¦ "An nì nach cluinn mì an diugh cha'n aithris mi maireach." Vol. I. SIDNI, C. R, DI-SATHAIttNE, IANUARIDH 23, 1893. No. 36 SioSAL & CROWE Chaidh gle theann air fiach seachd fich ead muilean dolair a chall leis an teine ann sna staitean's an Canada air a bhliadhna s'a dh' fhalbh. cailean siosal. archibald & co CEàNNICHEAN Tha da mhile de luchd-imrìch a tigh'nn gu Manitoba a Iceland air an t-samhradh s'a tighinn. Tha iad nan daoine rianail, sitheil, gle mhath gu obair, agus chan eil teagamh nach dean iad gu math ann àm Manitoba, Sealbhadairean Meinean Gùail Marray & Mac Coinnich Chaidh dithis dhaoin' fheuchinn aig Fredricton, N, B., air an t-seachdain s'a chaidh air son tighinn ri beatha fear Fred Titus. Chaidh an cur le cheile gu Dor-cheater far am bi iad air an cumail gu c ann da bhliadhna. Tha fios a China ag innse dhuinn mu ghniomh oillteil a rinneadh faisg air Canton, aon de bhailtean mora na duchà sin. Dh'fheuch sgioba do ghaduichean ri bristeadh a stigh do thaigh-cluich ann san robh moran de dh' iomhaighean oir us airgiod, ach chuir na saighdearan an ruaig orra, 's b'fheudar dhaibh teicheadh le 'm beatha. Air an ath oidhche co-dhiu, thill iad 's chuir iad teine ris an taigh-chluich, a bha aig a cheart am lan sluaigh, 's bha moran dhiu nach d'fhuair a mach beo. Theich moran eile do theampull a bha faisg air laimh, ach ghabh an aitreabh sin tene mar an ceudna, 's chuir e as do chiadan dhe na daoine, truagha. Tha e air a mheas, eadar gach ni a bh'ann, gun deachidh corr us mile duine a dhith. sìdnì Tuath, c. b. h murray. d d. MAC COINNICH Fir-Tagraidh, Notairean, Tha Seanalair Booth, ceannard Feachd na Slain te f Salvation Army) an drasd am Montreal. Tha e air a radh gu bheil e dol a chuir air doigh taigh mor air son fasgath a thoirt do bhochdan a bhaile sin. Chan urrinn gU bheil muinntir Mhontreal a deanamh an dleasanis ro mhath 'nuair a dh' fheumas Booth a bhi gabhail curam dhe'n cuid bhochdan. sidni &. ARicHaT. d. a. hearn. d A, Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche Notair, Etc. Baile - Sheorais. Eillean Phrionns' lomhair. 0 chionn tri bliadhna bha Caiptean Ronneìl an St. John, N. B.,a dol seachad air taìgh Dotair Walker ann an carbad. Ruith cu an dotair a mach, chuir e eagal air an each's thuit an caiptean as a charbad. Chaidh beagan leonidh a dheanamh air, 's thug e 'n dotair gu cuirt air a shon. Bha 'n cas a dol air adhart bho am gu am riabh bhuaithe sin, gus an la roimhe nuair a b' fheudar do'n dotair ochd mile dolair a shineadh a null do'n chaiptean. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tag- raidh aig Lagh, Sidni & St. Peter's, C. B. 'Se ìarla Abaraidhean a tha gu bhi na Ard-riaghladair airCanada an deigh Morair Stanley. Bha e tamhachd ann an Canada beagan uine roimhe, 's chord an duthich gu math ris. Chan mhor gu bheil duine m Breatuinn air am bheil muinntir Chanada cho measail s'a tha iad air Iarla Abaraidh-ean, 's bheir a thighinn 'nam measg mar ard-riaghaladair riarachadh do na h-uile. Bha bruidhinn aon uair air gum biodh Morair Wolsey air a chuir san ard-inbne so, ach 'se Abaraidhèàn à roghnich Mr. Gladstone. Tha C. B. Welton agus Dr. Randall an drasd a cur seachad an laithean ann san laigh-oibreach an Dorchester. 'S iad so na fir a bha feuchinn ri'm fortan a dheanamh le bhi cuir airgiod urrais air beatha muinntir a bha cinnteach a bhi marbh am beagan uine. Am measg na feadhnach sin bha fear Mac Gille-Mhoire a mhuinntir St. Ann's, a bha ann an trom chaitheamh 'nuair a chuir iad airgiod-urrr-ais air a bheatha. Ach an aite 'n t airgiod fhaotinn le'n cuid innleachdan, sann a fhuair iad coig, bliadhna 'n t-aon dhe'n taigh-oibreach, rud bu mhath a choisinn iad. Faisg air Caitheamh.—Nuair a nithear dearmad air cnatan thig e gu tric gu caitheamh. Chan eil leigheas eil' ann is luaithe bheir faochadh na Dr. Wood's Norway Pine Syrup, oir chan eil leigheas ann cho eifeachdach ris. POSAIDHEAN, Aig Boston, Ian. 3mh, leis an Urr. 8. C. Gann, Ailein e. Caimbeul, Loch. Ainslie, ri Catriona NicCoinnich, Baddeck. Aig Sidni, lan. 19mh, leis an Urr. Iain. Gill-Ios, Domhnul Mac Leod, International Pier, ri Rach Nic-Amhlaidh, Lake Vale. Aig Leitches Creek, leis an Urr. Eachann Mac Guaire, lan. 24mh, Seumas A. Mac Leoid, ri Mor Nic-Dhughill. BAS. Aig, Riverside. California, Dec. 23mh, Caiptean. Domhnuil MacCoinnich, a mhuinntir taobh-deas an Eilein Mhoìr^ MAC-TALLA Tha Mac-Talla air a chur a mach a huile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan..............- 0.75, An ceann na bliadhna................ 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Taila 'sasgidh. 'Se Mac-Talla 's aon phaipear Galig 'an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichìoll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKiNNON, Mao-Talla, NAIDHEACHDAN GAIDHEALACH A SASUINN. Comunn na Feinne. Nuair a bha mi a sealltainn thairis air seann pha> ipear a thanig gu m' laimh, chunnaic mi cunntas air coinneamh bhliadhnail a bh'aig Comunn na. Feinne (Comunn Gaidhealach) aig Geelong, Australia, air latha na bliadhn' uire, 1863. Am bheil fhios aig fear sam bith de'r luchd-1eughidh am beil an comunn so beo fhathast? Ma tha, tha mi cinnteach gum faigheadh Mac Talla failte chridheil Ghaidhealach bhuapa 'san tir chein sin. Searmon Gailig an Lunninn.— Shearmonich an t-Urr. A. Connel ceud shearmon Gailig na bliadhna 'san Eag* lis àlbannach Cuirt a Chruin, an Lunn-inn air Di Domhnich an 8mh la den mhios so. Bha a dhoigh-labhirt cho fileanta, agus 'gnaths a chainnt cho glan 's cho nadarra, 's gun do dhichuimhn-ich a luchd-tisdeachd deatach us ceo Lunninn 'san robh iad, agus chaidh an smuaintean air ais do Thir an Fhraoich far an deach an arach, Ged a bha 'n t-side cho truagh—aiteamh mhor an deigh reothadh fada—thanig corr us da cheud de bhillean nam beann a dh'eisdeachd ri searmon 'san t-seana chainnt. Ghabh Mr. Cònnel a cheann-teagisg bho'n darra litir chum nan Cor-intanach, an 4mh caib 'san 18mh rann. Thubhirt an t-Urr, Mr. Mac Rath, ministeir ur na h^Eàglis Albannich, beagan fhacail an deigh an t-searmoin, Sear minichidh an t-Urr Tormoid Mac Leoid, Inbhirnis, an ath shearmon Gàilig 'san eaglis so air an 9mh la de dh April. Gaidhil Bhancoubher. Chuala mi gu bheil Reiseamajd Ghaidhealach gu bhi air a togail am bliadhna an Bhan- coubhcr mar a rinneadh an Toronto an uiridh, agus tha mi sgriobhadh so an dochas gum faic Gaidhil Bhancoubher e ma tha an naidheachd a fhuair mi ceart. 'Se 'n rud a tha nam bheachd gum bitheadh e moran na b' iomchuidh do rèiseamaid Ghaidhealach fo sgriobh-adh a ghabhail 'sa Ghailig na an cainnt sam bith eile mar a tha cho cumanta an diugh, eadhon am measg nan daoin-uaisle Gaidhealach. Chan eil na Com-uinn am measg nan Gaidheal, aig a bheil fo-sgriobhadh Gailig, ach gle thearc, oir tha e coltach gur docha leo an Laidinn no an Fhrangis a ghnath-achadh mar sin na an canain fein, ged is ann air son a cumail beo a chuireadh air chois a chuid a's mo dhiu." Na bitheadh Gaidhil Chanada cho suarach ris na