"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach" Vol. I. SIDNI, C. B, DI-SATHAIRNE, DESEMBER 10, 1892. No. 29 SIOSAL & CROWE, Fir - Tagridh, Comhairlichean Notairean, &c. CAILEAN SIOSAL, w crowe ARCHIBALD & CO. CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, SIDNI TUATH, C. B. g. H murray. D. d. mac coinnich. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, SiDNi & AR IC HAT. j. h. hearn. d. a. hearn. D. A, Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc Baile - Sheorais, Eillean Phrionns' Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin Comhairlichean agus Fir-Tag-raidh aig Lagh, Sidni & St. Peter's, C. B. NAIDHEACHDAN. NA SEACHDAIN. Ioseph A. Mac Gillios. A. J. G. Mac Eachuin. Tha soitheach-smuid 'g togail air Amh-ainn Chluaidh an drasda, 's gu de 'n obair a tha roimpe ach a bhi giulain phriosanich a Ruisia gu Siberia! Tha i an a lionadh le cruthan iaruiun ann sam bi ni daoine bochda air an dunadh fad na slighe. Tha Mr. Blaine a bha roimhe so na Run-chleireach na Stai.e a dol gu math am feabhas an deigh a thinneis. Chaidh Seonaid bheag a leigheas. — A Dhaoin-uaisle,—Bha Seonaid, mo nighean bheag-sa, gle dhona leis an La Grippe, agus lean droch casad i. Thug mi dhi Hagyard's Pectoral Balsam 's leighis e i ain beagan uine. Mrs. McArthur, Copleston, Ont. Chaidh "Buck" a chrochadh aig Dor-chester Dior-daoin, air an t-sheachdain s'a chaidh. Rinn moran an dichioll air a chumail o'n chroich ach b'fheudar cluas bhodhar a chumail riutha sin. Tha lagh Chanada ag radh gu'm bi neach sam bith a ni murt air a chroch-adhagus bha e iomchuidh an lagh sin choimhead. Be so a cheud chrochadh a rinneadh an Canada air a bhliadhna so. Tha fios a Vancouver, B. C. ag innse gu bheil da threibh de dh'lnnseanich air taobh a near eilean Vancouver a cogadh ri cheile. Thoisich an aimhreit mu uisge-beatha air an d'fhuair iad greim air doigh eig-inrud is tric a dh'aobharich aimhreit eadar daoine bha gabhail orra fein a bhi na bu ghlice s na'bu chiallich na nah Innseanich. Tha long bheag chogidh air a turus gu aite na comhstri dh'fheuch an urrinn di sith a dheanamh eatorra. Chaidh duine 'mharbhadh faisg air Yarmouth Di-Sathairne s'a chaidh le clach a thuiteam air. Bha e fhein us daoin eile 'g obair air drochaid ur a thogail, 's bha aca ri seann bhalla elaiche leagail. Am feadh 'sa bha iad a deanamh sin thuit am balla gun fhios daibh. Fhuair iad uile teicheadh ach an duine bochd so air an tanig tuisleadh eigin a thug air tuiteann. Mu'n d'fhuair e eirigh thanig clach a nuas agus bhuail i air sa cheann. Bha i cho trom's gu'n tug e beagan uine dhe chompanich a toirt air falbh. Nuair a fhuair iad sin a dhianamh bha 'n duine fathast beo ach gun a bhi aig a thur fèin, 's ann am beagan mhionaidean dh'eug e. Tha 164 bocsa de reiseidean 's de dh'-fhigean dhe gach seorsa ri'n reic saor na fix bocsichean aig C. H. Harrington & Co. Chaidh Alasdair Mac Cuaire, duin og a mhuinntir Port Hastings a bhathadh faisg air Newfoundland toiseach a mhios, s'a dh'fhalbh. Tha e air a radh gu bheil Louis Kossuth air leabidh a bhais ann an Turin 'san: Eadailt. O chionn mios no dha bha e ceithir fichead bliadhna sa deich a dh'aois. Cha robh greadhnachas mor sam bith mu adhlacadh Jay Gould, ach bha gach ni 'sa cheart ordugh sam biodh e mu adhlacadh duine aig nach biodh ceud dolair ri ainm fhad 's bu bheo e. Tha Framuis Mhontreal ag radh "gu bheil am freasdal na's fabhariche do mhuinntir a bhaile sin na tha luchd-reic a ghuail. Thog iad sin pris a ghuail leth-dolair an tunna, na