"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach. Vol. I. SIDNI, C. B., DISATHAIRNE, DESEMBER 17, 1892. No. 3O. SIOSAL & GROWE, Fir - Tagridh, Comharlichean Notairean, &c. CAIlEan siosal. w crowe. ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c, SIDNI TUATH, C. B. G ii murray. D. D. mac coinnich. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c, &c, SIDNI &. ARICHAT. G. h. hearn d. a. hearn D. A, Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc, Baile - Sheorais, Eillean Phrionns' Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tag-raidh aig Lagh, Sidni & St. Peter's, C. B. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINE. Na innis do dhuine 'm feasd gu bheil e na amadan. Leig leis gus am faigh e fhein a mach e. Tha 150 bocsa de reiseadean 's de dh'fhigean ri'n reic saor nam bocsichean aig C. H. Harrington & Co. Dh'eug Sir Adams G. Archibald a bha na fhear-lagha tapidh agus na bhall ann am pa lamaid Nobha Scotia fad iomadh bliadhn-na, aig Truro Di-ciadain s'a chaidh. Tha Ceap Breatainn 's na duchannan mu'n cuairt a mealltuinn geamhradh briagha cho fada so. Cha mhor sneachda a chunnacas fhathast agus chan eil deigh ri fhaicinn idir. Tha'n t-Urr. M. P. Freeman, Gasper-aux, N. S. a sgirobhadh:—An deigh a bhi gabhail K. D. C. uine ghoirid tha mi cinnteach gur cungidh leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orrasan a tha tinn le droch stamag a ghabhail. Tha Mitchell, fear na sabaid, ann sa phriosan an drasda air son ionnsidh bh-ruideil a thoirt air an fhear aig an robh e bordadh. Tha e gu bhi fo ghlais 's fo iuchair fad da mhios. Dh' fhaoidte gu'm bi e beagan na's modhaile 'nuair a gheibh e ma sgaoil. Tha sinn a tuigsinn gu bheil Louis Kossuth marbh. B'e so an saighdear treun a rinn uile dhichioll air Hungary a dhuilich fein a shaoradh bho chuing Austria. Cha b'urrinn dha sin a dhean-amh oir bha cumhachd Austria ro mhor air a shon. Bha e o chionn iomadh bliadhna a tamhachd 'san Eadailt, oir dhiult e bhi comhnuidh ann an duthich aig nach robh lan shaorsa. Tha leth-cheud duine ann an Windsor, Ontario, a tha faighinn peinsean as na Staitean. Tha na peinseanan so air an toirt do shaighdearan a bha ann an cog-adh nan Staitean, agus da n sliochd. Shaoileadh neach gu'm biodh an t-suim a thatar a paidhèadh a mach a dol na bu lugha gach bliadhna mar a bhiodh na seann Saighdearan à basachadh. Ach an aite sin 's ann a tha'n t-suìm a dol mà's mo a h-uilè bliadhna. Chan eil an trioblaid aig Homestead thairis fhathast. Nuair a bha cheud inrgh-- ail seachad, chaidh daoin' ura chuir a dh'obair, agus an fheadinn a dhuilt obair a dheanamh roimhe, a dhunadh a mach. Tha paipear naidheachd as a chearn a sin an drasd ag innse gu robh guim air a dheanamh am measg nan daoine aig nach robh obair air son cuir as da'n fheadhinn eile le puinnsean. Tha'm paipear eo ag radh gu'n robh air a chuid bu lugha siauar air am puinnseanachadh le fudar a bha air a thoirt daibh ann am biadh Chaidh beagan dhe'n fhudar sin a thoirt do chu agus bhasich e 'am beagan mhion-aidean. Tha naoinear no deichnear ana sa phriosan air an coireachadh air son lamh a bhi aca san olc. Chaidh mein ghuail ann an Sasuinn na teine Di-ciadain s'a chaidh, agus bha moran de na memeadearan air am marbh- adh. Bha na daoine uile aig an obair nuair a ghabh i teine, 's bha leth-cheud duine no corr air an glasadh a stigh leis an draoighnich a thuit air feadhna meine. Cha robh i air a rannsachadh gu bui'each nuair a fhuair