsa ann, an t-Athair 's a Mac." Thuirt an darra teachdaire,—"Thog mise tri meoirean a ciallachadh gu robh tri pears' ann—an t-Athair, a Mac agus an Spiorad Naomh. Dhuin an t-Oilear a dhorn, a ciallachadh gu robh na. tri pearsa sin nan aon." Thuirt an treas teachdaire, "Thug mise mach orange, a nochdadh matheas Dhe ann a bhi toirt dhuinn measan cho briagha 's cho fallainn. Thug esan a mach pios de dh' aran coirce, a shealltainn gu'm b'e aran os cionn gach ni, taice na beatha." Thriall na teachdairean coire air an turus dhachaidh, ag aideachadh gu'm faca iad an latha sin ioghnadh an t-saoghail! Bha na h-Oilearan a nis ro- thoileach air barail Dheorsa fhaotainn air a chuis. Nuair a chaidh iad a stigh, dh fheoraich e gu feargach gu de na daoine thug iad g'a ionnsaidh mar sid. "Bha fhios aca gle mhath gu robh mi air leth shul, 's cha'n fhoghnadh leis a cheud thoirmeasg ach a mheur a shineadh rium, ag innse, dhomh nach robh agam ach aon sul! Shin mise mach mo dha mheur a dh'innse dha-san gu robh m' aon shulsa cho math ris an da shul aige-san. Shin an darra fear a mach tri meoirean a dh'innse dhomh nach robh againn ach tri suilean eadarainn. Dhuinn mise mo dhorn a dh'innse dha gu spadainn e. Mar nach biodh sin gu leoi, thug an treas fear orange as a phocaid a shealltuinn nan nithean matha bha fas 'nan duthaich-san,a tha fad air thoiseach air duthaich bhochd againne. Thug nise mach pios de dh'aran coirce a shealltuinn dha gu robh sid moran ni b'fhean na gach orange 'us meas eile dh'fhas rimh nan duthaich san." MAC-TALLA. Bi'dh Mac-Talla air a chuir a mach uair 'san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. a phris 50 sent 'sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite 'm bheil iad agus bidh e ro-thaingeil airson dad sam bith a chuidicheas le Mac-Talla, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe'n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air soa taobh dhe'n phaipeir. Seolaibh gach litir 'us eile gu J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydnej', c. b. 0 chionn mios no dha chuir sinn litir bheag anns an Reporter, ag innse gu robh sinn a dol a thoirt oidhirp air paipeir Gealig a chuir air chois anns a bhaile so. Thuirt sinn aig an am gu robh coig ceud subscrieber a dhith oirnn mu'n tigeadh a cheud aireamh a mach. Cha d'fhuir sinn an coig ceud fhathast ged nach eil sin na aireamh mhor. Ach fhuair sinn iomadh litir bho mhuinntir a toirt misneach dhuinn, 'sa guidhe gu math dhuinn air son a bhi feuchainn ri seana chainnt nan Gael a chumail suas, a chainnt a labhair Fionn 'sa heinn Oisean, 'sa chleachd iomadh laoch 'us bard eile uaith sin. Fhuair sinn moran litrichean dhe'n t-seorsa sin, 's tha sinn fada 'nan comain-san a sgriobh iad. Chaidh cuid gu dragh mor ag iarraidh subscribers dhuinn,agus gheall cuid eile ar cuideachadh le bhi sgriobhadh airson a phaipeir. An deigh gach misneach a fhuair sinn, bha leisg oirnn a dhol air ais ged nach d'fhuair sinn an, aireamh a bha uainn. Chuir sinn romhainn toiseachadh,agus se so a cheud aireamh dhe'n phaipeir Ghaelig. Thug sinn Mac-Talla mar ainm air, Cha'n eil e ach gle bheag, ach tha e