b' airde na bha e roimhe, an duil gu robh geamhradh cruaidh gu bhi aginn, ach chuir ann freasdal side bhriagh' oirnn, 's tha luchd a ghuail air an doranachadh." Ann an New York air an t-sheachdain s'a chaidh dh'eug Jay Grould, aon de na daoine bushaoibhire bha 'sna Staitean, Chan eil fhios ceart fhathast de na bh'aige dhe'n t-shaoghal, ach tha e cinnteach gu robh gu leor aige, ged nach d'aidich e fhein sin riabh. Tha cuid ag radh gu robh tri fichead muilean dolair aige 's tha cuid eile 'g radh gu robh fhortan na b'fhaisge air ceud muilean. Ge air bith na bh'aige 's cinnteach nach mor a fhuair e dheth gu h-onarach. Fhad 's bu bheo e cha robh dad air aire ach a mhath fhein. Na 'm faigheadh e saoibhreas a charnadh suas dha fein bu choma leis de thachradh do mhuinntir eile. Bha muinntir eile uime sin caoin-shuarach mu dheibhinn-san, agus 'nuair a dh' innis na paipearan o chionn mios no dha gu robh e basachadh le caitheamh, cha robh mhoran air a radh dha thaobh an aite sam bith. Agus 'nuair a chaidh a chur fo'n fhod, cha mhor a bha 'ga chaoidh. Na thiomnadh cha d'fhag e sgilinn ruadh aig, eaglis no aig bochdan. MAC-TALLA Tha Mac-Talla air a chur a mach a huile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B, A PHrlS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan...... ......... 0.75 An ceann na bliadhna 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainm ean us tri dolair; gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Talla 'nasgidh. 'Se Mac-Talla 'n aon phaipear Galig 'an Am erica, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas; J. G; McKINNONi Mac Talla, Sydney, C. B; sidni, di-sathairne, desember 10, 1892. Thanig corr us sia mile deug thar fhichead de luchd-imrich gu Manitoba àm bliadhna. Chaidh ceud gu leth teaglach ann a Michigan, 's aireamh mhath as na Staitean eile mar an ceudna. Tha Nollaig us Bliadhn' Ur a nise 'teannadh dluth, 's bidh gach neach a cur ghibhtean a dh'ionnsidh a chairdean. Tha moran dhe na gibhtean Sin nach mair dad de dh'uine, 's nach toir toileachadh sam bith do'n neach a gheibh iad ach fad latha no dha. Ma tha toil agad gibht a chuir gu d'charaid a mhaireas, cuir thuige Mac- Talla. Cha chosg e dhuit-sa ach leth-dolair, 's bidh e toirt do' chairdeis gu cuimhne do charaid à h-uile latha dhe'n bhliadhna; Fhuair sinn litir bho Mhr. Iain Mac Coinnich, Run-chleireach a Chomuinn Ghaidhealich am Baile Hamilton, ag innse gu robh dol gU math leo, 's gu robh iad an duil cruinneachadh a bhi aca "ris an abrar sa Bheurla concert, ach ris an abradh esan na chanain fhein, coinneamh air son ceol 'us aighear." Bidh sinn ro thoileach cluinntinn bhuaithe rithist nuair a cheadicheas uine dha. Tha Comunn ur Gailig air a chuir air chois àm baile Guelph. Bha Comunn eile air n shuidheachadh an New York air a mhios so 'dh'fhalbh. Tha e mar fhiachìbh air neach sam bith a bhios na bhall dhe'n chomum sin gu'n labhir a Gailig, agus feumidh na oifigich bhi comasach air Gailig a leubhadh 'sa sgriobhadh. Tha Comunn Gailig an Toronto o chionn cheithir bliadhna deug's tha e nis beoth-aile 's nis laidire 'n diugh na bha e riabh roimhe. Tha iad san a tha nam buill dhe'n chomunn sin g'e dhileas do chainnt an sinnsear, 's ma leigeir air di chuimhn' i cha bhi coire sam bith ri chuir orra san. Gach geamhradh 's abhist daibh sgoil Ghailig a bhi aca 'n co-cheangàl ris a shornunn air feasgar Disathairne. SOP AS GACH SEID, Tha M. L. ag radh gu bheil moran de pharantan Gaidhealach ri'n coreachadh air son an clann a bhi deanamh di-meas air a Ghailig. Tha e 'g radh gur tric' a chluinnear parantan a labhirt rin cloinn mar so; "A Sheònidh ruith do'n chreek 's thoir a stigh bucket uisge." "Jessie fosgail dorus na h-oven feuch a bheil an t-aran done." "Murdoch, cur umad t-overcoat mu'n teid thu mach; tha 'n oidhche cho chilly" agus mar sin sios, gus ma dheir-eadh nach bi a chlann comasach air Gailig a labhirt ged a bhiodh toil aca dhi. Cha bhi aca ach pronnasg de chainnt nach Gailig no Beurla, ach a tha coltach ris mar a bha Gilleasbuig Mac 'ic Mhurch-idh ag radh mu urnigh Mhr Shu tir, "cuid dhi na Gailig, 's pairt dhi na Beurla, cuid dhi na h-Eabhra, na Laidinn, 's na Greigis 'sa chuid nach tuig cach, bheir e gair air Fear-Gheusda." Bha duine coir ris an abair sinn Iain aon la 'sa choille a gearradh chraobhan. Thachir do aon chraoibh mhoir a bha e leagail tuiteam an rathad cearr 'sa bhea-tha chuir an cunnart. Tharr e as co dhiu, agus air dha bhi 'g innse do dhuin eile cho teann sa chaidh i air a spadadh, thubhirt e,~ "na'm biodh i air bualadh orm 'sa cheann mhai bhadh i damh!" Tha duin og foghlumichte de dheagh theaghlach ann an New York, a cuir fios ann am paipear, 's ag radh gu'm pos e te bheairteaeh sam bith a bheir alrgiod dha a cheannicheas litir-dhealich do'n bhean a tha aige, leis nach urrinn dha cuir suas! *** Bha spiocaire duine ann an New York aig an robh moran de dh' airgiod paipear air fhalach ann am bocsa fiodha na thaigh. Air reir coltais cha robh tamhachd 'san taigh ach e fhein 's teaghlach no dha de luchinn. Bha e cho gleidhteach air a storas 'sa b' urrinn dha, 's be'n fhior eigin a bheireadh air dolair a thoirt as. Chaidh e chunntas a chuid airgid an la roimhe's fhuair e gu robh na luchinn an dèigh nead a dheanamh dheth, 's gu robh e air a gheàrraah na phiosan cho beag 's nach robh feum sam bith ann! Tha Sir Iain Thompson a nise na Phriomh Mhinisteir air Canada 's tha e 'n drasda cruinneachadh a luchd-cuidichidh mu'n cuairt da; Tha sinn an dochas gu'n dean e fear-riaghlidh glic, 's gu'm bi gach reachd a ni e fein 'sa cho-luchd-dreuchd a chum math na ducha. Tha J. A. Lawson, Charlottetown, P. E. I., a sgrìobhadh: Bho bhi gabhail K. D. C, theid agam air a mholadh dhaibh-san a tha fulang le droch stamag. 'Saithne dhomh feadhinn eile 'sa bhaile so a fhuair faochadh mor agus leigheas le bhi gabhail ur cungidh-leighis.' Riaghiltichidh e 'n stamag, an gruan-'s na h-airnean, glanidh e 'n fhuil 's bheir e air falbh a h-uilè neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ, LEIGHSlDH E DRoCH stamag, CEANGAL-CUIM, TEINE-DE, DomLasaCHD, Ceann goirt; easba-braid, LOSGADH-BRAlD STAMAG GHEUR, TUAinEALICH M EUD-BHRONN, LOINE, GALAIREAN CRAICINN. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh.; Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B; LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giul-ain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhùit Cairt-Rathaid air $22: Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cha math aig an tigh D.W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C; B. fogradh nan gaidheal. xii. cataobh. A chionn gun robh a' Bhan-Iarla Chatach a fuireach ann an Stafford an Sassonn dh'fhag i riaghladh na ducha ann an Cataobh ann an lamhan nan daoine bruideil sin, Mr. Young agus Padruig Cellar. Lean iadsan air an obair aingidh, agus air a' bhliadhna 1811 chiteadh a' siubhal sios us sims air feadh na tire Gàill bho mhachair Alba, a' gabhail beachda air an fhearann mun tairgeadh iad mal sam bith air son nan gabhalaichean. Oir thugadh bairlinn do mhoran dhe'n tuath gus an cur air falbh as an tighean, a chionn gun robh an tir gu bhi air a roinn na h-earrannaibh farsainn, air aon gabh faichean morachaorach a dheanamh dhith. Bha eagal an cridhe air na Gaill luinn- seach, fhadchasach so, gum faigheadh iad droch laimhseachadh bho'n t-sluagh a bha iad a' dol a chur a mach as an dachaidh-ean, ach cha riugeadh iad leas, oir bhain na Gaidhil bhochda gu siobhalta riutha, agus chan e sin a mhain ach thug iad aoidheachd agus biadhtachd dhaibh gu fìaluidh. Gidheadh bha eucorach mal- * * luichte de Raòideach (Reid) ann an Sgireàchd Chill-donnain, Gall slaodach, cladaireach gun rath, a thog tuairisgeul air buidheann de luchd-sgireachd Chill donnain gun robh iad 'ga ruagadh gu ghlacadh air son droch caramh a dheanamh air. Cho luath 's a chula Young agus Padruìg Sellar am faoindealbh sgeoil so, leig iad orra bhi air chrith leis an eagal, oir rinn an cogaisean fhein cladhairean dhiubh,agus chruinnich iad ri cheile eadar eàdar tri fìcheod agus ciad Gall, Gall, an leanmhuinnichean agus an seiobh-isich fein, a rinn iad a mhionnachadh mar mhaoir agus mar chonstapuill. Chaidh iad an sin agus chur iad as ordugh na gun-nachan-mòrà a bha aig Caisteal Dhun-robainn, a bha nan laidhe gun fheum bho linn bliadhna Thearlaich. Chuir iad le cabhaig a mach teachdairean a ghairm an t-sluaigh a staigh a dh-ionnsuidh a' Chaisteil agus rinn moran deas gu umh-lachd a thoirt do 'n ghairm. Ach fhuair a bha iad mar uigh© sia mile do 'n Chaisteal fhuair iad sanus mu ais-innleachdan nam 'Factor, agus rinn iad stad. Chaidh iad an deigh sin a dh-ionnsuidh an Tigh-Osda ann an Goillspidh gu coinneachadh ris na 'Factoran. Thainig na seoid so leis an t-Siorràmh agus le maoir us tarraidean; dh'innis iad do'n t-sluagh gun robh feadhuinn diubh gu bhi air an glacadh 's an cur do phriosan ann an Dornoch fo amharus ùr sòn ionnsuidh a thoirt air beatha an Raoidich. La aon ghuth ghlaodh an sluagh gun robh iad neo-chiontach, agus nach leigeadh iad le h-àon sam bith dhiubh bhi air an glacadh san cur am priosan air son a leithid sin de leisgeul breige. Leugh an Siorramh dhaibh an sin reachd ris an abrar Achd na Tuaireap (Riot A-ct), rud nach b'aithne do na Cataich bhochd agus nach tuigeadh iad; ach sgaoil iad agus dh'falbh iad dachaidh ann an sìth. Ghabh na Factoran orra bhi fo eagal; leum iad suas nan diollaidean air na h eich, agus ruith iad thun a' Chaisteil air son didein fo fhasgath nan gunnachan mora. Chuir iad fios gu Gearrasdan Aird nan-Saor (Fort George) air son buidhean shaighdearan, a chur fodha na ceannairc ann an Cataobh. Chuireadh Reiseamaid Eireannach a sin, a bha triall a latha 's a dh oidhche, astar leth-cheud mile, le airm agus uidheam-gunnaireachd. Ach nuair a thanig iad cha robh luchd-ceannairc ri fhaicinn no ri fhaotuìnn, agus phill iad dachaidh gu'n taighean-feachd ann an Aird-nan-Saor, coltach ri basthairean a chuireadh air thurus breige le teach daireachd mhealltaich air latha na gogaire-achd deireadh an Earraich. D. B. B. Bha oraid ghasda air a liubhìrt an Eag-lis St. Andrew's 'sa bhaile so feasgar Di-mairt s'a chaidh leis an Urr. R. S. Mac-Leoid, as an Oban. Bha aireamh mhath cruinn, 's labhir an duin-uasal sin fad uair no dha mu thimchioll a ghluasid a bha measg nan Gaidheal a thaobh an fhearinn. Dh'aithris e gu mionaideach na h-aobhar an a bha aig na croitearan air eirigh an aghidh nan uachdran, na ceumannan a ghabh iad gus am mal isleachadh, 's na croitean a dhianamh na bu mho, agus cho-dhuin e le beagan soluis a thilgeadh air staid nan croitearan an diugh. Bha mhor-chuid dhe na bha lathir ro-dheonach air eolais fhaotinn air cor an cairdean sa Ghaidhealtachd, agus 'se ar barail fhein gun d'fhuair iad cuibhrionn mhath. Tha Mr McLeoid gle mheasail air a dhuthich, '8 chan aicheidh e gur Gaidheal e ge be aite 'm bi e, -- Guireanan air an leigheas—A Chairdean,—An 1880 bha mo chraicionn air a lionadh le guireanan, gus ma dheireadh dh'fheuch mi Burdock Blood Bitters; an deigh dhomh tri botill gu leth ol bha mi air mo leigheas gu h-iomlan s chan urrinn mi moladh gu leor a dhian-amh air. Mrs. Seumas Desmond, Halifax, N. S. PHOS. A. J. PEUTAN FEAR-ADHLACIDH, Aig Loch Ainslie, Nobhember 23, leis an Urr. Alasdir Grannd, Murachadh A. MacGilleain, Strathlorne ri Mor Nic Gilleain, Loch Ainslie. DHEUG, Aig Port Hastings, Nobhember ìi, Allain Caimbeal, 63 bliadhna dh'aois. Aig a Loch Mhor, Gabarus, Nobhember 22, Fionn-Iadh Domhnallach, 70 bliadhna. Aig Amhinn Dhennis, Nov. 28, Isabel Nic-an-t-Shaoir 63 bliadhna dh'aois. Aig Westville Nobh,23. Fiongha1, bantrach Ruairidh Shiosail,75 bliadhna dh'aois. CISTEACHANLAIDHE BHO $2.00GU $90.00. Anart us Lion-aodaeh dhe gach seorsa, Deiseàchàn-Donna, Curraican, Lamhann-an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma'seUIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F, Falconer & a mhac, Tha iad an deigh a chuid à's mo dè bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, 's bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, tria'ng, valisè, maileid no ni sam bith dhe'n t-sheorsa sin na's saoire na gheibh tuu 'n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a sheall tuinn. Mà tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. B. Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatainn air laimh an comhnuidh 's air ain reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE Tha Flur, Min, Siucar, Ti, tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR murt nan eigeach. [Tha sinn a toirt a chunntais a leanas air a mhurt imoraiteach so "Eachdridh na ft-Alba"'a bha air a sgriobhadh leis an Urramach Aonghas Mac Coinnich. Cha mhor de luchd-leubhidh a phaipear so nach cuala iomradh uair no uair eigin air Mura nan Eigeach agus tha e iomchuidh gum biodh eachdridh na thachir aig an am sin air a thoirt daibh bho thoiseach gu deireadh ] Bu le Clann Domhnuill uachdranachd nan eileanan a siar araon mu'h tainig na Lochlunaich agus greis an deigh dhoibh falbh. Ach bha Clann Leoid, treubh shumhachdach, aig an robh moran fear-ainn air a' mhor-thir, a' briseadh, a steach an drasda 's a-ris, an cuid de na h-eilean-aibh, 's ga 'n toirt o Chlann Domhnuill. Fhuair na Leodaich lamh an uachdar 's an Eilean Fhada, agus 'm, pairt de. 'n eilean Sgiathanach, gu maith trath 'an eachdraidh nan duthchan sin,ni a bha togail naimhdeas mor, a bha leantuinn o linn gu linn eadar iad fein 's na Domh-hallaich. Bu leis na Domhnallaich eilean Eige mu'n am am bheil ar n-eachdraidh a ni Thachair air la araidh gu'n tainig eithir bheag air tir an Eige,. le dithis, no thriuir de Leodaich. Cha do chuireadh grabadh sam bith orra car greis an deigh a dhol air tir. Ach air dhoibh a bhi air an coireachadh air son mi-stuaimeachd eigin, rugadh air na Leodaich 's cheangladh eadar lamhan 'us chasan iad, 's chuireadh 'na 'n eithir fein iad, a leigeadh air falbh leis a' mhuir, 's leis a ghaoith. Thachair bat' a. bhuineadh do. Cheann-cinnidh nan Leodach ris na Giomaich thruagh so, 's. thug iad gu sabhailt iad gu Caisteal Dhunbheagain, far an robh MacLeoid a' fuireach. Dh'in-nis na daoine facal air an fhacal do Mhac Leoid mar a laimhsich muinntir Eig' iad. Chiuinnich 'us dh'armaich Mac Leoid feachd lionmhor, leis an do lion e 'chuid bhataichean gus an torachd a thoirt a steach. An uair a chunnaic na h-Eigich an cabhlach a' dluthachadh ris an eilean, 's a thuig iad c'àrson, chaidh iad ga'm falach fein 'an uamhaig mhoir, air nach robh ach dorus cumhang, agus allt a' sruthadh sios 'an eudan na creig' a bha 'foluch an doruis. An deigh do na Leodaich tighinn air tir, 's an- t-eilean a rannsachadh, thairis agus thairis, cha 'n fhaigheadh iad duine; ach gheibheadh iad pail tears creiche.. Chaidh iad air bord a nis gu falbh; ach.thainig fear eigin amach as an uaimh a shealltainn air fath ach an robh iad air falbh tha iarainn an eilein; 's thug na daoine bh'air bord's a' chabhlach an aire do 'n duine so Thainìg iad air tir a ris, 's mar a bha sneachd air an talamh, lorgaich iad an duine gu beul na h-uaimhe. Chuir Mac Leoid fios thun na muinntir a bha stigh, iad a chur a nach thuige-san na feadhainn a rinn an t-ainneart air a luchd cinnidh, 's gu'n deanadh e riu mar a thogradh e. Cha deanadh iadsan sud, no taing, 'an duil nach bu chomasach dha olc sam bith a dheanamh orra co dhiu. Thug an Leodach air a chuid daoine cladhan eil' a dheanamh do'n eas a bha 'foluch beul na h-uaimhe, 's thug e orra na gheibheadh iad de chonnadh tioram a thorradh suas 'am beul na h-uaimhe 's chur e ri thein' e. Chum iad an teine sìn a' losgadh re iomadh uair a thim, gus an do mhuchadh a huile duine bha 'san uaimh. Bha mu'n cuairt do dha mhil' ann diubh, eadar bheag 'us mhor, 's cha tainig duine beo a mach aisde. Cha seanachas tormadach so, ach an tul fhirinn. Tha urlar na h-uaimhe gus an la 'n diugh a' fianuiseachadh gu 'n do thachair a leithid, Air a dhianamh le sgil —Tha Dr. Wood's Norway Pine Syrup, an leigheas a's fhearr a gheibhear an diugh air casad-ich, cnatan, tuchadh, cuing,amhach-ghoirt 'sa h-uile tinneas sgamhain, air a dhian-amh dhe na luibhean 'sna cairtean cliabh-ail a's fhearr, agus areir nan seol is ealanta 's is eagnuidhe, 's bheir e faoch-adh do neach an uine ghoirid. Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, 's am cholera cho faisg? Ni D. MAC 'ILLINNEAN TAILEIR, Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa. agus e ri reic gu saor, do stamag -fàliàm>'s; do dhion; on. cholera.. Math ar Duthcha tim 'mur beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlau a's fhearr ann an Sidni's tha sinn 'g an reis na's saoise na neach sum bith eile. Tha 'm Mur aginn leth dolar na's saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaor tha gach ni air a reic aig a phris-a's isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar, sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do'n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn-radh a's fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. _*_Sidni, c. B,. COMHRADH. Sampull anasgidh g.u nach sam bith.. K..D, C. COMPANY, Ltd, New Glasgow,. N. S., Canada*. Ainmich.am paipear so«. "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri.!' "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' ''Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mail riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se-cho gliogach 's nach b' Urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?" "0, nach be cheist e! Charaich: GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn, da 'm b'aithne charadh.''