"An ni nach cluinn mi an 'diugh cha'n aithris mi maireach." VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, OGUST 13, 1892. No. 12. Comhairliche, Fear - tagraidh, &c., Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, SIDNI & ARICHAT. J. H. IIEARN I), A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile - Sheorais. Eiilean Phrionns' Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tag- raidh aig Lagh, Sidni & St. Peter's, C, B, loseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. Cuir a dh' iarraidh a' Mhac Talla. Cha'n eil e cosg ach leth-dolar 'sa bhliadhna. 'S e 'n aon phaipear Gailig a tha 'n Canada. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINE. Tha tuathanich Mhanitoba a toiseach-adh air buain a chruithneachd. Tha 'n soitheach cogaidh Frangach Drac an acarsaid Shidni an drasd air a tilleadh a Newfoundland. Tha 'm fear gle aotrom air an eilean so am bliadhna. Ann am iomadh aite cha bhi e leth cho math sa bha e 'n uiridh. Chaidh muinlea n sabhidh le Mr. Wihon na teine ann a Hogonah, oidhce Di sath-uirne se chaidh. Bha da mhile dolair de dh'airgiod-urrais air a mhuilinn. Thainig Seumas Waters, a bha na shaor air an t-soitheach-smuid Cocunna, ri bheatha fein aig Montreal le e fein a bhathadh. Bha e tinn beagan laithean roimhe sin. Chaidh soitheach a ghlacadh aig Port Hawkesbury air son a bhi reic bathar air nach do phaigheadh cis. Leigedh ma sgaoil i an la roimhe an deigh ceithir ceud dolair de chain a phaigheadh. Ann an Texas air Di-domhnich so chaidh bha duine 'sa bhean 'sa cheathrar chloinne dol dhachaidh ann an carbad. Ghabh na h-eich eagal, agus theich iad; chaidh an carbad le creig agus mharbh-adh an teaghlach gu h-iomlan. Chaidh Sir Richard Cartwright gle fhaisg air a bhathadh, faisg air Kingston, Di-sathairne so chaidh. Bha e mach le bata-seolidh, agus thainig oiteag gaoithe a chuir am bata thairis. Mur biodh daoin' air tighinn ga chuideachadh gun dail,bha e air a bhathadh. Tha tailear ann an St. John an deigh e fein fhaighinn ann an trioblaid le bhi reic aodaichean ri daoine a tha tamh anns na staitean gun cis a phaidheadh. Ged a lean e air so car greis fhuaras a mach e 's thig an t-slaightireachd gu math daor dha an deigh a h-uile rud. Oidhche Di-haoine air an t-seachdain so chaidh fhuaradh, Seumas Chapman faisg air Toronto agus gearradh oilteil air a cheann. Rinneadh gach ni air a shon ach an deigh sinn uile dh'eug e Di-luain, Beag-an uine mun d'fhuaradh e, bha e comhstri ri dithis mo triuir de dhaoin eile agus 's ad sin, a reir coltais, a leon e. Air aon sraid ann an Lunnain tha suas ri sia fichead paipear-naidhacbd air a chuir a mach. Tha h-aon deug dhiu so a tighinn a mach a h-uile latha. Thainig frasan mora uisge air an t-sheachdain so. Ged a thainig iad ro anmoch air son feum sam bith a dheanamh don fheur* ni e feum mor don bharr eile. Dh-fhaoidte nach bi an dabhaich am bliadhna cho fad air ais sa tha sinn an dail. Tha Parlamaid Bhreatuinn na suidhe o chionn corr is seachdain ach cha do thoisich an cath ceart fhathast. Tha Gladstone a nis air a stiuir 's tha 'n saoghal uile feitheamh feuch de cheud ni air an toir e lamh. Chan eil e coltach gum bi a pharlamaid na suidhe ro fhada aig am so, ach gtt sgaoil iad an ceann beagan sheachdainean. Chaidh am fear a mhurt Steadman aig Moncton a thoirt gu mod Di-haoine, an 5mh la. Dh' aidich e gu robh e ciontach ach thuirt e gun do Ioisgeadh an urchir le companach a bh'aige, rs air nach d* fhuaradh greim fhathast. Thug e suas gum be Robert Oslen a b'ainm dha, gur* d' rugadh e ann an Norway, agus gun danig a chuideachd do na Staitean a chionn fichead bliadhna. Bha e a leantuinn na mara riabh, agu3 bha e eolach an iomadh aite sna seann duchannan. Tha $750.00 de