"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach." vol. i. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 11, 1892. No. 3. E. T. M95ELEY, Q. C, Comhairliche, Fea* - tagraidh ¦ Murray, & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, S1DMJ TUATH, C. B. G. H. MURRA.Y. d. d. mac coinnich. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, SIDNl & ARICHAT. J. H. HEARN. d. a. hearn. SEUMAS A. CAIMBEUL, Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac' agus Sigars. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E. Peters ri F. Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair ain air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FAL-CONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a's fhearr a tha m Boston. acfhuinn each dhe gach seorsa air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892, le n. macleod. Air Fonn;—"Faigh a naws dhuinn an botal" Chaidh an t-oran so a dheanamh aig an am 's an robh a' Chathair Ghaidhlig air a suidheachadh ann an Duneid- ean. Gur binn leam an sgeul ud A leubh mi Diluain, Mu Chathair na Gaidhlig An trath 'bhi suas 'Us canan nan armunn Nach d' fhailing's an ruaig, An diugh mar 'bu chor dhi Toirt eolais do 'n t-sluagh. 'Mhic Fhionghain a charaid' Bi fearail 's bi cruaidh, Gu eachdhraidh nan laoch ud. A sgaoileadh le buaidh, 'Us lanachd na Gaidhlig, A bardachd a duain, 'S an dileab a dh'fhag i Dean laidir 'us buan. Thoir fios do na garlaoich Le'm b'fhearr i 'bhi marbh, A dh'aindeoin an cainidh Nach fhag iad i balbh; Ach mairidh i laidir Gun fhailinn 'n a dealbh, Cho cinnteach ri canain A Babail a dh'fhalbh. A' chainnt a rinn cliuteach Dhuinn duthaich nam beann, 'Us canain ar sinnsir Na diobradh an clann; 'S i dhuisgeadh gu sunnt iad 'N am rusgadh nan lann 'S cha chuir sinn air chul i Le muiseag nan Gall. 'Us cairdean na Gaidhlig Nach d'acheidh i riamh, Nach fhuilig a reubadh 'S a dh'eireas 'g a dion, Ged' sgaoileadh bho cheil iad Le eucoir nach b' fhiach, Tha spiorad an sinsir 'Nan innitinn's 'nan gniomh, 'S bidh fhathast a cairdean Mar 'bha iad bho chian, An duthaich nan ardbheann An aite nam fiadh; Gu curanta laidir Gu blath-chridheach fial, 'S an comhradh gach la Ann an canain nam Fiann. 'S ri cogadh no tagradh A bhagras ar crun, Ma thogair a' bhratach Ri caismeachd a chiuil, Theid nuran nam breacan Mar 'chleachd iad bho thus. Air toiseach nan gaisgeach Gun taise 'n an gnuis. LITIR bho dr. blair. An Lagan Uaine. 6mh la, Iun, 1892. Is taitneach leam a bhi faicinn paipeir uir ann an Gaidhlig d'an ainm Mac-talla. Tha mi an dochas gun cumar suas e leis na Gaidhil a ta anns an duthaich uir so, a chum 's gum bi e da rireadh 'na Mhac-talla a' co-fhreagairt do'n Ghaidhlig a ta air taobh thall a' chuain nihoir a tha eadar sinn fhein agus tir nam beann, far an do ghabh ar sinnsear comhnuidh bho shean, agus far an d' areicheadh cuid dinn fein mar an ceudna. Tha mi duilich a bhi faicinn an fhacail ghallda ''subscriber," ann an toiseach a phaipeir mar gum biodh a' Ghaidhlig cho bochd, gann-bhriathrach. agus gum feum-adh i facail-iasaid a ghabhail bho chainnt nan Gall. Theirinn-sa gabhaltaiche, no gabhaltaichean ris an fhear, no ris an dream a tha a' gabhail a' phaipeir. Tha gabhaltaiche a' ciallachadh neach a ghabhas mir fearainn air mhal, agus nach 'eil an t-ak»sn freagarrach dhoibh-san a ghabhas am Mac-talla? Nach e am Mal bliadhnail a tha air iaraidh air a shon Leth-Dolair? Cha