sinn fios ach bha iad a deanamh gu robh a chuid bu mho dhe na bha air an dunadh a stigh marbh. Bha aireamh dhiu a fhuaireadh beo ach bha iad cho fad air ais 's gu'n dh'eug iad an ceann beagan mhionaidean. Nuair a thill cuid de 'n luchd-rannsachidh as a mhèin, bha iad gu toirt suas leis mar a bha iad air am muchadh le ceo 's le teas. Bha stoirmean mora sneachda air Gaidhealtachd's air Galldachd Alba air a mhios s'a dh'fhalbh. Bha, na roidean-iarainn air an dunadh suas le sneachda gus nach b'urrinn. da na carbadan gluasad. B'fheudar dhaibh a bhi air an stad gu buileach an caochladh aitean, agus 's ann air eigin a fhuair an luchd-turuis iad fhein a thearnadh. Air a lan dheabhadh:—Chan eil duine 'n diugh ag aicheadh nach leighis B. B.B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhaidhean cho laidir s gu bheil B. B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cungidhean leighis a's fhearr. Tha Mac-Tattà air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni C. B. A PHRIS BHLIADNAlL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan.............. • 0.75 An ceann na bliàdhnà................ 1.00 ¦ • Neach sam bith a chuireas thugìnn sia ainm-ean us tri dolaìr, gheibh è bliadhna dhe'n Mhac-Talla 'nasgidh. 'Se Mac-Talla 'n aon phaipear Galig 'an Am-erica, agus bu chòir do na Gaidhil an uile dhichìoll à dheanamh air a chumail snas. J. G. McKINNON, Mac'-Talla, Sydney, C. B COMUNN GAIDHEALACH MEW YORK SIDNI, di-sathairne, december 17, 1892. NA GAIDHEIL 'S NA FEIDH. Tha e cosmhuillnach 'eil stad air an obair mhi-naomh ud a thà cùr fearann nan Gaidheal fo fhrithean nam fiadh. Tha barrachd gruinnd an diugh fo'n t-seilg so na bh' ann riamh; ach a reir an t-sanais a thug Mr Macfarlan anns a Pharlamaid an la roimhe theid stad a chur air so le achd * t Parlamaid mu'n ruith moran uine. Ach feumaidh na Gaidheil iad fein gluasad a dheanamh mu'n chuis aig an tigh agus an t-aobhar a chumail beo mar so. Mur bi an sluaigh fein a ghnath ag agradh bidh na naimhdean ag radh nach 'eil feadhainn 'sam bith ag iarraidh atharrachadh air an lagh ach na fir Pharlamaid à tha dean-amh troimhe-cheile air son an criochan fein. Thigeadh do na Gaidheil uime ain, deas is tuath, an lamhan a chumail an sas anns an obair so, agus a leigeil fhaicinn gu'm bheil iad dùrachdach mu'n chuis. Tha e soilleir gu leoir ma dh 'fhagar nith-ean mar tha iad nach fhada gus am fas am fearann rò dhaor feadh na Gaidhealt-achd, oir paidhidh e ni's fheàrr do na h-uachdarain fhagail buileach fo'n t-seilg na bhi'ga chumail mar fhearann araich fo thuath bhig. Tha e iomchùidh, uime sin, gu'm biodh na Gaidheil a' togail an guth gu treibhdhireach mu'n chuis so,agus nach biodh na frìthean a' farsuinnachadh fo'n srontan, agus an cothrom beoàltrum so a thatar a'deanamh air na feidh an aite nan daoine. —Oban Time's, air son àtan:—A Dhaoin uaisle,— bha droch at air amhaich mo nighean bheag-sa, tri bliadhna dh'aois. Dh'fheuch mi Hagyàrd's Yellow Oil agus an uine ghoirid dh'fhalbh an t-at gu buileach. Mrs. C. E. Wendover, Manda, Man. 