%'An nì nach cluìnn mi an diugh cha'n aithris mi maireach. Vol. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, DESEMBER 31, 1892, No. 32. SIOSAL & CROWE, fir-Tagridh, Comharlicheàn Nòtairean, &C. siDni, c. b. ARCHIBALD & C0, Sealbhadairean Meinèàn Guail Ghowriè Murray & Mac Coinnich, Comharlàichean, Fir-tàgraidh, SiDNl TUATH, C. B. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c, &c, SlDNI & ARICHAT. w. hearn D. a. HEARN D, A, Mas Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc Baile-Sheorais, Eillean Phrionns' Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin CoMhairlichean agus Fir-Tag- raidh aig Lagh, Sidnì & St. Peter's, C. B. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. Bliadhna Mhath Ur do ar cairdean uile. Bha'm barr gle anmoch ann san Eilean Sgiathanach am bliadhna, ach chinnich gach por gle mhath. Tha o air a ràdh gu bheil suil aig Priunnsa Wales tighinn gu Feill an t-shaoghil air an t-shamhradh s'a tighinn. Tha e air a radh gu robh Jay Geuld dhe'n bharail nach abradh daoine dad sam bith'ga dhiomoladh an deigh a bhais, ach 'se fhein a bha air a mhealladh.' Cha mhor gu bheil paipear 'an America no 'san Roinn-Eorpa nach tug iomradh air aig an am a bhais, 's cha robh iad a deanamh moladh coir sam bith air. Ma choisinn e corr us tri fichead muilean dolair re a bheatha, cha mhor chairdean a rinn e. Bha stoirm mhor air taobh a near Alba o chionn dà sheachdain, à rinn càil mor am measg shoithichean us bhatichean-iasgich. ¦ab Re nan tri miosan a chaidh seachad thill suas ri ceud gu leth teallach as na Staitean Quebec, 's tha iad ag radh gu bheil tuill-eadh ri tighinn nan deigh. Tha corr us coig ceud deug muilean dolair de dh'ainbhfhiach air na Staitean, no seachd dolair fhichead mu choinneamh gach duine, bean, us paisde tha 'san duthich. Di-ciadain air an t sheachdain s'a chaidh thugadh dhàchidh às na StaitaaB, corp nighean à mhuinntir Amhinn nan Ait- threabhadh, (River Inhabitants) da'm b'ainm Agnes Steele. Sgriobh i lith dh'ionnsidh A pàrantan air an t sheachdain roimhe sin ag innse dhaibh gu robh roimhpe tighinn dhachidh a chuir seachad na Nollaig maille riu. An ath latha fhuair iad fios ag innse dhaibh gu robh i marbh, 's gu robh a corp air an rathad dhachidh. Bhrist meirlich a staigh do bhuth R. R. Moirestan, an Gabarus, an la roimhe, 'sa thuilleadh air roinn mhath de bhathar a ghoid, thug iad leotha da fhichead dolair dè dh'airgiod. --;-¦ ¦¦ — Chaidh corr us ceud mile baraille de dh'ubhlan a thogail ann an Gleann Annapolis air a bhliadhna so. Tha da fhichead mile baraille dhe so gun a dhol gu margadh fhathast. Bha Deorsa Perkins, tuathanach ann an Ontario, a leagail Craoibhe sa choille, 's nuair a bha i tuitòan chaidh i ann an croich. Nuair a chaidh e 'ga fuasgladh, thuit i air a mhuin 's mharbhadh e far an robh e. Air a lan dheabhadh:—Chan eil duine 'n diugh ag aicheadh nach leighis B. B.B. droch-Stamàg, domblasachd^ ceangal- cuinn, ceann goirt tfa droch fhuil, fha na dearbhidheàn cho laidir s gu bheil B. B. B. an dòigh ait a chosgadh mar aon de na cuiridhean leighis a's fhearr. Tha caraid a sgriobhadh thuginn a cearn iomallach de Cholumbia Bhreatun- nach, ag innse mu chor fhein's mu chor na ducha. Am measg nithean eile air am bheil e toirt iomradh, tha e 'g innse gu'n deachidh ministeir Sasunnach a thoirt searmain dhaibh o chionn ghoirid. Bi an eaglis a bh'aige, lobhta tigh-oil, agus bha chuid bu mho dhe'n chothional air an leth-dhaorich. Chaidh e àir adhart leis an t seirbhis co-dhiu, gun dragh sam feith a chuir air gus 'n do thoisich e ri urnigh air son an teaghlich