dh-airgiod cinn air a tairgse do neach sam bith a ghlacas a chompanach. Tha e mu dheich bliadhna fichead a dh'aois, coig laoidhean us seachd oidich air airde, agus car dorcha san aghaidh. Tha e na aobhar dochai3 gum faighear greim air an uime ghoirid, rs gun cuirear stad air an droch obair ris an robh iad. Tha Sir Deorsa Dibbs,Priomhair Nuadh Wales-a- Deas an Astralia, an drasd air chuairt an Canada. Bha e am Breatainn agus bha duil aige dhol air ais an rathad a thainig e, ach tha e cho deonach air Raidean-Iaruirm Chanada fhacinn's gun danig e dh'aon sgriob gan sealltuinn. Tha Sir Deorsa dhe'n bharail gum bi Mor-roinnean Astralia ri beagan uine air an aonadh ri cheile mar a tha Canada. Tha Astralia an diugh mar bha Canada o chionn coig bliadhna fichead, air a dean-amh suas de mhor-roinnean, gach aon dhiubh a deanamh air an son fein, 's gun a deanamh dad de chuideachadh le cach. Tha'n t-am aig muinnitir Astralia na seann nithean sin a chuir seachad, agus a bhi aonaichte air chor 's gum bi an duthaich a fas mor agus ainmeil ann an sealladh an t-saoghail uile. MAC-TALLA Bi'dh Mac-TaLla air a chuir a mach uair 'san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. A phris 50 sent 'sa bhliadhna; aoii aireamh 2 shetit. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite 'm bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le Mac-Talla, litrichean, naidheachdan, &c, &c. Feumaidh gach ni dhe'n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe'n phaipeir. Seolaibh gach litir 'us eile gu J. G. McKlNNON,. Mac-Tali.a, Sydncy, C. B. SIDNi, DI-SATHAIRNE, OGUST 13, 1892. Chan eil sluagh fo'n ghrein a dh'-fhuiling uiread ana crartas anns a cheud bliadhna chaidh seachad ris na Gaidhil. Bi'dh e na mhasladh buan do Bhreatuinn mar a dheilig i riutha. 'Nuair a thig cruaidh chas sam bith air an rioghachd, 'nuair a bhristeas cogadh a mach an cearna sam bith dhe'n t-saoghal, 'siad na reiseamaidean Gaidhelach a chuirear a mach air toiseach 'sa ghreasair dh'ionnsidh a a chatha. 'S iomadh blar ann 'sna dhoirt "gillean na foille" fuil an cridhe a dion agus a Cumail suas onair agus cliu an duthcha. 'S tric a ghleidh iad blar a bhiodh air a chall mur biodh iad ann. 'S tric a bhiodh Breatuinn iosal mur biodh gaisge nan Gaidhel. Agus gn dearbh 's olc an dioladh a rinn i dhaibh air son sin uile. Nuair a thainig na Gaidhil dhachaidh a cogadh Napoleon, fhuair iad an iomadh aite "Na fardaichean nam fasach Far an d'araicheadh na seoid, Far an cluinnte fuaim an gaire," Far 'm bu chairdeil iad mu'n bhord. agus an "cairdean 's an luchd-eolais air am fogradh bhos us thall'' Sin am paigheadh a thug Breatuinn do na Gaidhil air son an dilseachd dhi anns an am a chaidh seachad. Air leinn gu bheil an t-am aic aithreachas a dheanamh, agus am maslaeh so a sguabadh air falbh. Ma gheibh Gladstone air adhart cho math 's bu mhath leis, chan eil teagamh nach bi laghanan air an dianamh a bheir ceartas na's fhearr do na croitearan Gaidhelach na bh' riabh roimhe. Tha e na ni comharichte gu bheil na croitearan na's laidire sa pharlamaid aig an am so na bha iad fhathast; chuir iad an daoine fhein a stigh gun uiread 's na h-uachdrain fhaoighnich. Chuireadh a stigh na daoine sin air chumha gun deanadh iad na dh'fhaodadh iad gu cor nan croitearan a leasachadh. Chan eil iad ag iarriadh ach nithean a tha reusanta gu leor. Tha tuilleadh fearinn a dhith orra's tha iad toileach mal rian- ail a phaigheadh air a shon. Tha iad ag iarridh na feidh a chuir as an fhearann a dh'aitich an sinnsir, 's as 'n do dh'-fhogradh iad le ain tighearnas, Tha iad ag iarridh am fearann sin a thoirt air ais don t-sluagh, agus nach bi na Gaidhil air an eigneachadh gu dhol do thirean cein fhad sa bhios rum dhaibh nan duthaich