'Cia lion duine cloinne a th'àgibh-se a Sheonaid?" "Ma ta, le'r cead, tha triuir mhac agam. Tha dithis dhiù beo agus tha 'n treas fear posda." Tha "Eileanach" a sgriobhadh dh'-ionnsidh à Scottish Canadian mar a leanas;— ~ Bha a' cheud choinneamh mhiosail de 'n chomunn so air a cumail air oidhche Dhiciadain 'sa chaidh, ann an Union Hall, an ceann suidhe, Mr. Iain Sutharlan sa chathair. A thaobh gu'm b'e so a' cheud choinneamh, cha d'rinneadh moran ullachaidh ate son fearas-chuideachd, gi dheàdh cha robh gainne air luchd-iabhairt àir luchd-ciuil, no seinn. Bha òraidean air an liubhairt le Fear-na-cathrach, T. O. Rusal, agus Niall Domhnulluch, bard a chomuiun. Bha orain Ghaidhlig air an seinn le lain MacIllean, Domhnull Dughallach, agus Domhnull Domhullach. Chuir Iain MacCoinnich cuairtean sunn-dach air a phiob mhoir, a thog aoidh air aigne na bha 'ga eisdeachd. Bha litrichean Gaidhlig air an leughadh bho Mr. Iain MacCosnnich, Run-chleir-each Comunn Gaidhlig, Hamilton, agus bho uaislean eile, a guidhe soirbheachadh math do 'n chomunn. Chaidh naoi deug air fhichead, do bhuill ur aonadh ris a chomunn, agus tha tuillidh ri bhi air ah aonadh aig an ath choinneamh. Bha Comunn Gaidhealach New York air a steidheachadh air an t-Samhuinn sa chaidh. Chaidh na h-oifigich a leanas a thagadh gu deireadh na bliadhna so: Ceann-suidhe, Iain Sutharlan, Iair ceann suidhe, Donacha Robaston, Run-chleireach, Domhnull Domhnullach. Ionmhasair, Nial MacAoidh, Bard, Nial Domhnullach,Piobaire, lain MacConnich, cuidèachd-riaghlaidh, Aonghas Caimbeul, Uilleam Brittain, agus Iain Mac Aoidh. Chi sibh gu'm bheil ainmean agus sloinnidhean nan oifigeach cho Gaidhealach ri foid moine, agus tuigidh sibh gu'm bi gnothaichean a chomuinn sabhailt nan lamhan. Se miann à chomuinn, oidheirp a thachairt gu tuillidh chairdeis, 's companais bhrosnachadh am measg Ghàidheal New York, agus meadhonàn ullachadh leis am faod buill a chomuinn iad fein a' dheanadh eolach air an cainnt mhathrail a chum a labhairt gu pongail deas-bhriathrach; agus mar an ceudna comhnadh 's comhairle a thachairt cho fad 's cheadaicheas cuisean e do neach air bith do ar luch duthcha a thig a' dheanadh an dachaich 's a' chearn so do 'n t-saoghal. Tha coinneamh chaid-reach ri bhi aig a chomùin àir oidhche na calluinne. Thanig fèàr, B. F. Paulson, ri bheatha fein ann ath Boston an la roimhe. Bha e fhein 'sa bhean & fuireàch ann an aon de na taighean bu bhiràgha bh' ann am Boston. Bha e mu letH-cheud bliadhna sa coig a dh' aois, 's dh'fhag e faisg àir da mhuilean dolair. Chan eil fhios de thug air cuir as da fein. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadar ciuineachidh agus reiteachidh luibhean us chairtean diabhail eile. LEIGHEAS CINNTEACH AIR CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt, Crup, agus uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEIBH 's an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealamh air casadich leantallach nach geilleadh do chungidh-leighis sam bith eile. A Phris 25c. as 50c. ain botull. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-cìuil ann an Canada ni's fheàrr na Pianos agus Orgain "Kharrn." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am dà Inneal-fhuaigheal a's fhearr à tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. 0, Box 68, Sydney, C. Bò LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giul-ain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhUit Cairt-Rathaid àir $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhùthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh; gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W: Mac FHionghain, S1DNI TUATH, C: B„ FOGRADH NAN GAIDHEAL XIII. cataòbh. Ann am mios a' Mhairt 1814 fhuair moran de 'n tuath ann an sgireachd Farr agus Chill-donnain bairlinn a chum falbh as an croitean aig a' Chaingis a bha ann an deigh sin. Gus a' chuis a dheanamh Cinnteach, agus gu cabhag a chur riutha gu falbh leis an spreìdh, chuireadh faloisg ris an fhraoch air am b' abhaist do 'n spreidh a bhi ag ionaltradh san earrach, nuair a bhiodh an t-innlinn gann. Rinneadh so le ordugh Phadruig Sellar, a ghabh am fearann aca air son gabhail chaorach dha fhèin. Chaidh an duine malltaichte so an sin, agus chuir 6 teine ris na taighean aig an t-sluagh bhochd. Bha so furasda dheanamh, oir bha an ceann-fhiodh agus na cabair air an deanamh de ghiubhais blair, seann chraobhan giubhais a bha 'nan laidhe sa' mhointich bho cheann chiadan bliadhna. Nuair à thiormaich an gìubhas so le smuid agus teas an teine, dh'fhas e cruaidh lasarra, so-loisgeach, teìn-abuìch mar fhudar gunna, agus ann an tiota chaidh na taighean nan smal. Bha na daoine agus na gillean laidir anns a' mhonadh a' seall-tuinn an deigh na spreidhe. Cha robh aig an taigh ach na seann daoine breoite, na mnathan, agus a' chlann bheag; agus ged a thug iad so oidhirp air na b'urrainn daibh a thearnadh bho 'n lasair, gidh-eadh bha an teine cho dian bras, le tiormachd a' ghiubhais, agus gun do loisg chan e mhain fiodh, nan taighean, ach mar an ciadna moran de 'n airneis aig na daoinibh bochda. Gaoir nan creutaìrean truagh sin, an t-uamhunn, agus an t-an dochas a chiteadh cho soilleur riochdail nan gnuis maille ri n a'lanaich a lamharra agus caithream ain-iochdmhor an luchd foirneairt, cha ghabh so innseadh no a chur an ceill ann an cainnt. Chiteadh Padruig Sellar an sin, cosmhnil ri deàmh-an a' stiuradh, ag aithne agus a' sturgeadh nan daoine a bha ri obair an leirsgrios. Fhuair moran de na creutairean bochd am bas leis an eagal, le fuachd agus le "h-anradh. Theich seann daoine do na coilltibh agus chaidil iad thar am beachd. Thainig saothair roimh 'n mhithich air mnathaibh leth-tromach, agus bhasaich moran de'n chloinn bhig, oig, le fuachd agus droch caramh. Chaidh Padruig Sellar le deichnear dhaoine naird gu braigh aite d'am b'ainm Rossal a chur teine rìs na taighibh. Nuair a rainig iad taigh Uilleim Shiosail, an ceard, ann am Bad-an-losguinn, fhuair iad mathair-cheile an t-Siosalaich 'na Uidhe air leabaidh leis an aois agus leis an euslaint, Bha eagal air na daoinibh teine chur ris an taigh, oir bha a' bhean faisg air ciad bliadhna dh'aois. Uime sin rinn iad foighidinn gus an d'thainig Sellar, agus dh'innis iad da mar bha a' chuis. Se am freagradh a thug e, "Seann bhana-bhuitseach an diabhoil, tha i tuilleadh us fada beo; cuiribh teine rithe agus loisgibh i." Chuir e fhein 's a dhaoine an sin teine ris an taigh, agus bha na plaideachan, air an d'thugadh a mach i le h-ighinn fein, air an dathadh leis an lasair. Nuair a chunnaic an t-seann bhean an taigh 'na theine ghlaodh i mach, "O, Dhia! an teine, an teine!" thug iad a mach ì, agus chuir iad am bothan chaorach i a bha faisg air laimh. Cha do labhair i facal riabh tuilleadh agus an ceann choig laithean fhuair i am bas. D. B. B. LITIR BHEAG A BAILE-MOR LUNNINN. A Ghaidhil choir:—-'Sann le mor-thoileachas a tha mi tuigsinn bho na chaidh a radh ann an cuid de na paipear-an Gaidhealach gu bheil paipear naidheachd fior Ghaidhealach air a chuir a mach leibh. Tha e na thamailt mhor do na Gaidhil ann am Breatuinn nach eil aca, mach o Theàchdairè na h-Eaglise Saoir, paipear naidheachd 'nan canain aosda fein. Co dhiu tha e na chomharra math gu bheil crioman Gailig ri fhaicinn gu tric an sid 'san so 'sna paipearan, agus gu bheil da rireadh gluasad am measg nan cnamhan