rioghail. Leigeadh leis urnigh a dheanamh air son na banrigh, ach nuair a thoisich e air guidhe as leth Priunnsa Wales, chuir an sluagh na aghidh ag radh nach do thoill am priunnsa bhi 'g urnigh ais a shon! Chan eisdeadh iad ris tuilleadh,'s mar sìn chriochnich an t-sheirbhis. Air an t-sheachdain s'a chaidh, thugadh dhachidh gus a Bhras D'Or Mhoir, corp Chaiptean Lachàin Mac-an-Leigh. O chionn aireamh bhliadhnichean dh'fhalbh e fhein 'sa theaghlach do na Stàitean; Mu thri,miosan roimhe so, thàn'sg e g\r Spriughill,far àn robh a gus an d'lhugà.dh air falbh e le bas ro-athghearr. Bha duine air a mharbhadh, a coignear eile air an droch leon aig Meinnean Victoria Di-sathairne s'a chaidh. Nuair a bha na daoine dol gu'n obair mu sheachd uairean 'sa mhadinn, spreadh aon de na goileadairean le neart cho mor's gun robh obair-chiachàireachd àir a reubadh as a cheile, Clachan as maidean air an tilgeadh ceudan slat air falbh, agus seachd goileadairean mora eile air an cuir as an àite. Bha aon duine bochd, Deorsa Long; air a mharbhadh far an robh e, 's dh'eug fear dhe na chaidh à leonadh, Domhnall Domhnullach An ath latha, 's thà fear eile cho iosal 's nach bi e beo thar latha no dha. Tha triùir eile air an leonadh gu donà ach tha chol as orra gu'n tig iad bhuaithe Cha do thachir sgiorradh cho cronail an aon de mheinnein an eilean so o chionn iomadh bliadhna. MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a roach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaìghear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan-------- .----------- 0.75 An ceann na bliadhna................. 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Talla 'nasgidh. 'Se Mac-Talla 's aon phaipear Galig 'an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, -•• " Mac-Talla, ... . Sydnsy, ft, B. SIDNI, PI-SATtf AIRNE, DECEMBER 31, 1S92. A thuilleadh air na tha iad fhein a togail, tha muinntir Bhreatuinn gach bliadhna toirt dhachidh a duchannan eile fiach tri muilean gu leth punnd Sasunn ach de dh'uibhean, fiach coig muilean de chaise, agus fiach aona muilean deug de dh'im. Tha bhliadhna ochd ceud deug 's ceithir fichead 'sa dha dheug a criochnachadh, 's bidh bliadhn' eile na h-aite mus ruig so an aireamh as mo d'ar luchd-leubhidh. Tha Mac Talla 'cur failte na Bliadhn' Uire air a chairdean uile, 's an dochas gu'm bi iad air an caomhnadh gu iomadh bliadhn' ur eile fhaicinn. Tha meinneadairean Springhill an deigh a dhol gu'n obair. Thug fear-riaghlidh na meinne air ai« an t-ordugh a thaobh lionadh nam bocsichean guail, 's ghabh e air ais na daoine chuir e as an obair. Dh'aontich an luchd-oibreach, air an laimh eile, cordadh ur a dheanamh ri sealbhadairean na meinne, cordadh a riarichèasiad na's fhearr na sin a bh'eatorra roimhe. Tha iadsan air an robh gainne 'ghuail a cuir iomgain, ro-thaingeil nach ruig iad e leas eagal a bhi orra roimh fhuachd a gheamhradh. Thaghail an saitheach smuid Harlaw aig Sidni Di-luai sa chaich air a tilleadh bho Newfoundland. Chuir droch shide maille mhòr oirre air a turus. Bha 'n caiptean ag innse gu robh iasgach a sgadain gle mhath air cladaichean Newfoundland am bliadhna. Bha tri mile barailte de sgadan air bòrd na Harlaw, 's d-fhag i da mhile barailte idhe sin aig ceasnichean Shidni-a Tunth. air sin atan:—A Dhaoin ùaisle,— bha droch at air amhaich mo nighean bheag-sa, tri bliadhna dh'aois, Dh'fheuch mi Hagyàrd's Yellow Oil agus an Uine ghoirid; 'dh'fhalbh An t-at gu buileach. Mrs. C; E.. Wendoyer, Manda, Do 'M MHATHAIR. Air Fonn. — Hò oh nighean, he o nighean Ho gur toigh leam, he gur toigh leam, Ho gur toigh leam nos 6 m' chairdean; 'S mor an toileachadh do m' inntinn A bhi cluinntinn gur a slan iad. Thoir an t-soraidh so thar chuaintean Gu tir uaine nam beann arda, 'S fag air a Chladach-a-Tuath e, Ged nach ann a fhuair mi m' arach. Ait as boidhche feasgar-samhraidh S grian air cul nam beann a tearnadh, Ach 's e dh'fhag mi tur an geall air Gur a th'ann a tha mo mhathair. On tha bhliadhnas' aig a deireadh, 'S Bliadhn' Ur eile nise lamh ruinn. 'S coir gun sgriobh mi beagan fhacal Do 'n te dh'altrum mi nam phaisde. Cha 'n eil ceol an diugh no beadradh Anns an nead 's an deach ar n' arach; S nuair a ghabh na h-eoin an iteag, Thug e 'misneachd 'o na mhathair. Anns an tim tha tighinn am chuimhne Gheibhte cruinn mu 'n aona chlar sinn,— Cuid an diugh dh'inn fad 'o 'r daoine, 'S fear mo ghaoil na laidhe samhach. Lan de bhuadhan leighis a Ghiuthis maille ri nadAr ciuineachadh agus reiteachidh luibhean us chair ear cliabhail eile. CASADICH US CNATAN Tuchadh, Cuing, Amhach Ghoirt Crap agùs uile THINNEASAN a MHUINNEAL a CHLEibh 's an SGAMHAIN. Bheir e buaidh gu h-ealaimh air Casadich leanTallach nach geilleàdh do chungih-leighis sam bith eile 'S ged nach faod sinn a bhi tuilleadh Re ar turais mar a bha sinn, Coinnichidh sinn ma bhios sinn ullaichte • i* * 'S mi sinn tuinueadh far an fhearr dhuinn. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. An diugh guidheam dhuibh le durachd A bhliadhna ur a thighinn le lanachd, Bheanachdan a bhios mar dhriuchda A toirt urachadh 'us slainte. Ho gur toigh leam, ho gur toigh leam, Hò gur toigh leam fios ro m' chairdean, 'S mor an coiteachadh do m' inntinn A bhl ciuin ri tinn gur a slan iad. Strath-Alba, Dec. 24mh, 1892. GRAIN GOBHA HA EARRADH. Tha na Dam agus na h-Oràin a rinneadh le Iain MacGille-Mhoire, Gabhainn Mor na h-Earradh, los a bhi air an clo-bhual ach ann an Dun-Eidin. Tha fìor bhardachd agus fior dhiadhaidheachd anns na Dain so;- agus bhiodh e ro fheumail gura biodh fear de na leabhranaibh so anns gach teaglach a leughas agus a thuigeas Gailig. Maille ris na h-oranaibh bidh cuibhrinnean a cuid de a litrichibh air an clo bhualadh. Ullich air son cholera:—'Se glainne, curam, agus misneach na nithean a's fhearr air sòn an Cholera a chumail air falbh. Cum thu fhein glan. Ith biadh teth. Gabh Burdock Blood Bitters àir son cail, agus air son full ghlan a dhèan-amh, an aon ni às fhean air son Cholera no tinneas gabhaltach sam bith a chumaìl Agus 'se 'n ".Raymond" agus an "New Williams,> am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. Bi LEUBH SO. Tha mì reic Uidheaman-Gìul ain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cho mathaig an tigh turus feachaireacHD. Ann am baile beiug an siorramachd Pheart, bha gabhail tamh Uilleam Tuair-near. Bi 'n t-shaoirsneachd bu cheaird dha, agus b'abhist da bhi deanamh chisteachan-laidhe nuair a bhiodh feum orra. Bu duine onarach teom' e, air nach cuireadh obair gruaman sam bith. Thachir air aon mhadinn gu'n deachidh nabuidh dha a null gu taigh Dhaibhidh Ghrannd agus gu'n d'fhuair e 'n duine coir sin a caoidh bo a thachd i fein ag ith adh bun-tata re na h-oidhche. Bha Daibhidh na shealbhadair air beagan acairean fearinn faisg air a bhaile, 's bha daoine dhe'n bharail gu robh sporan math airgid aige,agus ged nach robh aige ri chumail suas ach e fein us Seonaid a bhean, gidheadh bha call na boin a Cuir dragh mor air. An deigh do'n fhear eile eisdeachd ti tuireadh Dhaibhidh thog e air dhachidh, ach air an rathad smaoinich e gu'm faodadh e spors mor a dheanamh mu'n mhi-fhortan a thaing air Daibhidh. Be Latha na Feachaireach a bh'ann agus bhiodh e lan riarichte na'm b' urrinn dha innleachd a dheanamh air Uileam Tuairnear a chuir a null gu laigh Dhaibhidh leis an deile air am biodhte a sineadh nam marbh, a toirt a chreidsinn air gum b'i Seonaid a bha marbh 's nach bi bho. Cha bu luaithe smaoinich è air na chuir e roimhe gu'm toireadh e an oidheirp, agus cho luath sa tanig e 'm baile chaidh e do'n taigh bheag ann sam biodh Uileam ri saoirsneachd. "Seadh, Uileam, gu de tha thu cur ris an diugh'?" ars esan 'se dol a steach. "Cha mhor sin," ars Uileam, "tha mi deanamh caithir do'n ghille bheag aig Alasdir Mac Ghriogair." "Feumidh tu sin a chuir bhuat an drasda, ma ta, agus do lamh a chuir ri obair air air am bheil cabhag, ach nach taitinn riut idir, ma's math mò bhar-ail sa." "Gu dearbh, bi'n obair neonach i, mur a cord i ri duine na's fhearr na bhi na thamh. Innis dhuinn gu de th' ann, a dhuine." "Ma ta, tog leat do dheile 's rach a null gu taigh Dhaibhidh Ghrannd. Thanig call mor air an duine bhochd. O! chan eile am bas na thamh! Chan eil idir!" "Gu de," ars Uileam, "am bheil Seonaid marbh?" agus gun feitheamh ri freagirt, chaidh e air adhart, "Gu de thanig rithe; de thug a bas?" "Thachd i i fhein" ars am fear eile. "Gu sealladh am freasdal oirnn, nach eil sin anabarrach. Bi'dh Daibhidh 'ga h-ionndrain gu mor, òir bu bhoriorinàch seàhdadh i. Ach cha dean-math dhomh a bhi bruidhinn an so; falbh-idh mi null air a mhionaid," agus thilg e 'n t-ord as a laimh, 's ghrèas e air do'n taigh, ghabh e greim bidh 's chuir e aodach-searmon uime. Bu choir dhomh innse roimhe so nàch robh Uillèam pòsda, ach gu robh e fhein 'sa nilrathair a fuirèach ann an taigh beag a mach air an taigh anns an biodh e ag obair An deigh dha e fein a chuir an uidheam dh'fhalbh e air a thurus gu taigh Dhaibh- idh Ghrannd, leis an deile air a ghuallinn 's gun smaoin na chridhe gu robh e falbh air turus feachaire nas mo na bh'aig an duine tha 'sa ghealich. Nuair a ranig e'n taigh chuir e 'n deile na sheasamh aig cul an doruis, chaidh e staigh 's fhuair e Daibhidh a gabhail toit as a phiob. "Ciamar tha sibh an diugh, a Dhaibhidh," ars Uilleam,se dol a stigh. ''Direach meadhanach, Uilleam, gle mheadhonach; dean suidhe's leig d'anail." "Tha mi fior dhuilich air do shon,"ars Uileam,an deigh dha suidhe. "'S mor an ionndrain a bhios agad oirre, tha mi cinnteach." "Thanig e gle chruaidh orm gu dearbh" arsa Daibhidh, "ach feumidh mi cuir suas leis: tha fhios agad gU bheil e air aithne dhuinn ar 'n uile dheuchinaean a ghiulain le foighidin." "Tha e cuir aoibhneas mor orm gu bheil thu sealltuin air a chuis mar sin," ars Uilleam, oir bha eagal orm gu'n laidheadh a bhuille gle throm ort." "Hut, Uilleam, na biodh eagal sam bith ort ga'm thaobh sa. Tha chuis dona gu leor, ach dh'fhaodh i bhi na bu mhiosa, 's chan eil mi dol a bhristeadh mo chridhe idir. Feumidh mi suil a thoirt mu'n cuairt agus te eile fhaighinn, oir cha dean mi ro mhath as aonais te." "Tha sin fìor gu leor, a Dhaibhidh, ach cha bhi cabhag sam bith ort an drasda. Tha uine gu leor air son te fhaotinn." "Oh,chan eil fhios 'am," arsa Daibhidh. "Se mo bheachd sa gur h-ann mar as luaithe 's fhearr. Chan eil mi faicinn feum sam bith ann a bhi cuir uine seachad. Ma dh'innseas mi 'n fhirinn, tha sul agam air te cheana, ach tha eagal orm gu bheil i tuilleadh us sean." Cha robh mi 'n duil gu robh iad cho furasda sin ri 'm faotinn," ars Uilleam. "Hud, a dhuine, ma bhios sporan lan agad, gheibh thu do roghainn dhiu. Ach bidh mi car faiceallach an am a bhi taghadh te. Ma gheibh thu te a bhios ro shean, chan fhaigh thu feum sam bith dhi, 's chan i te ro og as fhearr,bi 'n uine cho fada mus tig i gu feum, agus mar sin gabhidh mise m' uine s gheibh mi te mhath,—gun a bhi ro shean na ro og." (Ri leantuinn.) Tha*n t-Urr. M. P. Freeman, Gasper-aux, N. S. a sgirobhadh:—An deigh a bhi gabhail.K. D. C, uine gho mitha irid cinnteach gur cungidh-leighis luachmhor e. Bheirinn a chomhairle orra-san a tha tinn le droch stamag a ghabhail. DEAGH THAIRGSE. Tha'n "Scottish Canadian" air a chuir amach ann an Toronto,uair 'san t-sheach-dàin, tha fichead taobh duilleig ann,'a tha e toirt; naidheachdan na h-Alba uile gach seachdain. 'S fhiach e dolar gu leth 'sa bhliadhna. Gheibh neach sam bith a chuireas thuginn dolar gu leth, an "Scòttish Canadian" us Mac-Talla fad bliadhna, agua mar an ceudna leabhar beag de dh' Oràin Albanaah. Ma tha toil agad a bhi gabhal an da phaipeir sp am t-am. Sgriob gu J.G. McKinnon Sydney, C.B. A. J. PEUTAN, FEAR-AdHLACIDH. CISTEACHANLAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deisèachan-Donna, Curraican, Lamhann-an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c, Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma 'se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F, Falconer & a mhac. Tha iad an deigh a chuid a's mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, 's bheir iad dhuit bian, brat-eich, eota-lem, cluig, cuip, trung, valise, maileid no ni sam bith dhe'n t-sheorsa sin na's saoire na gheibh thu 'n aite-sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltainn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SlDNI, C. B. Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam, bith a thig tha. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an dèanamh chsarfc cho boidheach. ¦ Sgathain agus gloine uinneag air a phvif. a's islel ' • ; ' Seallaidhean air Ceap Breatuinn aiv laimh an comhnuidh 's air an reic gn saor. TAGHAIL AIG Tha flUr, min Siucàr, ti tombaca, coirce, feur agus iomadh ni eile aige Fogradh nan gaidheal CATAOBH; Bha Padruig Sellar 'na chulaidh-ghrain do'n t-sluagh leis an obair uamhasàich a bha e a deanamh. Nuair a thigeadh e a dhionnsuidh baile sam bith, bhiodh an sluagh air chrith leis an eagal, agus a' teicheadh as an rathad, mar na lachaidh roimh 'n chat; bhiodh na mnathan a' dol nam boile 's 'nam breislich, agus chaill aon bhean a ciall cho mor s nach d'than-tg i gu toinisg an deigh Sin. Nuair a chitheadh i duine sam bith air nach robh i eolach, ghlaodhadh i a mach le sgread eagallach, "O! sin Sellar! sin Sellar!" Chuireadh mu dheireadh casaid air Sellar a dh-ionnsuidh na Ban-Iarla, agus thugadh gu cuirt e ann an Inbhir-Nis, air beulaobh nam Morairean Dearga air a' bhliadhna 1816. Ach cha d'rinneadh ni àir an rathad peanais. Cha deachaidh moran 's an cheathramh cuid de na fìan-uisibh a ghairm agus iad sin fhein an fheadhainn aig àm bu lugha bha ri radh-ainn 'na aghaidh. Bha an luchd deuch-ainn (the jury) air an deanamh suas de thuathanaich mhora chaorach, de luchd-lagha, agus de luchd fearainn. Bha na fiànuisean air an ceasnachadh ann an Gailig; agus chan eil fianuis eadar-tHèangaichtè idir cho laidir, no cho eifeachdach, ri fianuis dhirich ann an cainnt na Cuirte, gu h-araid ma bhitheas an t-eadar-theangàir mi'thuigseach no mi-ònoraCh, agus nach eadar'theangaich e gu ceart agus gu h-iomchuidh. B'e deireadh na cuise gun deachaidh Sellar a shaoraah oir cha d'fhuair na deùch-ainnnearan ciontach e. Ach ged nach d'fhuair a' chuirt ciontach e bha e cointach ann am beachd agus ann an sullibh an t-slùaigh. Oir gus an latha an diugh tha an t-ainm aige a' lobhadh ann an Cataobh, agUs chan e mhain sin, ach tha seann mhuinntir ann an Abhainn Bharnaidh a thainig a Cataobh d'am bheil an t-ainm aige fhathast 'na ghrain agus na uamhas. Tha seann tvhoirioHnaich aig Abhainn Bharnaidh, a ni dansadh le rrtire-chatha agus le cridh* ealas, a' seinn luinneig-aidheir aoiridh no orain-cainidh a rinneadh air Sellar ann an Cataobh. Shaoileadh tu gum buaileadh na cinn aca na sparran, no cliath mhullaich an taighe,leis an leumartaich agus na surdagan a bhios iad a' gearradh air an urlar; agus iad a' seinn mar smeoraichean feadh nam preas air maduinn cheitein. Ho 'n ceard dubh! He n ceard dubh! Ho 'n ceard dubh dhaor am fearann. Chunnaic mise bruadar, S cha b'fhuathach leam fhaicinn fhathast; Nam faicinn e 'nam dhusgadh Bu shugradh dhomh ri m' latha. Ho 'n ceard &c. Young bhi ann am priosan 'S an t-iarann mu chnaimhean Shèllàr. Ho'n ceard &c Itugadh seanmhair nam bolrlonhach so air a' bhliadhna 1733 deich bliadhna roimh linn blar Chuil-fhodair. Bha e 'na fhorsair fhiadh aig an t-sèann Iarla Chatach, Iarla Uilleam. Cha do chuir e briogais riabh air a shleisduibh. Chuireadh an taigh aige ri theine, agus bha tuasaid aig a theaghlach ris na maoir. Reub a nighean. Sine mhor,sùmannadh an t-siorr-aimh le a fiaclan. Bha caileag aice d'am b'ainm Sine bheag agus nuair a chunnaic brathair a mathar, Alastair am fidhlean bata chonstapuill a' tuiteam àir ceann na caileige, aois sia bliadhna diag, leum e staigh agus fhuair e am buille air mullach a chinn agus bha cnàchd air a' chlàige-ann riabh tuilleadh fad laithean a bheatha; An deigh sin, chuireadh an Seann duine, Iain Sutharlan, am priosan an Dornoch ach thug a Bhan-Iarla mach e, gidheadh b'eigin da an duthaich fhagail agus dol gu America- Thainig e gu Abhainn Bhar-naidh am Pictou far an robh e beo gus an do rainig e aois Ciad bliadhna agus coig. Se n t - ainm fo'n robh e aithnichte san dùthaich so, "Bodach an fheilidh"no Iain Sutharlan an fheulidh. Fhuair e 'm bas air a' bhliadhna 1840. D. SB. Tha side gle reota aca ann an Ontario 'san Quebec. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gù feum. Duine sam bith a dh' fhagàs a thomhas aig Mac 'lllinnean, bidh e cinnteàch a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus è ri reic gu saor. Am bheil thu tuigsinn cho feumail sa tha e dhuìt stamag fhalain a bhi agad, 's am cholera cho faisg? Ni Math ar Duthcha tha beachd. FAIC SO do stamag fallain, 's do dhion on cholera. Tèine mor an ordugh Us Roy ann na theis meadhoin Sampull a nasgidh gn nach sam bith K. D. C. COMPANY, Ltd. New Glasgow, N. S., Canada; Ainmich am paipear so. Tha sinn a cumail uan Amhlau a's fhearr ann an Sidni's tha sinn 'g an reis na's saoire na neach sum bith eile Tha'm Flur aginn leth dòlar na's saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bheile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi} tha gach ni air a reic aig a phris a's isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son lm aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu dè% bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a's fhearr a ghabhas faotinn, C. H. HARRINGTON & CO. __Sidni, C. %} COMHRADH. "Do'n uair a tha e?" "Thà e coig mionaidean an deigh tri'.'7 "Ciamar a tha fios agad?" ^ \ 7 "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin Cho mi dhoigheil 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se ' cho gliogach's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa- tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e! Charaich QUZzWELL & RHODES, ann an Sidni feadhainn da 'm b'aithne charadh."