mhor am mal e, agus cha chreach e Gaidheal sam bith a phaigh-eadh, air cho gann 's gum bi a sporan. Tha mi an dochas uime sin nach bi e 'na ni deacaircoigciad gabhaltaiche fhaotainn a ghabhas am Mac-talla. D, B. Blair. Tha Ard Sheanadh na h-Eaglais Chleir-eachail Canada 'na shuidhe ann am Montreal 'Se Principal Caven an ceanna suidhe. Tha tuiltean mor' ann an Ontario 'Niar. Tha'n t-uisge sileadh nis truime na bha e o chionn corr 'us deich bliadhna. MAC-TALLA. Bi'dh Mac-Talla air a chuir a mach uair 'san seachdainn air madainn Di-Sathairne. A phris 50 sent 'sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite 'm bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas Mac-Talla, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach ni dhe'n t-seorsa sin a bhi sgriobhte aon taobh dhe'n phaipeir. seolaibh gach- litir 'us eile gu J. G. McKINNON, MAc-Talla, Sydney, C. B, SIDNI, DI-SATHAIHNE, IUN 11, 1892. Neach sam bith a chuireas sia ainm-ean agus tri dolair g'ar n'ionnsaidh, gheibh e fhein Mac-Talla 'nasgaidh fad bliadhna. Feumaidh an t-airgiod tighinn leis na h-ainmean. Cia meud choisneas Mag Talla air an doigh nach sealladh 'na aodann nuair a bha e na dhuine, Sann mar sin is coir do mhuinntir a bhi faiceallach. Cha'n eil fhios aca de dh'fhaodas tigh'nn mu'n cuairt. Tha sin a tuigsinn gu bheil an t-Urr. A. MacIllean Sinclair an deigh leabhar ur Gaelig a chuir a mach. Cha'n fhaca sinn an leabhar so fhathast, ach tha sinn cinnteach gur math is fhiach e leughadh nuair a thig e. Cha'n urrainn dha gun bhi math, 'ae tigh'nn bho pheann an fhir a dheasaich "Clarsach na coille." Tha Fianuis Montreal ag radh: Fhuair sinn a cheud aireamh de Mhac Talla, paipear Gaelig a th'air a chuir a mach ann an Sidni, C. B. 'Se cheud phaipear Gaelig a chuireadh a mach 'ac Canada, agus is cuir do gach neach aig am bheil meas air ''cainnt Eubh" a bhi cuideachadh leis. Tha Gaeil na Beinn' Rioghail a deanamh oibhneas mor ris." Tha sinn a cluinntinn gu bheil cuid a' gearan air cho beag sa tha Mac Talla. Cha'n eil sinn a dol as aicheadh sin idir. Tha Mac-Talla gle bheag, gu dearbh. B'e ar miann e bhi mor, 's tha sinn an dochas gu'm bi e mar sin fhathast. Tha, mar an ceudna, phris beag, ach cha tug ar cairdean gearan-ach iomradh air sin; cha tugadh ged a reiceamaid e air coig sentaichean an dusan. A charaid; Thainig a cheud aireamh de Mhac-Talla gu laimh an diugh, agus gu cinn-teach tha mi ro-thoilichte leis, agus tha mi'n dochas gu'n dean cairdean sa Gaelig anns gach aite nis urrainn daibh arirson a chumail suas. Bidh moran ri gearain a chionn nach eil a ghaelig air a labhairt cho tric sa bha i aon uair agus bithidh iad sin gu tric a ruith sios na muinntir "a tha fas nan goill." Tha cothrom a nis air a thoirt daibh sin air a Ghaelig a chumail suas le bhi gabhail a phaipear so agus le bhi sgriobhadh air a shon cho tric 's s's urrainn daibh. Aig an am so innsidh mi dhuibh sgeul bheag mu thimchiol amadan a bha uair eigin ann an Alba. Anns an duthaich sin bhiodh moran de leth-chiallaich a dol mu'n cuairt, agus bha cuid dhiu a bha gle ghleusda. Chaidh am fear araidh so do'n eaglais aon la agus 'nuair a bha'n searman a dol air adhart, thuit an sluagh uile 'nan cadal. Tha e coltach gu'n robh am ministear ni-eigin eadalach e feinr ach 'nuair a chunnaic e mar a bha an sluagh, bheothaich e suas agus thug e ach'asan laidir dhaibh, ag radh "Duisgibh? Duis-gibh! Nach eil nair oirbh idir! sibh