fein. Tha iad ag iarridh an t iasgach air lochan's air aibhnich-ean a bhi saor do na h-uile. An aon fhacal tha iad ag iarridh cumhachd nan uaislean a sguabadh air falbh agus riaghladh ceart a chuir suas na aite riaghladh a bheir saorsa agus sith gu "tir nam beann, snan gleann ,s nan gaisgeach." Gheibh na croitearan a chuis leo, luath no niall. Tha "Seoras" a sgriobhadh mar so: "Tha Mac-Talla 'tighinn gu riaghailt-each, agus tha e dol nas fhearr gach latha. Tha mi tuigsinn gu bheil a chairdean a dol nis lion mhoire cuid-eachd, ni a tha ro thaitueach leis gach aon leis am math cainnt bhlasda nan Caibeal a chumail suas. Thug sibh deagh ionnsaidh, fhir-dheasachidh, agus gum a math a theid libh." Tha "Srath-Alba" agradh:—"Fhuair mi aireamh dhe 'n Mhac Talla bho 'n Urr. Calum Caimbeul a bha roimhe so ann an Srath-Lathairn an Ceap Breatuinn ach a tha nise na mhinistear an Srath-Alba air Eilean a Phrionnsa. Binn mi fiior thoileachadh ri fhaicinn. Tha mi 'n dochas gu'n soirbhich libh agus gun cuir na Gaidhil an luach is coir air an oidhirp sin air naidheachdan an t-saoghail a thoirt dhaibh nan cainnt fhein." Tha fear eile 'g radh,—"So dhuit dolar bhuam fein 's bho mo mhathair, air son Mac Talla bhi tighinn a dh'amharc oirnn uair san t seachdain gu ceann bliadhna. Bithidh e na chuis-naire do na Gaidhil ma leigeas iad le Mac Talla dhol bas leis an acras." Tha sinn toilichte gur h-urrainn duinn a radh gu bheil an t-Urr. Alasdir Mac-Fhearchir, a tha nise tinn o chionn mios gu leth, a dol gu math air taobh an fheabhais. Chan eil pian sam bith air, tha 'chail nas fhearr, 's tha e cadal gu math. Bi'dh a chairdean uile toilichte so e chluinntin. Tha troich a fuireach aig Shigaken ann an Japan a tha sia bliadhna deug thar fhichead a dh'aois, 's nach eil ach seachd orlich dheug a dh' airde. Tha deagh fhogh-lumaige agus tha e deanamh a bheolaind le bhi cumail sgoil-sgriobhaidh. D. MAC 'ILLINNEAN, TAILEIR, Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'lllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, Tha Fiar, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR ! THA SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioseaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti,Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS. Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, 's gheibh sibh cunnradh, Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so 's gheibh sibh cunnradh. Seach naibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, 'San teanga 'nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so's gheibh sibh cunnradh TIGH ACADIA. NA CURRAICEAN-OIDHCHE. An Fhad so, ma ta, chaidil a' chuis gu math le Seonaid. Cha robh da dith a nis ach gu 'm faigheadh i Eoghan a chur an gharadh 'n a churrac ur, lainnireach, far am faicteadh e le a bana-choimhears-nach—agus cha b' fhada gus an deachaidh so leatha cuideachd. Gu faicilleach, seolta a' comhairleachadh Eoghain, fhuair i gu 'n do ghabh e luach le 'choinhdach cinn dealrach; agus cha b' urrainn do n' ghnothach tachairt na bu fhreagarraiche. Chunnaic bean Ian Mhic-Aindrea an currac-eidhche, gu lan mhath thuig i an suaicheantas dulain, 's bhoidich i gu'm biodh dioghaltas aice. Ma bha a h uaill "air a toirt a nuas, bha a spiorad air a togail leis a' chiad sealladh a fhuair i de churrac-oidhche -Eoghain Mhic-Cailein; chuir i riomhpe-gu 'n tugadh i air a fear posda an currac stiallach a chur a nuas agus fear ur eile chur a suas—leth-bhreac an fhir aig Eoghan Mac Caifein—no na b' fhearr, na 'n gabhadh e faotainn; ach cha robh i cinnteach an gabhadh so ruigheachd air. Shaoileamaid nach bu ghnothach fur-asda lmpidh a chur air Iain 'currac-oidhche ur eile a chur suas; oir am fear a bh' aige cha robh