tioram, Tha mi cinnteach gu'm biodh moran oganach a's aithne dhomh sa bhaile so gle thoileach ur paipear gasd' fhaotinn bho am gu am, agus uime sin tha mi 'sgriobhadh thugaibh a nis. Am faod mi iarridh oirbh aon aireamh a chuir thugam chum 's gum bi fios agam air a phaipear agus air a phris. Ni mi na's urrinn domh Mac Talla 'thoirt fa chomhair mo chairdean, agus le bhur cead bheir mi dhuibh sgeulachd no dha ma bhios an leithid sin freagarrach air son 'ur paipear. Gabhibh ,mo leisgeàl air son mo dhroch Ghailig, oir 'is ann an Lùnninn na smuide a dh'ionnsich mi na tha agam de chanain nam beann. Lo deagh dhurachd, agus a guidhe soirbheachadh math agus lan bhuaidh dhuibh ann 'ur saothir ionmholta, is mi, Ur fear-ducha dileas, Uilleam MacGill-Ios Lunninn, Dec. 1892. Ullich air son cholera:—'Se glainne, cùram, agus misneach na nithean a's fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. Gabh Burdock Blood Bitters air son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat. Ma tha thu dol a chuir a dh'iarridh a Mhac-Talla, 'a tha fhios gu bheil, cuir 'ga iarridh gun dail, agus feuch ri fear-eigin eile fhaighinn a chuireas ga iarridh aig an aon am. A. J. PEUTAN, fEAr-ADHLACIDH. CiSTEaCHAN LAIOHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa'j Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann-an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma 'se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig f, Falconer & a mhac, Tha iad an deigh a chuid a's mo dè bhathar a gheamhridh a chuir a sligh, 'k bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bem, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe'n t-sheorsa sin na's saoire na gheibh thu 'n aite sam bith eile. Cha mheas iad, mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON SIDNI, C. Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam. bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh, agus àir àn deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phrìs a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh 's air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach CEANNAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N reic saor. comunn gailig HAMILTON Bha Talla nan Foresters air a lionadh an raoir le muinntir a-chomuinn Ghailig agus an cairdean. Bha feadhinn a lathir, chan ann a mhain a mhuinntir Hamilton 's nan aitean mu'n cuairt, ach a Ceap Breatuinn 'sa Columbia Bhreatunnach, agus chuir iad seachad an oidhche gu cridheil, fonnmhor. Bha an duine comasach, surdail, Dughall Iain Caimbeal ann sa chathir. Dh'fhosgail e choinneamh le oraid bhriagha thoirt seachad 'sa Ghailig agus 's ann aige fein a tha'n t-urram air. Bha piobaireachd air a dheanamh le Seor-as Mac-a-Ghobha, 's dhanns ceathrar ghillean oga "Ruidble Thullachain." Sheinneadh oran Gailig le Anna Nic M'haoilein, Flori Nic Gilleain, Alasdir Mac Ghriogair, agus Domhnull Hunndar. Sheinn Nial Sea "Ho ro, mo nighean donn bhoidheach"na dhoigh fhein a chord ris a chuideachd gu math. Bha 'n ath oran air thoirt le Iain MacDhughill, 'Am Muile nan craobh tha mhaighdean bhan-ail," agus an deigh sin chluich Seoras air a phiob "'s toil leam fein an Caimbealach dubh," 's dhanns Uilleam Oswald "seann triubhas" Thugadh a chuid so dhe'n aighear gu crich le Anna Nic Mhaoilein a sheinn "Mo run geal dileas." Chum, fear na cathrach gnothuichean ann an deagh ordugh re na h-uine bin sinn cruinn. Faodidh sibh a bhi cinnteach gu'n chuir sinn am fraoch