cho mor 'sa dh'fhaodas e bhi aig an am so. Tha'n sean-fhacal ag radh gur h-ann as a bheagan a thig am moran. Nis a chairdean, rinn sinne 'n uir-ead so, deanadh sibhse 'n coir. Ma tha Mac-Talla ri chumail suas 'sann agaibhse tha ri dheanamh. Cha bhi paipeir sam bith suas as aonais luchd-leughaidh. Se cheud ni ma ta daoin' fhaighinn a leughas e agus a bhios deonach paigheadh air a shon, agus sin gun dail. Tha fhios againn gu bheil na eiadan dhiubh sin ri'm faighinn, nan rachte gan iarraidh. Nach teid gach duine leughas so a dh' obair am measg a nabaidhean air son Mhic-Talla? Cuireadh gach neach a leughas so, 'ainm agus a leth-dolair 'gar n'ionnsaidh agus faigheadh e dithis no triuir eile gus an ni ceudna dheanamh. Deanadh gach neach a dhichioll. Ma ni sibh sin, a chairdean, soirbhichidh le Mac- Talla, bidh a Ghaelig a togail a cinn, 's cha bhi dhanadas aig duine bhi ga ruith sios. Tha moran dhaoin' anns an duthaich so, nuair a gheibh iad paipeir ur mar so, a sgaoileas a mach e air uachdar Family Herald no paipeir mor dhe'n t-seorsa sin, 's ma bhios e uiread ris a phaipeir sin, their iad gur fhiach e dolair, ma tha e 'leth uiread ris 's fhiach e leth-dolair, ma tha e 'n ceathramh cuid uiread ris, 's fhiach e cairteal, agus mar sin sios. Tha sinn an deagh dhochas nach tachair aon dhiubh sin air Mac-Talla. Thugaibh fanear nach eil sinn deonach dail a thoirt seachad idir ann am paigh-eadh a phaipeir so. Tha fhios againn nach bi ar luchd leughaidh ga iarraidh. Tha leth-dolair na ni cho beag 's nach b'fhiach le duine sam bith a bhi ga thilgeil air. Uime sin, a charaid, nuair a chuireas to t-ainn thugainn cuir an leth-dolair air adhart maile ris. Sid 'us So. Tha bean ann an Oregon ag obair air gearradh chlach o chionn fichead bhliadhna. Cha'n eil soitheach an luingeas chogaidh Bhreatuinn gun chomunn stuamachd air bord. -------------------------- Tha cuid-eigin ag radh nach biodh na h- uirid de dh' amadain san t-saoghal, mur biodh gach neach a creidsinn gur h-e fein Solamh. Tha comunn ann a Chicago ris an canair "Comunn Mhanesseh" Cha n fhaod duine bhi dhe'n chomunn so ach daoine dubha aig am bheil mnathan geala. "Thig an t-am," ars an tuathanach ri 'sgalaig, "anns an teid agam air leathsach-adh a bharra a ghiulain 'nam phocaid." "Agus nuair a thig an t-am sin" ars Alasdair, "faodaidh sibh am barr a ghiulain nur pocaid cuideachd." Chaidh dealbh a reic anns a Fhraing, o chionn ghoirid, airson 6000 Franc, no suas ri $1000. Cha robh an dealbh ach sia oirlich air fad, 'us ceithir air leud; agus bha cuid a meas gu'n d'fhuair am fear a cheannaich i deagh bhargan. Nuair a leughas tu am paipeir so, fench gu'n cuir thu ga iarraidh leis a cheud phosta. Nach suarach leth-dolair 'nad phocaid an coimeas ri paipeir Gaelig a bhi tighinn 'g'ad ionsnsaidh uair 'san t-seachdainn, bho thoiseach gu deireadh na bliadhna. --- Aig tiodhlacadh droch uachdarain anns a Ghaeltachd, 'nuair a bha iad a cur na h-urach air, thuirt fear dhe na croitearan a bha lathair:— "Cuiribh air! cuiribh air! 