Gaidhil aig an tàigh mu'n chuis so. Chan eil os an cinn-san parlamaid lan Shasannach a milleadh agus a cumail fodha gach ni Gaidhealach mar a pharlamaid aginn-ne. Ann sna Gaidhil Shiportach 'san arm Bhreatunnach, chan fhaicear facal ach Gailig air acfhuinn nan saighdearan. Tha "Cuidich an Righ," no "Cabar Feidh," ri fhaicinn air an cuid sporanan, colairean, bonaidear, criosan, braisdean agus gach ni eile 'bhuineas dhaibh. Ma theid reiseamaid a thogail ann an Bhancoubher, tha' mi 'n dochas gun cuimhnich na Gaidhil na daoine bho'n danig iad, agus gun lean iad eisimpleir reiseamaid Mhic Coinnich. Creag an Fhithich. Hastings, Sasuinn. Shuidh parlamaid Nobha Scotia deireadh na seachdain s'a chaidh. 'Se 'ni a's cudthromicbe 'tha air am beulaibh aig an am so reic meinnean guail Cheap Breat~ uinn. Tha cuideachd laidir de dhaoine saoibhir a mhuinntir nan Staitean us aitean eile an duil meinnean guail siorr-amachd Cheap Breatainn a cheannach bho'na fheadhinn aig a bheil iad an drasda ach an toIrt dhaibh. Tha moran dhe'n bharail gur ann a mhilleas iad so na meinnean agus an duthich, nach eil a dhith orra ach greine fhaighinn air na meinnean gus an dunadh, agus an cuid guail fhein a chuir gu margadh an Canada. Ma tha so ceart, bhiodh e gle iomchuidh srian a chuir am beul a chuideachd so, ma's toirear dhaibh coir air ar cuid guail, ach ma tha rompa dhol air adhart, leis an obair gu Laidir, gun chlichdean sam bith a bhi fanear dhaibh, chan eil teagamh nach dean iad feum mor do'n duthich. AlR A dheagh MHOLADH.—Molilh mi Hagyard's pectoral Balsam gu mor air son Casadich us cnatan. Leighis leth botail mo bhrathair de dhroch cnatan. Lan de bhuadhan leighis n Ghiuthis maillc ri nadar ciuineachidh agus reiteachìdh iuibhean us chair ean casadich us cNATan Am bheil Piano, Organ ro Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B, LEUBH SO. Tha mi reic Uidheaman-Giul ain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, sidNi tuath, c, b, air a' chuis ghabh na daoine an droch comhairle, chaidil iad agus rug iad air fear de muilt reamhra, a bha mun cuairt, oir tha na muilt gle reamhar an am an fhogharràidh. Mharbh iad am mult, rinn iad fheannadh; chuir iad mir mor dheth anns a' phoit, las iad teine mor greadhnach, gus a bhruich, agus shuidh iad gu socrach timchioll an teine, a' feitheamh gus am biodh an fheoil bruich air son an suipearach. Nuair a chaidh uine mhath seachad agus a bha a' chuirm an impis a bhi deas, chaidh an t-Oifhichear a mach car beag thuil an doruis, mar gum biodh e dol a dh amharc ciod a bha an oidhche a' deanamh. Nuair a fhuair e mach chaidh e gu cul tuim araid far an robh buidheann shaighdearan, àigè ri feall-fheitheamh; chuir e dheth an t-aimhriochd agus chuir e uime a chulaidh-airm, eideadh an t-saighdeir agus an oifigich. Thainig e fhein 's na saighdearan an sìn air ais do'n taigh; fhuair iad na Sgiathan-aich a cocaireachd na feola, ghlac ìad iad orra am fogradh thar chuan gu Botany Bay, far an robh iad a' cur nam meair- B' eigin do na Sgiathanaich striochdadh agus falbh far A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAiDHE BHO $2.00 GU $$0,00, Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan &c., &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. DE THA BHUAT? Ma 'se UIDHEAM-EACH de sheorsa sam lith a tha bhuat taghil aig P. Falconer & a mhac, Tha iad an deigh a chuid a's mo de bhathar a gheamhridh a chuir a stigh, 's bheir iad dhùit bian, brat-eich, eota-bem, cluig, cuip, trung, valise, maileid