seachdain o 'n fhuair e ur, nobha as a' bhuth e, agus cha robh reusan Saoghalta, shaoileadh duine, a ghabhadh cur air aghaidh air son fear eile a chean-nach. Ach ciod e nach dean seoltachd 'nam ban! Mar dhearbhadh air so cha ruig sinn leas 'ainmeachadh ach gu 'n deachaidh aice air; fhuair i gu 'u d' aontaich Iain leigeil leatha dol an bhaile-mhor, currac-oidhche ur, dearg eile cheannach dha, agus thug i air a gheail-tainn gu 'n caitheadh e e'n uair thigeadh i dhachaigh leis, M' an gann a fhuair i a chead, air falbh bha i do 'n bhaile-mhor, 's an uine ghoirid bha i air a h-ais le currac-oidhche boillsgeach, dearg, a' h-uile mir cho lasrach ri fear Eoghain Mhic-Cailein; agus tha de thoileachadh aice gu 'n do tharraing i e mu cheann Iain, a bha a cheart cho aineolach mu ciod a bh' aice 's an amharc 's a bha a choimhearsnach, Eoghan MacCailein. Shoirbhich cuisean mar so le bean Iain Mhic-Aindrea; cha robh uaipe ach Iain a sheoladh a mach do 'n gharadh; 's cha fo' fhada gus an d'fhuair i a miann. A mach an gharadh steoc Iain le' cheann-bheairt ur, dhearg; agus O, aoibhneas nan aoibhneas! chunnaic Nic-Cailein e. Chunnaic—ghrad dh' aithnich i an spiorad a dh' aobharaich an taisbeanadh; 's mhionnaich i nach biodh e a nasgaidh dhi. "Annag, Annag," ghlaoidh i 's guth lan corruich—mar so a' gairm a stigh a h-ighinn, caileag bheag, mu dheich bliadhna dh'aois—"ruith a nunn cho luath 'sa bheir do chasan thu, agus abair ri bean Iain Mhic-Aindrea an trinnseir a fhuair i air choin-gheall uamsa, a thoirt duit air a' mhionaid." Bhuail i a cas air an urlar, las a h-aodann, 's chaidh i ann am feirg oillteil. Dh'fhalbh Arfnag air a gnothach. A nis, feumar aideachadh nach robh an toir so a chur i air an trinnseir idir ceart no dligheach. Bha sar-fhios aig Nic-Cailein, agus chaidh 'innseadh dhi da fhichead uair gu 'n deachaidh an trinnseir a bhristeadh; agus a bharr air sin, chaidh a luach a thairg-seadh dhi a' cheart cho bitheanta—b' fhiach e ur mu thuaiream thri fairdeinean. A thuilleadh air so a rithist, bha tri bliadhna o 'n fhuair an te eile air choin-gheall e. Chithear bho so nach robh anns an iarrtas a chur i leis a' chaileig ach leth-sgeuil air son innleachd air chor-eigin eile a chur an gniomh. Cha b' urrainn ni tachairt a b' aimhealaiche leathe na gu 'n tilleadh an trinnseir; agus bha cinnt aice nach robh eagal sam bith gn 'm faigheadh a' chaileag e. Ann an uine ghoirid thill Annag,leis an fhreagairt ris an robh suil aice—bha an trinnseir briste; ach bha bean Iain Mhic-Aindrea lan thoileach paigheadh air a shon, na 'n abradh Nic-Cailein ciod b' fhiach e. Leis an fhreagairt chuir i beagan fhacal sgaiteach nach do chord idir ri Nic-Cailein Thuirt i "gu 'n robh i a' deanamh moran tuilleadh gleadhraich mu 'trinnseir truailidh, salach, mosach na b' fhiach e uile gu leir," agus ghuidh i orre gu tamailteach, a ghaoil an fhortain, "i a dheanamh na bu lagha staoruim uime 's gu 'n rachadh lan an dusain a chur dhachaigh 'n a aite." "Mo riar, nach ann aice 'tha an dai-machd," thuirt Nic-Cailein an uair a liubhair a' chaileag a teachdaireachd; 'mach ann aice 'tha an dalmachd da-rireadh," ars' ise 's i cur a lamhan air a cruachainnean, 's a' sealltainn mar aon air an deachaidh eucoir mhor a dheanamh. "An cualas riabh a leithd? An toiseach coin-gheall a ghabhail de m' thrinnseir, an sin a bhristeadh. agus a nis, an uair a tha mi cur air son mo chodach fhein, 'innseadh dhomh gu bheil mi a' deanamh tuilleadh gleadhraich uime 's a b' fhiach e uile gu leir. Moire! tha aghaidh aice. At t-seana bhanasgal, mhiomhail a tha i ann! Iadsan 's an curraicean-oidhche dearg!" A' cur a currac-biorach mu 'ceann thog i oirre i-fhein a thoirt a mach torachd. Rainig i tigh Iain Mhic-Aindrea 's a stigh