'Se chuireadh oirnne; 'S ma dh'eireas e rithist, Cuiridh e an coir oirnn!" D. MAG 'ILLINNEAN, TAILEIR, Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'lllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri." "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear." "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da 'm b'aithne charadh." THA E. C. NIC FHIONGHAIN SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti,Cofi, Bainne, agus deochannan stuam eile laimh an comhnuidh, Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. Feuch gu' ruig thu an far am faigh thu deagh bhargan LEINEAN & COLAIREAN. ADAN AGUS CIP; ANART & CAILEAGU (air gach pris), FLUR AGUS MIN: Naidheachdan na Seachdaine. Thainig side bhrigha aon uair eile. Tha tuathanaich Mhaniteba ullamh currachd. Tha long-chogaidh Bhreatunnach ann an acarsaid Shidni. Tha gual a reic airson $5 an tunna ann a Lunnainn, Ontario. Chaidh Jack the Ripper a chrochadh ann a Melbourne, Australia, air an 23 mh la. Air an earrach a chaidh, rinneadh 1,750,-000 punnd de shiucar-chrobh ann a Ver- mont. Tha meinean-guail Cheap Breatainn ag obair gu bras. Chuir aon mhein a mach 500 tunna gach latha o'n thoisich i. -- Bha stoirm shneachd ann an Iowa air an 20 mh la. Tha so an deigh nan tuiltean a milleadh a bharra gu tur. Chaochail Sir Alasdair Caimbeul ann an Toronto air a 24mh la. Bha e tri fichead bliadhna 'sa deich a dh'aois. Rug iasgairean Newfoundland air 348,-642 ron ann bliadhna. 'Sfhiach gach aon -dhiubh sin $2.50, Rug aon soitheach air •nach $145,000. ---- Bha'n samhradh gle fhuar cho fada so. Cha shaoileadh neach sam bith air an t-side gu bheil teann air mios dhe'n t-amhradh seachad. Chaidh caraid iongatch a phosadh a Otario o chionn ghoirid. Bha bean na bainnse 30 bliadhna a dh'aois, 's cha robh esan, am balach bochd, ach 80 bliadhna. Aig Cleves, Ohio, bhuail da thrain na cheile, 's rinneadh mirean diubh. Cha robh duin air bord a fhuair as gun ghoirteachadh 's chaidh cuid a mharbhadh. Bha stoirm ghabhaidh o chionn ghoirid ann a Mauritius, eillean a near air Africa. A bharrachd air call mor a dheanamh air muir 's air tir, chaidh suas ri 1200 a mharbhadh. Tha na luchainn a deanamh call mor ann an Alba. Tha iad cho pailt's nach gabh cuir as daibh. Cha'n fhag iad bileag feoir ann an ait air an ruith iad, 's tha na aoraich a basachadh le cion bidh. Chaidh seann duine, Tearlach Haney, a mharbhadh leis an train aig Lancaster Ont. Bha e air an rathad agus air dha bhi falbh air bataichean cha b' urrainn dha dol as an rathad. Bha e 87 bliadhna a dh'aois. -*- Rainig 600 Gearmailteach Winnipeg air an t-seachdainn a chaidh. Tha iad dol a thogail fearainn nis fhaide 'n iar. Na'm b'urrainn do Chanada a cuid, sluaigh fein a chumail aig an tigh, cha b'fhada gus am biodh gu leor aice. ----------- Tha moran call air a dheanamh anns na Staitean le tuiltean. Tha'n amhainn mhor Mississippi, nis airde na bha i o chionn moran bhliadhnachan. Tha taighean air an sguabadh air falbh, agus moran theaghl-aichean air am fagail gun dachaidh. Tha 'n tuil a deanamh milleadh mor air a chruithneachd, Tha a air a radh gu robh 'n caise chuir-eadh a Canada gu Breatuinn an uiridh na b' fhearr na chaidh a null riamh roimhe. Ged bha caise nam bliadhnachan roimhe