uile n'ur cadal ach an t-aon amadan bochd a tha n'ur measg!" Cha do chord so ris an amadan agus dh'eirich e na sheasamh agus fhreagair e: "Tha, a mhinistear, sin mar sin. Tha iad uile 'nan cadal ach an t-aon amadan bochd, ach creid mise, mur bithinnse 'nam amadan, bhithinn nam chadal maile ri cach!" Co bu ghlice, aig an ann ud, am Ministear no'n t-amadan. Le bhur cead, sgriobhaidh mi rithist, Coinneach. bho "GHAIDHEAL." Cha'n eil e ceart do mhuinntir a bhi deanamh tair air mithean beaga; 's iomadh aon a rinn- sin, air an robh aithreachas a rithist. Tha cno na ni gle bheag, ach cuir 'san talamh i agus an ceann bhliadhnaichean, tha i na craoibh mhoir air nach dean duine glic sam bith taire. Air leinn gur h-iomadh aon a dheandh tair air Ruonaparte nuair a bha e 'na leanabh, Fhir Dheasachaidh: Chunna mi'n chiad aireamh de'n Phaipeir Ghaidhlig a tha sibh a cur a mach. Thaitinn e rium gle mhath. Cha'n eil Mac-Talla ach beag, ach 's duallach gur h-ann a fas a bhitheas e. Cha 'n urrainn sinn a radh ma dheibhinn mar thuirt am fear dona na mhisg: "Tha bhean agam beag, 's tha i erubach, s tha i grannda." 'Scoir do Ghaidheil na Duthcha gu h-iomlan cul-tais a dheanamh riut nad' oidhirp chuitich. Tha mi'n earbsa gu'n deid clar-ainm do chusbadairean a miad o latha gu latha, air ait 's gun cinnich am paipeir ann a neart, tuigse, agus meudachd. Buaidh agus piseach gu'n robh air do thaigh. Anns a litir so tha mi cur ad ionsaidh aon dollar an teisteas air mo run math dhut nad shaothair. Ghaidheal D. MAC 'ILLINNEAN, TAILEIR, Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear am aite sam bith. TAGHAIL. AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR ! THA E. C. NIC FHIONCHAIN SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa,Canndaidh;. Brioscaidean,. Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti,Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. Feuch gu' ruig thu an ACADIA HOUSE, far am faigh thu deagh bhargan LEINEAN & COLAIREAN. ADAN AGUS CIP. ANART & CAILEAGU (air gach p FLUR AGUS MIN naidheachdan na seachdainn. Chaidh muileann-sabhaidh. a losgadh faisg air Fredericton, N. B , a bh'fhiach faisg air $20,000. Mharbhadh 1,200 duine leis an stoirm a bh'ann am Mauritius. (faisg air Africa) aghus chaidh 4,000 a leon. Shuidh ochd duine fichead aig dinnear air bun craoibhe faisg air Tacoma, Wash-ington, an latha roimhe. Tha'n t Urr. Dr. Siosal, Sagart Des-cousse, a dol gu Antigonish an uine ghoirid. Tha e air a radh gu bheil e gu bhi na fhear-deasachaidh do'n Casket. Tha e coltach gu'm bi am barr gle mhath ann an Russia air a' bhliadhna so. Tha e na aobhar dochais nach bi gort anns an duthaich sin air chabhaig tuilleadh. Chaidh $150 de chain a chuir an N. A. Ros, Truro, air son deoch-laidir a reic ri Innseanach. Da latha roimhe sin chaidh $50 a chuir air, air son a bhi reic an stuth cheudna. Tha Priomhair Cobson, a Columbia Bhreatunnach, ann am Breatuinn an drasd ag iarraidh Croitearn Gaelach a thogas fearan air cladach a Chuain Chiuin (Pacific Ocean ) Chaidh mein airgid 'na teine ann an Austiia air a cheud lath dhe'n mhios agus chaidh corr us da cheud meineadair a mharbhadh. Cha'n eil fhios ciamar a thoisich an teine. Tha plaigh ionga'ach am measg a chruidh ann am Mexico 'san Arizona. Tha ceann na h-ainmhidh ag at suas, agus crith a tigh'nn air, 's tha e toirt a bhais an uine gle ghoirid. Cha d'fhuaradh iomradh air Kennedy, Glace Bay