ghabh i. "Thainig mi" thuirit i gu h-athaiseach, doigheil, ged is gann a ghabhadh a' chorruich a bha 'n a h-uchd ceiltinn, "thainig mi dh'fheuch am biodh sibh cho math agus mo thrinnseir a thoirt domh, ma's e ur toil e." "Do thrinnseir," arsa Nic-Cailein's i 'g a tarraing fhein suas, 's a' nochdadh na feirge 'bha cheana a' toiseachadh air tocadh 'n a com; "do thrinnseir, a Shconaid! Ubh, ubh, a bhean, is fuathas-ach an upraid a tha thu a' deanamh mu 'n trinnseir so agad. Cha robh e cho luachmhor; agus is iomadh uair a dh'innis mi dhuit gu 'n deachaidh a bhristeadh, agus gu 'n robh mi deonach paigheadh air a shon." {Ri leantainn.) A. J. PEUTAN FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LA1DHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Doftna, Curraican, Lamhann-an, Stocain nan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac' agus Sigars. sidni, c. b. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON. SIDNI, C. B. Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn laimh an comhnuidh 's air an reic saor. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RI BINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a's ail leat. Tha'n ad a's saoire gle mhath, ach si'n ad a's daoire 's fhearr. DUANAG AOTRUIM LE iain mac mhurchidh.. Fonn.-—"Flow gently Sweet Afton." Dean cadalan samhach, A chuilain mo ruin; Dean fuireach mar tha thu, 'S tu'n drasd an ait ur, Bidh oigfhearan againn Lan beirtis is cliu, 'S ma bhios tu nad airidh 'S leat feareigin diu, Gur h-ann an Amcrica, 'Tha sinn an drasd; Fo dhubhar na coill e-Nach teirig gu brath, Nuair 'dh 'fhalbhas an dulachd *S a thionndas am blaths, Bidh cnothan is ubhlan. 'S an siucar a fas. 'S ro bheag orm fein Cuid de'n t-sluagh a tha ann, Le 'n cotichean drogaid, 'S ad mhor air an ceann; Le'm briogisean goirid, 'S iad sgoilte gu'm boinn; Cha n-fhaicear an t-osan, 'S e bhochdinn sin leam. Tha sinne 'nar n-Innseanich: Cinnteach gu leoir; Fo dhubhar nan craobh Cha bhi 'h-aon againn beo, Coin-alluidh is beisdean Ag eigheach 's gach froig; Gu bheil sinn 'nar n-eiginn Bhon threig sinn Righ Deors'. Mo shoridh le failte 'Chinn-taile nam bo, Far 'n d'fhuair mi greis 'm arach, 'S mi'm phaisde beag, og. Bhiodh freasgichean donn" Air am bonnibh ri seol Is nionagan dualach 's an gruaidh mar an ros, An toiseach an fhoghir Bu chridhail ar sunnd, Gheibht' fiadh as an fhireach: Is bradan a grunnd Bhiodh luingeas an sgadain, A tighinn fo shiuil, Le 'h Iasgairean t apidh Nach faicteadh fo mhuig. Ri stoirim thairneanach a bhi ann air an t-seachdainn so chaidh, bha Iain Ackeramuigh 's da speal aig air a ghualinn. Thug e ionnsaidh air a dhol fo fhasgadh, ach mun d' rainig e bhual an. dealanach e 's chaidh a mharbhadh. Faisg air baile Chuibec, an la roimhe, thuit duin og do'n abhinn. Leum athair do'n uisge gus a thearnadh ach dh'fhairt. lich air sin a dheanamh. 's chaidh am bathadh le cheile. BARGAIN B'fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, 'san Ti a tha sinn a reic Tha h-uile duin' ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a's fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Nuair a thig thu cheannach uainn innis gu'n faca tu so 'sa Mhac-Talla. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm," Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B LEUG-H SO Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. E Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & co., agus faic na. tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. COMHRADH "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri." "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear." ''Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES ann an Sidni, feadhainn da, 'm b'aithne charadh."