'An nì nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach." Vol. I. SIDNI, C. B, Di-SATHAIRNE DESEMBER 24, 1892. No. 31. SNEACHDA* Is A SEAdDAISE Nollaig mhath do uile chairdean a Mhac Talla. Tha Parlamaid Ard-fhlaitheachd Chanada gu bhi cruinn air an 26mh latha dhe'n mhios s'a tighinn. Chaidh long. Fhrangach a bhristeadh air eilean Guersney, a deas air Sassainn, agus chailleadh-a h-uile duine bha air bord. Ann am baile beag an Ohio, an la romhe loisg duine daorich urchir am measg cruinneachadh de chloinn bhig agus mharbh e dithis nighean, Tha meinnean Springhill nan tamh aon uair eile. Tha tri cheud deug meinneadair an deigh seasamh a mach a diultadh buille bhualadh gus am bi cuisean air an ceartachadh eadar iad fhein us sealbhadairean nam meinnean. Thoisich an aimhreit mu lionadh nam bolaichean guail. Bha cordadh eadar na gualadairen 'sam. maighstirean o chionn aireamh bhliadhnichean, gu'm biodh bocsa air a mheas lan nam biodh an gual a tighinn cho faisg ri sia oirlich air a bheul, nuair a thigeadh e mach as amheinn. Bhristeadh air a chordadh sin an t-sheach-dain s'a chaidh; rinn sealbhadairean na meinne lagh ur, 's cha ghabhadh iad bocsa guail mar bhocsa lan mur biodh an gual a. dh'ionnsidh a bheoil., Bha aireamh dhe na daoine air an cuir as an obair air son leantuinn rìs an t-seann tomhas. Thog an luchd-oibreaeh uile an guth an aghidh so fuachd a gheamhridh idir ullichte air a shon. Tha gual gle ghann sa bhaile, a chionn nach robh duil aona chuid aig na meinneadairean no aig muinntir eile gu robh so gu tachirt, agus uime sin cha d'rinn iad dad a chuir ma seach. Tha cuid dhe'n bharail nach fhada gus am bi cuisean mar a bha iad roimhe, agus b'fhearr'gu'm bitheadh; ach ma bhios na meinnean nan tamh ro fhadla bì'dh moran a fulang le fuachd us acras. Ullicii air son cholera:—'Se glainne, curam, agus misneach na nithean a's fhearr air son an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. Gabh Burdock Blood Bitters air son cail, agus air son fuil ghlan a dheanamh, an aon ni as fhearr air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumail bhuat. Cuir a dh'iarradh a Mhìc-Talla an drasda, chum 's gu 'm. bi e agad bho thois- | each na bliadhna. Cha chosg e dhuit ach leth-dolar sa bhliadhna. sna staìtean aig am bheil an aona mhuidhe deanamh a chionn leth cheud bliadhna. Mhaistrich i 'san uine sin fiach corr us deich mile. dolair de dh'im Chaidh Gilleasbuig Cammill, meinnead-air Frangach a mharbhadh am Port Arthur Di-luain. Loisgeadh air aig a dhorus fhein, agus bha e marbh 'an tiotadh. Cha d'fhuaras a mach fhathast co leisg air. -.--:— Tha fear Sheridan an taigh-nam-bochd ann an Lunninn an deigh. dileab mor fhaighinn. Dh'eug puithar-mathar dha agus o nach robh dileabach eile aice, dh'-fhag i aige tri cheud mile punnd Sassunnach. Chan fhaod a bhith nach cum sin e as a bhochdainn ri bheo. -,—-- Thachir sgiorradh eagalach aig Bathurst Disathairne s'a chaidh. Bha dithis nighean oga da'm b'ainm Smith faisg air an rathad iarrinn le each us sleigh nuair a ghabh an theach eagal roimh charbad-smuid a bha faisg orra, agus theich e, a tilgeadh nan nighean a mach as an t-sleigh. Bhuail ceann te dhiu air an rathad chruaidh agus bha i air a grad mharbhadh, ach gn fortanach cha d'rinneadh dochann sam bith air an te eile. Bha ise chaidh a mharbhadh mu dha bhliadhn' ar fhichead a dh'-aois. Fir - Tagridlì, Comhairlichean Notairean, &c. sidni, c. apt* cailean siosal. w crowe. ARCHIBALD & CO CEANNICHEAN Sealbhadairean Msinsan Guaii Ghowrie. Murray & Mac Coinnich, comharlaichean, fir-tagraidh Fir-Tagraidh, Notairean, SIDNI & ARICHAT. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile - Shaorais. Eillean Phrionns' lomhair. Comhairlichean agus Fir-Tag.- raidh aig Lagh, Sidni & St, Peter's, C. B. Tha Mac-Talla air chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. a phris bhliadhnail: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, 0;50 An ceann shia miosan...... ......... 0.75 An ceann na bliadhna................ 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Talla 'nasgìdh. 'Se Mac-Talla 'n aon phaipear Galig 'an Am-erica, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. AG. McKINNOK, \ Mac-Talla, Sydney, C. B. SìDXI, DI SATHAIRNE, DECEMBER 24, 1S92. CLANN DOMHNUILL. Tha cuisean gle mhi-shocair ann sa Fhraing a:g an am so, agus tha e na aobbar eagail gu'm brist iorghail a mach mar a bhrist iomadh uair roimhe. Thà nithean a thaobh rathad-uisge Phanama a tighinn am folais gach latha 'sa nochdadh ga robh cealgaireachd us slaightearachd aig bungh-nothuich sin bho thoiseach. Tha cuid dhe'n bharail gu robh làmh eadhon aig an luchd-riaghlidh ann sa ghuim; s tha so a cuir a chaothich air an t-sluagh, oir 'sann as am pocaidean-san a bha 'n t-airgiod a tighinn a bha na creachadairean a carnadh suas dhaibh fein. Ma bhristeas fearg nam Frangach a mach chan eil fhios co aige stadas iad, oir leig iad ris uair us uair roimhe so nach eil ciall na tur aca ann an dortadh fala. Tha mar an ceudna aireamh mhath ann san duthich a tha ro-dheonach air riaghladh na Comh-fhlaith eachd a thilgeadh bun os cionn, agus rioghachd a chuir air chois. Tha iad so a brosnuchadh an t-shluaigh mir a's tìr rinn dhaibh an aghidh an luchd-riaghlidh air son an criochan fein a thoirt gu buil. Tha'n sluagh màr ann fudar; agus mà gheibh naimhdean na comh-fhlaitheachd sradag a chuir riutha bidh aon iorghghaid uamhasach eile ri chuir sios air clar-eachdridh na Frainge, eachdridh nach ùrrinn do neach a leubhadh gun a bhi air a lionadh le ùamhann us oillt. Chaidh ceànnichean Breatannach a mhurt o chionn ghorid air eileanan Sholamh 'sa Chuan Chiuin. Chuir Breat-uinn longchogidh dh'ionnsidh nan eileanan ag iarridh nam murtairean a bhi air an toirt suas air son am peanasachadh. Dhiult na h-eileanich so a dheanamh, agus chaidh na gunnachan-mora a chuir riutha agus am bailtean a sgrios. Chaidh Coirneal Davidoff, oifigeach 'san arm Ruiseanach, a mhurt na thaigh fhin air an t-sheachdain s'a chaidh, agus tha bhas an deigh gluasad mor àobharachadh air feadh na ducha. Tha e coltach gum b'e fear de na Nihilch a chuir as da. LE ALASDIR AN RIDGE. [Rinneadh an t-oran so mar fhreagairt do "Oran molaidh Chlainn Leoid" a bha air a thoirt do luchd leubhidh a phaipear so air a mhios s'a dh'fhalbh. Thà am bard dhe'n bharail nach robh Clann Leoid riabh cho cliu-thoillteanaach ri chinneadh fhein.] SEISD.—Ho i ri ri iu o, Ho i ri ri iu o, I ri ri 's na i iu o, Tha mo run air clann Donill. Gur a binn leam bhi leubhadh Ma 'n churaidh bha an Sleibhte, Domhnull Maclain 'Ic Sheumais, Chuir nan eigin Clann Leoid. Latha mor sin na traghad, Le aon dusan de chairdean; Bha da fhichead sau arich, j Do dh'alach Olìlann Leoid. Ged bha'n tarbh air an reidhlean S' e' air toseach na deitha, Cha do chrith na rir Shleibhteach S bha 'n ratreut air Clann Leoid, Cha d'rinn bratach na sithe Air an la ud bhur didean, Bha da fhichead na sineadh Dh' aindeoin innleachd Chlainn Leoid. B' iomad gaisgach math gleusda Bha tamh ann a Sleibhte, Sir Domhnull, 's Sir Seumas, Agus ceudan a chorr. Dun-Tuilm na fear treubhach, Dun flathail na feille. Sam bidh tathaich luch theudan, Far an eisde ri ceol. Clann Domhnuill mo ghraidh-sa, Bu ro chliutach mar thainig Bho righrean na Spainnte, S bho chinn ard na Roinn Eorp. Clann Domhnuill nan geur-lann, An cinneadh mor euchdach, Nuair a chairte gu streup iad, Cha bu reith dol nan coir. Bho Charaidh 's bho Shleibhte, Bho Mhudeart nan geugan, S bho Cheapaich nam peuran, Dheanadh reubhadh us leon. B'iad na suinn a bha ainmeil Leis ma chubhridh cath gharibhach, S a fhuair tigh us leth Albinn Air a dhearbhadh le coir. Tha bhur tì eachdraidh ro dhireach, Irla Rois agus ìle, Innse ghall us Chinntire, Siol a Mhilidh nan Srol. Nuair a thogte bhur bratach, Dol ri aodan nam baitail, Bhi air deas laimh nan gaisgach, B' e sid fasan na seod. S na fagte sid aca Mar a fabhaist s mar chleachd iad Gun tar ad h iad dhachaidh Fir Shasuinn nan cleochd. Tha'n t-Urr. M. P. Freeman, Gasper-aux, N. S. a sgirobhadh:—An doigh a bhi gabhail K. D. C. uine gho mitha irid cinnteach gur cungidh leighis luachmhor è. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail. gruan 's na h-airnean, glanidh e 'n fhuil 's bheir e air falbh a h-uile neo fhallaiheachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. Am bheil Piano, Organ no Inneàl-fuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh, Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig no Sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. P LEIBH Tha mi reic Uidheaman-Giul ain dhe gàch seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuil Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thù riaraichte leis. Ceannaich clo Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair a gheibh, thu cho saor agus cho math aig an tigh. D. W, Mac Fhionghain; SIDNI TUATH, C, Bc iolaire LOCH TREIG. Bha roimhe seo seann iolaire mhor a tamh an Aird-mheadhoin Loch-treig far am minig a bha a seorsa. Bha i liath leis an aois bho'n bu chuimhne leatha fhein e, 's bha i uime sin an duil gum b'i creutair b i shine bhi beo ri 'linn. Ach an earalas nach faododh a comhaois a bhi mairionn an ait eigin, chuir i roimhpe, an ciad cothrom a gheobhadh i, sgriob a thoirt air chuairt. Bliadhn' a bha 'n sin thainig an aon Oidhche-Bhealltuinn a b'fhuaire dh' fhairich no chunnaic i riabh, agus smaoinich i gum bu mhath an leisgeul d'i e air a run fallaich a chur an gniomh; agus 's a' mhaduinn mhoich Latha-Bealltuinn sin fhein seach latha sa bith, mu'n do bhlais na h-eoin eile an t-uisge, togar oirre air cheann a tùruis. Cha robh duil bheo a thachradh oirre, ach nial na h-aoise bhi oirre, nach farraideadh i. "Am fac thu oidhche-Bhealltuinn riabh cho fuar ris an oidhche 'n raoir?" ach chan fhac a h aon. "Coma bha 'n latha as a thoiseach 's bha i mar seo àg cumail air a h-aghart gun chluin gun chlos gus an do thachair seann dreathaìn donn coir oirre. "Failt air an dreathian, latha buidhe Bealltuinn," ars ise, "am foc thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche 'n raoir?" Ach sean 's g' an robh tuar 'us dreach an dreathain cha b' fhiosrach e gu'm fac. "Cha robh eolas aige air creutair bu shine creutair a's sine tha lathair an diugh fad m'aithne 's m'eolais; agus ma ni thu guth aige 's an dol seachad, innis dha fath do thuruis agus gu 'm fac thu mise; 's mur 'd thainig caochladh air ni e do lan di-beatha.' Dh'aithris e 'n sin d'a gnothuichean araid a thachair ri linn nan triath bu chuimhne leis am faicinn; mu euchdan o shinnsrean agus mu bhuil a mhurichinn. An uair a bha iad ag gabhail "maduiun mhath" da cheile dh'ealbh us dh'earail e oirre taghal aige an ath uair a bhiodh i 'n rathad, Gheall i gu modhail do'n ghobha gu'n taghladh, agus thog i oirre do Choill Innse 's fhuair i 'n t-udlaiche na chruban am fasdadh seann stuic fhearna agus spideanan deigh le cuinneanan a shroine. Chuir i failte na Bealltuinn air agus dh'innis fath a turuis. An fac thu riabh, ars ise "Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche 'n raoir?" Bha 'nt t-udlaiche cho sean 's gu 'n do "leig e n' cabar air an t-shlinnean;" ach thuirt e air a mhain-athaiS nach bu chuimhne leis gum faca riabh. Fhuair i gu faoilteach furanach e, agus dh' fhiosraich e gu caoimhneil mu'n ghobha dhall. Thug iad na e fhein; ach chual e gu 'n robh seann ghobha-dubh bho chian am Bun-Ruaidh, ma thainig a leithid gu'm fac esan i; agus sheo' e 'n rathad dhi. Thug i taing do t 'n dreathan, agus togar oirre gu ceardach Bhun-Ruaidh. Rainig i; ach cha robh roimhpe ach larach fhuar,—thriall gach nith 's gach math, ach an gobha-dubh: 's bha esan fhein bho chian dall leis an aois, agus an deigh toll a dheanamh 's an innean a glanadh a ghuib. Chuir i failte na Bealltuiun air a ghobha, 's dh'innis i fath a turuis. "Am fac thu riabh" ars ise "Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche 'n raoir?" Thug an gobha glaom- adh bochd air fhein, 's thuirt e nach faca riabh, agus nach cual e iomradh air a leithid; ach gu'n robh seann udlaiche bho chionn fhios c' uine tathaich Choil-Innse; 's gu'n robh a chalg air liathadh leis an aois bho 'n bu chuimhne leis-an a bhi na bhuta beag a' sgiathais air feadh nam preas. "Bu tric leis uine 's aimsir an deigh, sin," ars esan, "tighinn a nall air cheilidh orm a chur seachad na h-oidhche faide geamhraidh, agus a thoirt sgeoil domh air cor na duthcha, ach sguir sin. An turas mu dheireadh a bha e bhos, bha 'n aois cho trom air laidhe air 's gu'm beil eagal orm nach 'eil e 'n urrainn gluasad mor a dheanamh. Thug sinn cho fad an Coimhearsnach d' a cheile 's gu'n dean mi, mar a thuigeas tusa, sogan ri sheann langan, tuchanach mar a tha an uair a chluinneas mi e 'sa chamhanaich. Is e CiSTEACHAN-LAlDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma'se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F, Falconer & a mliao. an sin treallan air seanchas agus air sloinnteireachd 's bha 'n iolaire dol a thagairt urram na h-aoise; ach an uair a bha iad a dealachadh, thuirt an t-udlaiche gu'u robh breac cam ann an lochan Choire na deanainn air an do chuir eolas an trath a bha e na laoighean og an cois a mhathar 'a tighinn a nall an Lairig-leacach a Beinn a bhric. "Bha smalaich na h-aoise air an uair sin fheirn agad, is fiach dhut dol dh'a choimhead, is cnacaiche gasd e." Ise bh'ann gu'n do thog i rithist oirre's gu 'n 'd rainig i 'n lochan. Chuir i deoch-eolais air a' bhreac cham, agus dh'innis i fath a turuis; "Am fac thu riabh Oidhche-Bhealltuinn cho fuar ris an oidhche 'n raoir?" Thuirt am breac gu'm fac—aon oidhch' eile, 's gu 'n robh i cho fuar, 's ged a bha e 'n teas' fhala 'san treine neart gu'm b'eudar dha tois-eachadh air gearradh shurdag air feadh an uisge'chumail teas air fhein; "Agus" ais esan, "surdag dh' and' thogas, leum as as an uisge's buailear mo leth -cheann ris an lic dhuibh ud thall; ach bha nimh an reothaidh cho dian, 's mu 'n d'fhuair mi mi fhein a thoirt air'm ais gu 'n do lean mo thuil ris an lic; 's 'dh fhag sin an diugh mile cam!" An trath chual an iolair seo, thug i modh 'us urram na h-aoise do'n bhreac; agus thill i air a hr-ais a dh, Aird mheadhon a dh'aithris a sgeoil ; do nal -ach og. Chunnaic tad ioma latha geal grianach an deigh sin; ach cho fad 's a b'urrainn d'i sgiath a ghluasad, cha deachaidh latha Bealltuinn fuar no teth seachad oirre nach deachaidh i tacan air chelidh air na h-aosdai coir,—an gobh,an t-udlaiche, agus am breac. Tha iad an deigh a chuid a's mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, rs bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, chug, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe'n t-sheorsa sin na's saoire na gheibh thu 'n aite sam bith eile. Ma tha dealbh mhath a dhith or. Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. , Sgathain agus glome uinneag air a phris a's isle. - ... Seallaidhean air Ceap. Breatuinn air laimh an comhnùidh 's air ail reic gu. saor. TAGHA1L AIG Aonghas Doitalìacli, CEANNAICHE air soN atan:—A Dhaoin uaisle,- bha droch at air amhaich mo nighean bheag-sa, tri bliadhna dh'aois. Dh'fheuch mi Hagyard's Yellow Oil agus an uine ghoirid dh'fhalbh an t-at gu buileach. Sas. 0, E. Wendo;vef-, tòahda, Man. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR "-Cha mheas iad mar dhragh idir am jathar a shealltuinn. FOGRADH NAN gàIDhEAL. XIV. cataobii. Obair na dunach air an do thoisich Pàdruig Sellar lean e air adhart gun stad, a' cur an t-sluaigh a mach as an taighean, gus an robh an tir air a tionndadh gu bhi na nochd-laraich luim gun duine chomhnuidh innte. Bha tri gabhalaichean mora chaorach aige ann an Srath Namhair, agus bha aon diubh so coig mile fichead air fad, agus naoi no deich de mhiltean air leud. Bha sia mile thar fhichead de chaoirich aige anns na h-aitibh sin, far an robh roimhe sin da no tri de mhiltibh sluaigh a chomhnuidh. Bha gabhail mhor eile aig dithis de mhuinntir taobh tuath Shassuinn anns an robh ciad mile acaire fearainn a bha math air son feuraich. Dh'fhaodadh ciad' teaghlach a bhi air am beathachadh air an fhearann so, agus mile acaire bhi ajg gach teallach air son ionaltraidh, an. spreidh. A chionn gun d'fhogradh an tuath a mach a SratliNamhair cha robh feum air an eaglais na b'fhaide agus leagadh gu lar i; chaidh am fiodh a bha innte a ghiulan air falbh gu tigh osda thogail an Alltan-a'-charraigh, agus rinneadh taigh-taimh a mhinisteir a, thionndadh gu bhi na fhardaich aig a' bhrocair a bhiodh a' rusgadh nan sion-nach. Chaidh boirionnach araid troimh àn t-srath air a' bhliadhna an deigh an di-larachaidh, agus nuair a thill i air a h-ais dh'fheoraich neach dhith, "Ciod an sgial a th' agad?" "Och!" arsa ise, "tha taigh-osda aig Alltan a'charraigh; chunnaic mi an cladh far am bheil ar cairdean nan laidhelan de chaoirich air an meur-adh le tearr; agus chunnaic mi an seomar far am b'abhaist do Mhr Sage bhi cnuasachadh a chuid searmomean, na fhoil chon aig tolairean Rob Ghuinne am brocair: agus chunnaic mi nead na feannaig air mullach simileir Sheumais Ghordain!" Chuir Padruig Sellar teine ri taighibh an J t-sluaigh ann an sgireachdan Farr Rogh airt, Ghoillspidh agus chill-uonnaiu. Chuireadh buidhnean dhaoine le leusan teine a mach a chur fadaidh ri ionadain comhnuidh an t-sl uaigh bhochd. Bha mu thimchioll da chiad gu leth taigh a' losgadh cprnhlath ann an aon oidhche. Mhair an comh-Iosgadh so sia laithean, gus an robh an t-iomlan de na taighean na smuidrich agus 'nan smal. . Bha an deathach che tiug'h-a' dol a mach air a' mhuir,as gun do ihaill bata a cursa air a chuan; ach nuair a thuit an oidhche dh'amais i air a', chala le soillsean nan .teintean, agus nan laara- • chean a bha ag eirigh bho na taighean, a stiuireadh ri theine. Ann an Sgireachd Chill Donnain bha da mhile sluaigh a chomhnuidh,. ach chuir-adh air.falbh iad uile gu,.'eir, agus luis-geadh an taighean. Thainig fear d'am b'ainm Domh null Mac Leoid air ais, a dh'fhaicinn tir a dhuchais, ann an Cill-Donnain, an deigh bhliadhnachan a dhol seachad. Chaidh e do'n eolais air an t-sabaid a bha nise air fas cho beag ri taigh-chalman; ach mo thruaighe! chan e calmain a bha innte, ach ochdnar chiobairean slaodach, agus tuaiream fìch ead no deich thar fhichead cu; agus triuir de theaghlach a' mhinisteir. B'iad sin uile an coithional. Nuair a sguir an t-searmoin agus a thois'ch iad air seinn an t-120:nh Sailm, far am bheil na briathran, "mo thruaighe mi gu bheil" mo chuairt am Mesech!' thoisich an coithional ceithir-ch-asach air an ceol fhein a chur suas. Leum na cuin air na suidheachanaioh, thoisich iad air burralaioh, us ulf hart aich- amis donnalaich oiìlteil a dheanamh. Dh'eurich na ciobairean orra,'gan slachdadh leis na cromagan, thall sa bhos, ach cha d' rinn so a' chuis na b'fhearr, ach na bu mhiosa. Lean an tabhunimich agus an deileann so gu deireadh na seirbhis. Bu truagh an caochladh! far am b'abhaist na ciadan sluaigh bhi tional gu aoradh do Dhia. D.'B. B. Am a lan dheabhadii:—Chan eil duine 'n diugh ag aicheadh nach Leighis B. B.B. droch-Stamag, domblasachd, ceangal-cuinn, ceann goirt us droch fhuil. Tha na dearbhidhcan cho laidir 's gu bheil B B. B. an deigh ait a chosnadh mar aon de na cungidhean leighis a's fhearr. ' Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuit stamag fhalain a bhi agad, 's am cholera cho faisg?? Ni TAILEIR do stamag fallain, 's do dhion on cholera. Sampull a nasgidh gu nach sam bith. K. D. C. COMPANY, Ltd. New Glasgow, N., S., Canada, Ainmich am paipear so uDe'nuair a tha e?" 4'Tha e coig mionaidean an deigh tri.'1 ^Ciamar a tha fios agad?"