ri theine mun robh an da uair dheug air teachd, Iain MacCoinnich, Run-chleireach a Chomuinn. Hamilton, Dec. 7mh. 1892; SEAN-FHACAIL. Am fear a's fhearr a chuireas 'so a's fhearr a bhuaineas. Cha do bhrist deagh urram ceann duine riamh. Chan fhaodar a bho a reic 'sa bainn' ol. Deireadh an latha's math na h-eolich. Chan ann gun fhios, car son a. ni an clamhan fead. Ruigidh roinn air biadh na cnotha. Uaisle gun chuid 's maragan gun gheir. Chan eil duchas aig mnaoi no aig ministeir. Ge b'e ghoidèàdh an t-ubh circe ghoid-eadh e 'n t-ubh geoidh. An car a bhios sa mhathair 's gnath leis a bhi 'sa. nighinn. Ge b'e nach gabh nuair a gheibh, chan fhaigh nuair is aill. Go b'e ni 'n obair na h-am bithidh e rithist na leth thamh. Far am bi do Ghradh bithidh do lamh, 's far am bi do ghradh bithidh do thathaidh AS TIM A BH' ANN 0 CHIAN. (Auld Lang Sync ) 'N coir seann luchd-eolis dhol a beachd, 'S gun chuimhn' orra bhi ann? 'N coir seann luchd-eolis dhol a beachd, 'S na laithean a bha ann? Air sgath an tim a bh' ann a ruin, Bir sgath an tim a bh' ann, Gun gabh sinn fhathast cupan tlath Air sgath an tim a bh' ann. Bha sinne comhla feadh nam bruach A tionail neomein annt, Ach 's sgith air seachran ceum ar cas Bho'n tim o chian a bh1 ann. Bu trath us anmoch sinn san allt Ag iomair 's sinn nar clann, Ach dheallich cuaintean farsuin sinn Bho'n tim o chian a bh' ann. Mo charaid earbsach gabh mo lamh, 'S sin fhein do lamh a nall, 'S gun gabh sinn, cuach gu cridheil lan Air sgath an tim a bh'ann. Gu cinnteach 's leat do bharail fhein, 'S mo bhaaail fhein tha leams, 'S gun gabh sinn cupan caoimhneil lan Air sgath an tim a bh' ann. M. MacRath, Ottawa. Tha e air a radh gu bheil 94,000 de 1uchd-oibreach Austria nan tamh, gun choire srm bith a bhi aca fhein ris. Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, 's am cholera cho faisg? Ni do stamag fallain, 's- do, dhion, on cholera, Sampull a nàsgidh gu nach sam bith. K. D, C, COMPANY, Ltd, New. Glasgow,, N. S.,. Canada,. Ainmich am paipear so. D. MAG 'ILLINNEAN, TAILEIR, Aodaichean Sasannach agus Albanàch dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'lllìnnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. Tadhail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa,. agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beàchd. FAiC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlau à's fhearr ann an Sidni's tha sinn ;g an reis ha's saoire na neach sum bith eile. Tha 'm Flur aginn leth dolar ha's saoir e na gheibhear aig aon sam bith sa bheiie. Tha ar Ti ro mhath ag2us gle shaoi;. tha gach-ni air a reic aig a phris-a's isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathair sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do'n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a's fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. • Sidni, 0. B>. C0MHRADH. • uDe'n uair a tha el" "Tha e coig mionaidean an deigh tri." "Ciamar a. tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m uàireadear.' ''Dh'fhaoidte gu bheil an t-uàireadear sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mail riamh on a. chaidh à chuir air, doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheil 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach, an drasda 'se uaireadeàr cho math sa tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?':J "0, nach be cheist e!. Charaich GUZZWELL & RHODES,. ann an Sidni,. feadhainn da 'm b'àithne charadh."