Bheag, fhathast. Chaidh na daoine bha 'g ol maile ris, am feasgar a chaidh e air chall, a thoirt a Montreal gu cuirt a sheasamh ann an Sidni, ach do bhrigh nach robh dearbhadh sam bith 'nan aghaidh fhuair iad ma sgaoil. Tha feill mhor ri bhi ann an Chicago air an ath bhliadhna ris an abrar Feill an t-Saoghail. Tha gach rioghachd 'san Roinn-Eorp, Canada, agus iomadh duthaich eile 'deanamh deiseil air a son, agus tha gach aon a feuchainn ri bhi air thoiseach air cach. Tha teann air ceithir cheud bhiadhna bho'n chuir Columbus a cheud eolas air America, agus 'sann mar chuimhneachan air an duine mhor sin a tha'n fheill so ri bhi air a cumail. 'S beag a shaoil Columbus fhein, 'nuair a bha e beo, gu'm biodh an Saoghol uile 'n diugh a toirt urram dha. Tha 10,000 tinn leis a 'Ghrip' ann am Beunos Ayres, Ceann-Deas America. Tha'n t-iasgach gle mhath aig Gabarus. Tha e air a radh gu bheil an acarsaid beo le rionnach. Tha'n gaspero gle phailt aig Margaree. Chaidh factoridh-chaise 'chuir na teine aig an Abhain-Mheadhonaich air 31mh Mai« Cha'n eil fhios co rinn an droch ghniomh so. Tha 1,975.000 acaire fearainn ann an Alba fo na feidh, 's tha na h-uachdrain a faighinn £400,000 'sa bhliadhna mar mhal air a shon. BARGAIN Aig Hantsport, N S., chaidh gille beag sia bliadhna 'dh'aois,do'm b'ainn Grey,air chall anns a choille. Bha e an sin bho choig uairean feasgar Dirdaoin, gu meadhon-latha Di-domhnaich, nuair a thainig e mach sia mile bho'n aite o'n d'fhalbh e. Tha e 'g radh gu'n robh e 'g itheadh measan beaga agus duilleagan anns a choille's gu 'n robh e 'cadal nuair thigeadh an oi'che. Bha 'chuid aodaich gle thana's cha robh ad no ni m'a cheann. Bha stoirm uisge ann oi'che Dihaoine, agus tha e iongatach ciamar nach do mheilicheadh e. Tha na paipearan ag radh moran mu dheibhinn Dr. Buchanan. Dhealaich an duine coir so ri 'cheud bhean ann a Halifax,agus phos e bean eile. Chaochail i so ann an New York o chionn beagan uine,agus thainig esan air ais gu Halifax, far an robh a cheud bhean. Chaidh iad le cheile a sin gu Windsor far 'n do phosadh iad an darra uair. Tha e air aithris an drasda gu'n chuir e as da'n bhean eile leis a phuinnsean, agus tha luchd-ceartais a rannsachadh na cuise. Tha 'cheud bhean an deigh fhagail a rithist 's air a dhol air ais gu Halifax. Tha rioghachdan na Roinn-Eorpa gle an-earbsach as a cheile. Tha eagal air an darna rioghachd gu'n tig an rioghachd eil' oirre gun fhios. Tha'n Fhraing a feitheamh ri cothrom math fhaotainn gu dioghaltas a dheanamh air a Ghearmailt air son cogadh 1870-71 ged is i fhein a thoisich an cogadh sin. Tha 'Ghearmailt ag ullachadh air son na Frainge. Tha Russia 'feuchainn ri cothrom fhaighinn air an Tuirc, agus mar sin sios. Tha iad uile air an lan armach-adh agus a feitheamh ris a cheud bhuille. Tha e cho docha nach bi cogadh ann gu ceann aireamh bhliadhnaichean fhathast, ach tha e tighinn, agus bi'dh e na chogadh eagallach. Cha'n eil teagamh nach biodh spog aig Breatuinn ann mu'm biodh e seachad, agus aig rioghachdan eile mar an ceudna. Tha Breatuinn na h-aonair a gabhail a ghnothuich air a socair 'sa feuchainn ri cuisean a cheartach-adh aig an tigh. B'fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, 'san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin' ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a's fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orra anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar BHO C. S. J0ST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RI BINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor mar a's ail leat. Tha'n ad a's saoire gle mhath, ach si'n ad a's daoire 's fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pian os agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B, FAICIBH SO Tha Mac-Talla ri reic gach seachduinn anns na h-aitean a leanas: Sidni, Iain A. MacCoinnich. Sidni Tuath, Wilson & Co. Pictou, Seumas Mac 'Illeain. CUNNART ANTOMI. Anns na laithean a dh'fhalbh, fada 'n deigh do Cholumbus cas a chuir air tir ann an America, bha duine do'm b'ainm Antoni a ruith Carbad a Phuist air mir do'n rathad eadar so 'us Caolas Chanso. 'Nuair a bhiodh na roidean air an tachd-adh le sneachda 'sa gheamhradh, bu tric le Antoni bhi gabhail na deighe, ni a bha air uairean gle chunnartach. Latha de na laithean, bhrist an deigh, 's thoisich e fein 's na h-eich air a dhol fodha. Na eigin ghlaodh e ri fear-siubhail a bha comhla ris, "Sabhail na mails! Sabhail na mails!! Ma theid mise 'bhathadh, 's gu'n caillear na mails, ni am Moireastanach mo mharbhadh!" (B'e am Moireastanacha mhaighstir.) Gu fortanach cha do bhath-adh Antoni 's cha roho chailleadh na mails, agus air an aobhar sin tha Antoni gun a mharbhadh fhathast. RANN. Meirle dheanarah air a' mheirleach, Gu'm b'e sin a' mheirle bhorb; Cha'n eil taobh a theid a' melrleach, 'Nach 'eil meirleach air a lorg. 'Se'm buileachadh 'ni'n cruinneachadh, 'Se'n cruinneachadh 'ni sguaban, Na sguaban 'ni na mulanan, 'S na mulanan na cruachan. Bha Sasunnach beag neanbh uair a sealgaireachd air a Ghaeltachd. Bha aige mar fhear-iuil,Gael mor, fad chasach, a bha aig a cheart am air mhisg. Bha iad a direadh beinne, an Gael air toiseach 'san 'Sasunnach bochd, 's aonach air, a tigh'nn na dheigh. Bha na cuileagan gle dhona, ach cha robh iad a beantuinn do'n t-Sasunnach. "De ars esan "is coireach nach eil na cuileagan riumsa mar tha iad riutsa?" "O" arsa Calum, 'se deanamh gaire beag ris fhein, "dh'fhaoidte nach fhac iad thusa fhathast.' " Tha baile Venice, an ceann-tuath na h-Eadailt, air a thogail gu leir air eilean-an, 's tha na sraidean uile lan uisge. Tha moran de'n t-sluagh nach robh mach as a bhaile riamh, agus nach aithnicheadh each ged chitheadh iad e. Thug fear-ioghnaidh aon do'n bhail' uair, agus phaigh moran tasdan air son cead fhaicinn, an duil gur h-e bh'ann dragon no beathach oilteil dhe'n t-seorsa sin. Tha'n Ooil-thigh a's mo air an t-saoghal, anns an Eiphit, duthaich anns nach rach-adh nach sam bith 'ga iarraidh. Tha aona mile deug foghlumaich' ann. Chuir an Soitheach-smuid "Harlaw" air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, SIDNI TUATH, C. B. 150 baraile Siucair, 250 " Fluir, 100 " Min Choirce, 10 " Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. Tha so air a chumail do D. W. MACFHIONGHAIN, Sidni & Sidni Tuath. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & co., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, COMHRADH. agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nan beachd. "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri.'' "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.'' "Cha'n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'sd cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich.'' "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni; feadhainn da 'm b'aithne charadh."