math gu leor bha cuid na bliadhana 'n uiridh ro mhath agus fad air thoiseach air caise nan Sraitean. Nuair bha Ban-righ Victoria air tir-mor na h-Eorpa, cha d'rinn a h-ogha, Iompaire na Gearmailt, uiread 'sa dhol ga coimhead ged a bha sin furasda gu leor dha. Cha'n eil ann ach duine neonach co-dhiu, 's tha e curir moran iomgain air muinntir a dhuthcha. Tha bill air beulaobh Parlamaid Chan-ada, an drasd a deanamh mi laghail dc neach gun votadh aig am-taghaidh. Tha e ro-choltach gun tig am bill so gu bhi na lagh, 's ma thig, cha'n eil teagamh nach fheaird an duthaich e. Ann am Breatuinn, an deigh so, cha'n fhaod duine votadh mur teid aig air leughadh agus sgriobhadh. -?- Tha Parlamaid Bhreatuinn ri sgaoil-eadh air an fhicheadaimh la dhe'n ath mhios. Tha'n da phairtidh aig obair cheana dh'fheuch co gheibh greim air a stiuir. Ma gheibh Gladstone i, bidh Fein-Riaghladh air a thabhairt do Eirinn. Ma 'se Salisbury a bhios a stigh, feum-aidh na h-Eirionnaich a bhi toilichte leis na gheibh iad. Chaidh latha-breith na Ban-righ a chumail mar as abhaist air feadh an t-saoghail uile. Ann an Sidni bha na saighdearan a mach, agus aig meadhon-latha loisg iad gunna ar fhichead. Cha'n eil sin ach beag an coimeas ris a ghreadh-nachas a bhios aca 'naiteachan eile. Cha'n eil ioghnadh ged a bhiodh iochd-rain Victoria a cumail latha 'breith, agus a guidhe gam bi aca ri chumail iomadh uair fhathast. Tha i riaghladh os ceann narioghachdas mo sisiongataich' a chunnaic an saoghal riamh, rioghachd air nach eil a a ghrian a dol fodha o cheann gu ceann dhen bhliadhna, rioghachd a tha fas mor gach latha, 's co aige tha fhios nach bidh an saoghal gu leir fo chis di mu'n tig crioch air a fas. Tha Ban-righ Victoria a nis tri fichead bliadhna 'sa tri-deug a dn'aois, 's tha i air a chathair-rioghail leth-cheud bliadhna sa coig, Cha do shuidh righ no ban-righ riamh an cathair a's airidh air meas agus air gradh a sluiagh. Tha an aimhreit eadar Canada 'us New-foundland faisg air a bhi seached, 's tha iad gu bhi cho cairdeil 's cho cordte 's bu choltach dhaibh a bhi. O chionn bliadhna no dha rinn Newfoundland cordadh ris na Staitean, a thaobh malairt. Cha do thaitinn so ri Canada 's ghearain i ri Breatuinn. Chuir Breatuinn stad air a chordadh, 's las so fearg Newfoundland an aghaidh Chanada agus bha i feuchainn cho math 'sa b'urrainn di ri dioghaltas a dheanamh oirre. Cha'n fhaodadh iasgair-ean Chanada biadh a cheannach am port sam bith air cladach Newfoundland ged a bha lan shaorsa aig iasgairean nan Staitean air sin a dheanamh. Fhuaradh fios o chionn latha no dha gu bheil Newfound-land dol a sguir dhe so, agus gu'm faigh iasgairean Chanada gach cothrom a b'abhaist a bhi aca. Cha'n eil teagamh nach bi so feumail tacbh air thaobh, 's tha sinn an dochas gu'n lean a chuis mar sin, Mur teid aig Canada 's aig New-foundland air a bhi sitheil ri cheile, tha cuisean fad air ais. BARGAIN. B'fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, 'san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin' ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a's fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach, Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean qle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar BHO C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RIBINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN, agus iomadh ni eile, Ad saor no daor mar a's ail leat. Tha'n ad a's saoire gle mhath, ach si'n ad a's daoire 's fhearr. Am bheil Piano, Organ np Inneal-fhuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P, O, Box 68, Sydney, C. B "Scots Wha Hae." ann an gaelic, Albannaich a chail ur fuil Fo'n laoch Wallas'us fo Bhrus, Failt' do shuain ur bais an duigh, No do bhuidhinn stri. Feuch an latha, so an uair, Faicaibh gnuis a bhlair fo ghruaim, Feachd righ Eideard teachd le uaill, 'S geimhlean cruaidhe dhuinn. Co bhiodh iudasach sa chath, Co'n uaigh gealtair a bhiodh taisgt', Co a bhiodh na thraill fo smachd, Teich gu grad 's na till. Co as leth tir aird an fhraoich, Thairneas claidheamh treun na saors', Le'n fhearr bas na geill' do h-aon, Thig do'n raon leam fhein. Le gach truaighe fuaight' ri' daors', Le cuing thruaillidh cloinn ar gaoil, Doirteamid ar fuil na taom, Ach sar shaor bidh sinn. Sgriosaibh na Sr-foirnidh dhan, Tuitidh aintighearna 's gach namh, Anns gach beum tha saors' an aigh, Buaidh no bas biodh leinn! Fhuair sinn an dan so anns a Chasket. Cha'n eil fhios againn co thug gu Gaelic e, ach se ar barail gun d'thug e ionnsaidh mhath air. Thug ant-Urr. A. MacIllean Sinclair an dan so gu Gaelic ach cha d'fhuair sinn greim an fhathast. Bhitheamaid an comain neach sam bith a chuireadh g'ar n'ionnsaidh e. a Sean-fhacail. Cha dean aon smeorach samhradh. Cha dean an t-ol ach am fear dh'fhaodas. Cha dean duine don' ach a dhichioll. An ni nach fios do na mnathan, ceilidh iad. Am fasan a bh'aig Nial, bha e riamh ris. Am fear a gheibh ainm na moch-eirigh, faodaidh e laidhe anmoch. Am fear a ghoideadh an t-ubh-circe ghoideadh e'n t-ubh-geoidh. Triughas air na luirgne loma, Bonnaid air na maolanaich, Feileadh air na daoine tapaidh, Casag air na slaodairean. Arsa duin-uasal ri 'sgalaig dhuibh, 'se air tighinn a stigh a stoirm uisge,—"Tha mi cinnteach a Shamsoin, gu bheil thu ag urnaigh gu'n pguireadh an t-uisge so." "O," arsa Samson, "de'm feum a bhi 'g urnaigh gu sguir an t-uisge fhad 'sa tha ghaoth o'n airde near. Tha sinn eolach air duin' aig am bheil seachd braithrean. Aig gach brathair dhiubh ain tha seachd peathraicehan 'saig gach piuthar tha ochd braithrean. Cia lion th'anns an teaghlach air fad? Faic! Gheibh thu Mac-Talla agus an Reporter fad bliadhna air son $1.25 Cuir thugainn an t-ainm 'san t-airgiod. So cothrom nach faigh thu ah-uile latha. BATHAR UR! AIG SIDNI TUATH, C. B. Aodaichean, Adan, Fluraichean, Paipeir Run Cuirteinan, Brogan, &c, &c, 1,000 Baraile Fluir, 500 Baraile Min Bhuidhe, 100 Baraile Min Choirce, 6,000 poca Salsin. Tha so air a chumail do D. W. MACFHIONGHAIN, Sidni & Sidni Tuath Chuir an Soitheach-smuid "Harlaw" air tir gu SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 " Fluir, 100 " Min Choirce, 10 " Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain, Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein,