"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach." Vol. I. SlDNI, C. B., DI- SATHAIRIne, IANUARIDH 7, 1893. No. 33 SioSAL & CROWE, NAIDHEACHDAN NA seachdain. Fir - Tagridh, Comharlichean Notairtean, &c. SIDNl, C B. cailean siosal. w CROWS. ARCHIBALD & CO. CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich Ann an Kentucky aon la air àn t-sheachd-Ain sa chaidh, thugadh duine dubh a bhatar a toirt dha'n phriosan bho na maoir, 's chaidh a chrochadh ri craoibh 'sa chorp a dheanamh na chriathar leis na peileirean. Chan eil an so ach sgeul a tha tighinn gle thric as an duthich sin. Tha soitheach-seolich Geancack air a glacadh aig Pierre air son an caiptean 'san sgioba 'bha toirt airgiod meallta do na ceannicheari air son an cuid bathair. Chuir iad air an doigh sin call mor air muinntir a bhaile Fhrangich, ach fhuaras a mach an innleachdan an deagh am, 's rinneadh greim orra. Tha fios a Boulogne ag innse naidheachd neonach mu shaighdear Frangach a bha air a ghlacadh arm ah cogadh 1370 leis na Gearmailtich. Thug e iomadh ionnsidh air teicheadh uaithe sin, ach bhatar a brathair a h uile turus sa toirt tuilleadh dhe'n phriosan dha. O chionn beagan laithean leigeadh ma sgaoil e an deigh a bhi na phriosanach fad da bhliadhn' 'ar fhichead. Thànig e gu Boulogne far am b' abhist dha bhi deanamh a dhachidh 's fhuair e an sìn gu robh a bhean an deigh fear eile phosadh, 's teaghlach mor aca. Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c, SiDNI TU TH, C. B. Fir-Tagraidh, Notairean, &c, &c, SIDNI & ARiCHAT. Chaidh duin og a mhuinntir Thoronto b'ainm Spiley a mharbhadh le peileir gunna ann an Chicago, oidhche Dior-daoin air an t-sheachdain s'a chaidh. A reir coltais 'sann ri meirle bha e 'nuair a loisgeadh air. Tha 'mhathair a fuireach an Toronto agus bha duil aice ris dhachidh mu latha na bliadhn' uire. An aite sin 'se fhuair i sgeula bronach a bhais. D. A, Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Bha Frank Brown, tuathanach an New Brunswick ann sa choille an la roimhe à gearradh chraobh. Thuit an tuagh as a laimh's ghearr i da mhiar glan dhe chois, s cha mhor nach tug i leatha na tri eile. An deigh sin, choisich e dhachidh gu stolda 'san da mhiar aige na dhorn mar gu'n robh eagal àir gum biodhte diumbach dhe nan cailleadh e iad. Nuair a bha 'm bata-smuid Stanley air a turus bha Charlottetown gu Pictou Di- sathairne s'a chaidh fhuair i soitheach-seolidh, fada bho thir, 'si àir a cuartachadh le deigh. Bha 'n sgioba gùn bhiadh gun amhlan, 's cha robh sradag thein' aca air bord. Bha 'n t shide aig a cheart am glè reota. Bha 'n soitheach da'm b'ainm an Reul Mhaidne air a tarraing gu Pictou, far an d'fhuair na daoine bochda bh'air bord biadh us blaths gu leor. Baile - Sheòrais, Eillean Phrionns' Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin Comhairlichean agus Fir-Tag- raidh aig Lagh, Sidni & St. Peters, c. B. Tha Samuel Clarke, Scotstown, Quebec a sgriobhadh. "Feumidh mi radh gu'n d'fhuair mi K. D, C. na leigheas math air droch-stamaig. Fhuair mo bhean feum mor dheth, agus molìdh ml e do mhuinntir eile, Ged a fhuair na croitearan Gaidh-ealach mal an fhearìnn isleachadh,agus ged nach eil iad idir cho mor an eiseameil nan uachdaran sa bha iad bliadhnichean roimhe so, gidheadh tha iad ag ìarridh tuilleadh cèartis agus gheibh iad sin luath no niall, Tha na mirean fearinn air am bheil iad a comh-nuidh cho beag 's cho neo-thorach 's nach eil e comasach dhaibh beolaìnd cheart a dheanamh orra, Tha aig a cheart am miltean de dh' acairean fear-inn fo chaorich 's fo fheidh air am faodadh tuath barr agus spreidh gu leor à thogail,ach gus a so chan fhaigheadh iad leud am broige dhe'n fhearann sin, agus chan eil lagh san rioghachd a cho eignicheas na h-uachdarain gus a thoirt dhaibh. Ach an drasda tha Ard-Chornhairle air a chuir a mach le ughdaras na banrigh air son fhaicinn gu de na tha de dh'fhearann xn&th tuathanachas fo chaorich o fheidh air a Ghaidhealtachd. Nuair a gheibh daoin-uaisle na Comhairle gach fiosrach- adh a's urr inn dhaibh, bheir iad am barail'do'n pharlaimaid ma chithear an sin gu bheil tuilleadh 'san coir fhein fo na caorich no fo na feidh, bi'dh lagh ur air a dheanamh leis am bi am fear- ann a tha fopa air a roinn na ghabhar lichean, s' air a chuir fo thuath. Tha dochas math aig na cuspearan gu'm bi an lagh so air a dheanamh ri linn na h-Ard-Chomhairle. Tha Breatuinn a reir coltais a dusgadh gu bhi faicinn an ana-ceartais fo'm bheil iad a fulang, 's ma dh'fhaoidte gu fanadh i na duisg gus àm bi 'n t-ana ceartas sin air a sguabaadh gu buileach air falbh, MAC-TALLA. fàilte na bliadhn' uire. Tha Mac-Talla air a chur a mach a huile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ha phaighear air a shon toiseach na bliadkna, $0.50 An ceann shia miosan............... 0.75 An ceann na bliadhna..............LOO Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Talla 'nasgidh. 'Se Mac-Talla's aon phaipear Galig 'an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKlNNON, Mac-Talla, Sydney, C, B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, iANUAtUDH 7, 1893. Tha'n cholera a togail a cinn a rithist. Bhasich dithis no triuir leatha ann an Gravelines, sa Fhring air an t seach* dain s'a chaidh, agus bha duine no dha air a bhualadh leatha as ur. Ann a Hamburg, o chionn ghoirid, bha ochd deug thar fhichead ann san ospadal, linn leis a ghalair cheudna. Mur cuir-ear as dhi fhad sa tha fuachd ann, faod-idh sàl a bhi aginn ri a faicinn a dean-amh sgrios mor, chan ann a mhain san Roinn Eorpa, ach mar an ceubna ann an America, nuair a thig blaths an t-shamhridh. Bha an t-Onarach Uilleam E. Gladstone, Priomh Mhinisteir Bhreatuinn, ceithir fichead bliadhna 'sa tri a dh-aois air an 29mh la dhe'n mhios s'a chaidh seachad. Air an latha sin, chuir a bhanrigh agus moran dhe a cuid iochdran fiosan da ionnsidh a cur failt air, 'sa deanamh comh-ohairdeach-as maille ris. Tha Mr. Gladstone aig an am so air tir mor na Roinn-Eorpa àir son a shlainte, agus tha e dol na's treise gach latha. 'Sann gle ainneamh an eachdridh an t-snaoghil a chunnacas duine cho sean a gabhail air fhein a bhi riaghladh rioghachd. Ach chan e mhain gu bheil Gladstone a gabhail as laimh a bhi stiuireadh na rioghachd is mo agus is cumhachdiche air uachdar an domhain, ach bhiodh e gle mhi-thoilichte 'n drasda nan rachadh an stiuir a thoirt'às à laimh. Tha e meas gur fheàrr na laimh fhein i na an laimh fir sam bith eile. Chaidh fear Iain Richardson a mhuinntir Windsor a reothadh gu bas air an t sraid oidhche Nollaig. Bha'n daolach àir aig an an, A Mhic-Talla runicH; Tha sinn leis gach deagh dhurachd a cur failte ort fhein agus air do luchd-leughidh anns gach cearna d'an duthich, BLIADHNA MHATH UR dhuibh, us gu leor dhiubh! Tha dorchadas air laidhe air an t-seann bhliadhna, 's i air seoladh gu ionad na dischuimhne, agus a ghrian air eirigh gu boisgeil air bliadhn' uir. Tha mi an dochas gu bheil sibh uile gabhail pairt ann an toil-inntinn, gleadhraich, agus cridh-ealas na Nollaig agus na Callainne. Buinidh e dhuinn a bhi guidhe soirbh eachadh math d'a cheile air a bhliadhna so air am bheil sinn a nis air innt-reachn.dh. Is ann mar so a mhain, agus air reir's mara chaithear i, le bhi seachnadh an uilc agus a deanamh a mhath, a bhios i dhuinn da-rireadh na Bliadhna Mhath Ur. Co-dhuinidh mi le bhi cur sios beagan rann a rinneadh uair-eigin do'u Bhliadhn' Uir:— Bliadhn' eile theich air meadhon oi'ch Ghluais uainn gun fhuaim gun ghlaodh: 'Na h-aonar dol gu sior uidheachd, Mar thaibhs gu cuan gun ghaoith. A math 'san t-olc 'chaidh chur an gniomh. Leath' 'n teid iad sios nan deann? Cha teid, ach ruithidh o bhliadhn gu bliadhn, Mar shruth o ghleann gu gleann. Ri math, 's chan ann ri olc, their thu, Bliadhna Mhath, Ur! Us smuainich fein us roghnich fein, Co riaghilt dhuit a's fhearr; 'Bhi deanamh math areir do threis, No triall air slighe chearr. Tilg naimhdeas uat m'an abuich e, 'S m'am fas e dhuit mar lon, Ach mar ghath grein' air linne dhuil ch' Bi thusa 'n tigh a bhroin, Us abair ris a mhuinntir chiuirrt', Bliadhna Mhath, Ur! Droch chleachdinn tilg gu buileach uat, Us mi-run fag ad dheigh; Gleidh math ad ghlaic ach O, an t-olc Fag leis a bhliadhna 'threig. Rach sios troimh amannibh a dh'fhalbh, Mar troimh ghleann dorch nan craobh, Thoir as gach eiseimpleir a's fhearr, Us gleidh iad dluth ri d' thaobh. S mar sin rid chridhe fein their thu— Bliadhna Mhath, Ur! Is mise, An Gille Dubh. Riaghiltichidh e 'n stamag, an gruan 's na h-airnean, glanidh e 'n fhuil's bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuircan gu tinneas an righ. CeANN-goiRT.—0 chionn tri miosan bha mi teann air a dhol gorach le ceann goirt. Thoisich mi air gabhail B. B. B. agus an deigh dhomh da bhotull ol chuibh-tich an goriteàs mi gu buileach. Is leigheas ìongatach e. LettIce Codes, Londes* boro, Ont. Am bheil Piano, Organ nò Inneal-fuaiglieal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n " Raymond" agus an "N-ew Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giul-ain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatainn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair à gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh d. W. MacFhionghain, SIDNI TUATH, C B. turts feachaireachd. Mu'n do sguir Daibhidh a bhruidhinn, bha Uilleam ag amharc air cho geur 's gun sgoileadh tu gu'n leumadh a dha shul as a cheann. "Ma ta, a Dhaibhidh, tha ioghnadh mor orm do leithid fhein de dhuine 'chluinntinn a bruidhinn air an doigh sin. Shaolinn gu'm faodadh tu an te a tha marbh a chuir fo'n uir, mu'n toil e idh tu iomradh air te eile chuir na haite." 'Chan eil mi faicinn gu'n deanadh am muthadh mor sam bith,"arsa Daibhidh. ''Co-dhiu, bha dail agam a dhol a nach an deigh mo dh innearach, 's toll a chladhach air cul an t-shabhail gUs a cuir ann. Chan fhaigh mi creic oirre 'n drasda, tha daoine cho cruaidh." "A Dhaibhidh Ghrannd!" 'ars Uilleam, "nach nar 's nach maslach, dhuit fhein a bhi bruidhinn mar sin, thusa tha 'nad eildeir san eaglis! Gu dearbh, b'e sin an t-eildeir! Ach cha leig mi leis a chuis a bhi mar so na's fhaide. Theid mi null far am bheil am ministeir, agus innsidh mi dha gach ni, facal air an fhacal. Tha lan am aige fhaotinn a nach de'n seors' eildeirean a th' aige," agus le sin ghabh e mach air an dor us. Chì robh tigh a mhinisteir thar da cheud slat bho thigh Dhaibhidh, 's mar sin cha tug Uilleam gle fhad air an rathad. Chunnic am ministeir e tighinn agus choinnich e aig an dorus e, "Seadh, Uilleam gu de tha cuir ort? Feumidh gu bheil rud-eigin cearr, nuair a tha thu ann an cabhag cho mor." " Gu dearbh, sibhse dh'fhaodadh sin a radh," ars Uilleam; "tha rud-eigin cearr, agus gle chearr! B'fhearr leam gu'n rachadh sibh a null far am bheil Daibhidh Grannd, oir se mo bharail gu bheil e air a dhol as a rian." "Gu de tha thug radh?" ars am ministeir. "Ga de th ailig ri Daibhidh?" "Ma ta, le'r cead, tha Seonaid a bhean marbh. Thachd i i fein re na h-oidhche, agus thanig fios thugamsa, Mhol a null leis an deile. Rinn mi sin, ach an aite Daibhidh a bhi tuireadh air son a mhna, 's ann a thuirt e rium gu robh e'n duil te eile fhaotinn cho luath sa b'urrinn dha, 's-chan e sin a mhain, ach gu robh sul aig air te cheana. Agus nuair a thuirt mise ris gu'n bu choir dha an te bha marbh a chuir fo'n fhod an toiseach, 'satin a thuirt e gu robh e dol 'ga-cuir ann An toll air cul an t-shabhail, se sin mur faigheadh e a creic. Ach tha 'n duine as & chiall, ma's math mo bharail-se.'' "Bean Dhaibhidh marbh!" ars am ministeir. Nach neonach nach cuala mi mu dheibh-im a bais 's-i bhi cho faisg air laimh. Ach stad beag ort; gheibh mi m' ad's theid mi null comhla riut." Nuair a ranig iad fhuair iad Daibhidh a spaisdearàchd air an urlar, gun fhios aige de dheanadh e dhe'n dol-air-adhart a bh'air Uilleam. "Tha mi fior dhuilich air do shon," ars am ministeir, "agus bha e cuir mor iongatas orm nach do chuir thu fios òrm. Saoil nach deaninn beagan caideachidh leat 'nad thrioblaid. Chan eil mi buidheach dhiot idir nach do chuir thu 'gam iarridh." "Chan eil mi tuigsinn," arsa Daibhidh, "co air a tha sibh a bruidhinn." "Cha mhor feum a dheanadh sibh dhomh, ged chuirinn ga'r 'n iarridh. 'Sann ormsa bhios an call co-dhiu, 's cha robh romham trioblaid inntinn sam bith a ghabhail dheth."" "An deigh da thanig as do bheul an drasda," ars am ministeir, "tha mi faicinn nach eil feum sam bith a bhi reusanachadh riut; agus tha mi ro dhuilich gu bheil do leithid na bhall d'an eaglis agam; 's chan e mhain sin ach na eildeir; duine gun bheus gun mhath mar a tha thusa; ach theid mise 'n urras nach fhada bhios gnothuichean mar sin; gairmidh mise coinneamh cothionail's theid do chuir air cul eaglis. Cha bhi thu na's fhaide 'nad eildeir agamsa!" Fao-didh sibh a Chleir a thoirt cruinn ma thogras sibh," arsa Daibhidh 'sa nadar ag eirigh, "tha mise gle choma co-dhiu, ach 's fhada mas gairmeadh sibh aona chuid coinneamh Cleire no cothionail air son te eile fhaighinn dhomhsa, 's chan eil mi'm barail ged a ghairmeadh, gur mor a b' fheairde mi e." "Chan fhan mise san tigh so na's fhaide gu bhi faighinn taire mar so," ars am ministeir 'se toirt an doruis air, ach chuir Uilleam stad air. "Hud, ud, a dhuine!" ars esan, "cha dean math dhuibh an tigh fhagail mar so! Mur dean an seann phaganach so a dhleasanas feumidh cuid-eigin eile 'dheanamh air a shon. Bi'dh mise falbh an drasda 's gheibh mi nabaidh no dha gus mo chuideachadh a sineadh a chuirp air an deile. Ged-a tha esan mar-a tha e, feumair ise tha marbh adhlacadh air doigh cho rianail 's cho Criosdail sa's urrinn dhuinn. (Re leantuinn.) A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. Ann sna bliadhnichean a dh'fhalbh b'abhist do dhaoine bhi 'gearain air fuachd us cruas nan geamhridhean, ach 'sna bliadhnichean so sann a bhios iad a gearain air blaths 's air briaghad na h-aimsir. Feumidh an gearain a bhi ann co-dhiu! Na's fhearr na cach uile.—Tha aon leigheas ann na's fhearr na cach uile air son casadich, tuchadh, cuing, amhach ghoirt, 'san leithide sin. 'Se 'n leigheas sin Dr. Woods Norway Pine Syrup, a tha deanamh feum mor ma'n am so 'n bhliadhna. Tha'n "Scottish Canadian" air a chuir a mach ann an Toronto,uair 'san t-sheachdain, tha fichead taobh duilleig ànn,'s tha e toirt naidheachdan na h-Alba uile gach seachdain. 'S fhiach e dolar gu leth 'sa bhliadhna. Gheibh neach sam bith a chuireas thuginn dolar gu leth, an "Scottish Canadian" us Mac-Talla fad bliadhna, agus mar an ceudna leabhar beag de dh' Grain Albannach. Ma tha toil agad a bhi gabhail an da phàipeir. So an t-am. Sgriobh gu J; G. McKINNON,. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2,00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann-an, Stocainnan, Gleus Airgid air son cuisteachan &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma "se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam bith a tha bhuat taghil aig F, Falconer & a mhac Tha iad an deigh a chuid a's mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, 's bheir iad dhuit bian, brat-eich, cota-bein, cluig, cuip, trung, milse% maileid no m sam bith dhe'n t-sheorsa sin na's saoire na gheibh thu 'n aite sam bith eile. Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a sheall tuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON SIDNI, c. a Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga .air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a,'s isle. Seallaidhean air Ceap Breatuìim ak* laimh an comlmuidh 's air an reic gu saor. TAGHA1L AIG Aonghas Domhnullach CEANNAICHE tha flur, Min, Siucar, Ti, Tombacà* Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR fogradh nan gaidheal cataobh. Nuair a thugadh Padraig Sèllar air beulaobh nam Morairean b'iad so na nithean a chuireadh as a leth mar chionta. 1. Cur a mach teinè, le losgadh taigh duine bhochd, maille ri shabhal, agus taighean eile, a bha 'na gobhair air trioblaid agus bas a thoirt air. 2. Leagail agus cur as a cheil muilinn, far am bidh an tuath a' bleith an cuid mine. 3. Cur teine ris an fhraoch roimh an am, ni a bha 'na chall da 'n tuath, le bhi milleadh nan nithean air am biodh an spreidh a' beathachadh san earrach. 4. LeaGail fhaighean anns an robh seann mhuinntir bhreoite àir an leabaidh; ni a chuir am beatha ann an cunnart,agus a thaobh dream araidh a rinn an laithean a ghiorrachadh. 5; Leagail sios agus cur as a cheile Shaibhlean, thaighean chaorach, agus athannan far am biodh rin tuatth a' cruadhachadh an sil air son mine. 6. Moran de choireannaibh eile na bu lugha. Ann an litir a sgriobh an Siorramh èall, an nighean a b'oige aig Bodach an fheiltdh. Thainig e a Sgireachd Chline far an robh Mr Bhàltair Ross 'na mhinistear. Is minic a chualas e ag aithris sgialachdan abhachdach mu thimchioll a' mhinisteir so a bha na bu deidheile air spois na bha e air searmonachadh. Aig amannan a raid an deigh na searmoin bheireadh e fios-rabhaidh do'n t-sluagh, ag radh. "Ma bhios an latha maireach fliuch bidh coinneamh urnuigh againn anns an Eaglais: ach ma bhios o tioram bidh sinn a' ruith 's a' ruagadh an t-sionnaich." Cha robh ach ministearan meadh-onach, cuibheasach, anns an fheadhainn a bha am Patron a' foirneadh agus a' sparradh a stigh a dh'aindeoin air an t-sluagh ann an Cataobh. Uime sin cha d' rinn iad moran feum do'n phobull. An Sionnach mor ruadh a bu choir dhaibh a bhi a' ruith 's a' ruagadh, bha iad a' leigeil leis a bhi a' milleadh agus a' reubadh an trend. D. B. B. Aodaicheàn Sassùnach agus Albanach dhè gach seòrsa's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Dùine sam bith a dh' fhagàs a thomhas aig Mac 'Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho lasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. Raibeard MacKid a dh'iònnsuidh Morair Stafford, ag innseadh mar a b'eigin da Padruig Stellar a ghlacadh agus a thoirt gu cuirt, tha e ag radh, "ls ainmig a bha duthaich sam bith riabh air a maslachadh le eucoirean bu lionmhoire, agus a b' namhasaiche, a rinneadh le aon duine; agus is ainmic a bha cuirtean na h-Alba an salachadh le 'n leithid sin.' Ged a fhuair Sellar as bho'n chairt gun a bhi air a dhiteadh, gidheadh thug a bhan-Iarla cead da fhein agus do Mhr. Young, air chor as nach robh iad tuilleadh nam Fir-ghnothaich, no nam Fuctoran aice. Ghairm i an sin air Mr Loch, Fear-Parlamaid air son nan saor-bhailtean Tuathach,gu bhi 'na Ard-fhear-gnothuich, agus maille ris-san bha Mr. Suttar, mar fhear-cobhair fo a laimh. Ach mò truaighe! cha robh an t-atharrachadh so chum feum no saorsa do na Cataich bhochd. Cha robh e dhaibh ach mar as a' ghriosaich da'n amhuinn' thèintich. Oir lean na Factaran ura air obair an Di-lar- tchaidh, ann an cas-cheumaibh Shellair agus Mhr. Young. Chuir iad a mach luchd-losgaidh le leusan teine agus chi teadh tri chiad taigh 'nan lasraichean aig an aon am. Chuireadh moran de'n tuath bheaga nach as an taighean air a' bhliadhna 1819 agus air a' bhliadhna 1820. B' ann mu 'n am so a chuireadh stir falbh Iaìn Sutharlan, an fheilidh, a thainig gu Abhainn Bharnaidh ann am Pictou. Thainig e fhein, agus da mhac, maille ri triuir nighean, a nall air a' bhliadhna sin. Bha Aonghas Mac Aoidh,a bha 'na eildear aìg Abhhainn Bharnaidh, posda ri Muir- CuM faisg Air laimh e.—Tha botuil de Hagyard's Yellow Oil agam daonnan àir son gearridhean us bruthidhean. Tha muinntir an taighe 'ga chleachdadh, cha mhor air son a h-uile eucail. Tha fhios'am gur leigheas math e. Tàghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & CO., Bha teine ann an Charlottetown air an t'sheachdain s'a chaidh a loisg fiach ceud mile dolair de thaighean. Chaidh aireamh dhe na taighean-'ceannachd bu bhriagha sa bhaile 'losgadh gu lar. agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa,- agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. Far nach bi cion-cnamhidh bidh cha bhi cholera. Glani h FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlau a's fhearr ann an Sidui's tha sinn 'g an reis na's saoire na neach sum bith eile, Tha 'm Flur aginn leth dolar na's saoire na gheibhear aig aon sam bith sa-, bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a's isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do'n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a's fhearr a ghabhas faotinn. C H. HARRINGTON & CO. Sidni, C B, do stamag air chor 's nach dearg cholera ort. K. D; C. COMPANY, Ltd. New Glasgow, N, Canada. COMHRADH. Ainmich am paipear so. "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri." "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' 'Dh'fhaoidte gu bheil an t-Uaireadèar sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mail riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel 'sa bha 'leithid riaimh, air aon spoig, cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'so uaireadèar cho math sa tha 'san duthaich." 'Co 'charaich e? "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da 'm b'aithne charadh'