no in sam bith dhe'n t-sheorsa sin na's saoire na gheibh thu 'n aite sam bith eile. Ged tha geamhradh briàgha aginn-ne an so, tha geamhradh cruaidh reota ann an cearnan eile de dh' America, agus tha muinntir na Roinn Eorpa a fulang gu mor leis an fhuachd. Tha moran am measg an t-sluaigh bhochd a basachadh, agus tha naidheachdan oillteil a tigh'nn a caochladh aitean. Air sraidean Bherlin, 'sa Ghearmailt, aon mhaduinn air an t-seachdain s'a chaidh, fhuaradh triuir air an reothadh gu bas. Ann an Servia,tha na madaidh-allaidh an doigh na coilltean fhagail, 's tha air fas cho dalma 's gu bheil iad gu tric ri'm faicinn air sràidean mam bailtean. Mharbh iad nighean og faisg air Belgrade,agus an aitean eile chan urrinn da na tuathanich an cumail bho na caorich. Far an robh 'ghort ann an Ruisia an uiridh tha'n sluagh air fior dhroch caradh araon le fuachd us acras, oir bha iad air an lagachadh cho mor leis a ghort 's nach b' urrinn daibh ullachadh a dheanamh air son a gheamhridh. Tha stoirmean mora sneachda am Breatuinn, 's tha moran shoithichean air am bristeadh 's air an call air na cladichean, le d b b. Aig deireadh a' Chiadbliadhaln a chaidh seachad bha duine ann an Baile Chrodh-, ain, ann an sgireachd Chinn-a-Ghiubh-saich am Baideanach a chomhnaidh, a bha 'na chaiptean anns an arm Bhreatunnach, ri linn Cogadh na Frainge, nuair a theab na Frangaich an Saoghal a chur fopa fhein. B'ann de Chlainn Mhuirich, no Chloinn a' Phearsain, a bha an duine s0, a bhi 'na, dhuine aingidh,a rinn moran uilc agus a bha saruchadli an t-sluaìgh, le bhi glacadh dhaoinè, agus 'gan cur a a dh-aindeoin do'n t-saighdearachd, a chogadh ris na Frangaich. Uime sin air aon duirchead a dhath, agus duibhead a ghniomharan, theireadh iad am Frith-ainm rìs a thoill e, "An t-Oifhichear Dubh," no "Oifhichear Dubh Bhaile- luineannan aingidh, agus fiar chleasan,gu daoine chur an sas, agus nuair a gheibh-eadh, e anns an ribe iad, b'eigin daibh gabhail san t-saighdearachd,air neo chuireadh e am priosan iad, no as an duthaich. Uime sin bha e 'na bhochdan anns an tir, 'na ghrath agus 'na chulaidh eagail. Aig an am so b'abhaist do dhaoinihh bho 'n Eilean Sgiathanach, àgus bho thuath, a bhi dol tre Bhaideanach gu Curs Gh arradh, gu beagan airgid a Chosnadh, B'e cleachdadh an Oifhicheir Dhuibh a bhi ri feal fheitheamh air an son, aig monadh Dhruim-Uachdair, far an robh an rathad mor a bha dol gu Blar an-Atholl agus gu Baille Pheairt. Nuair a gheibheadh e grein orra chuireadh e air falbh iad a dh' aindeoin do 'n arm gu cogadh ri Bonapart agus na Francaich. Aig am araid thachair e air dithis de mhuinntir an Eilein Sgiathanaich, ach chuir se e fhein amail aimh-riochd, no mùthadh dreach. Bha am feasgar air ciaradh, a' ghrian air cromadh, agus an oidhche tuiteam. Bha taigh air mullach monaidh Dhruim-Uach-dair, ris an abradh iad Taigh-a'-mhonaidh a bha leth an rathaid eadar Dail Choin nimh agus Dail-na Ceardaich far am biodh an luchd-turuis a' cur seachad na h-oidhche, nan tarladh a bhi anmoch a' dol thar Dhruim-Uachdair, A chionn gun robh am feasgar ann agus e dluth do'n oidhche chomhairlich an t Oifhichear Dubh do na Sgiathanaich fuireach anns a bhothan gu maduin, agus an sin gum biodh solus an latha aca. Shuidh e fhein comhlath riutha agus las iad teine gus an oidhche chur seachad cho aoidhail 's a b'urrainn daibh. Nuair a chaidh uine thairis thubhairt esan ris na daoinibh, "nach sinn a tha gorach ag itheadh arain tioraim, gun dad ach uisge leis, agus muilt reamhra cho pailt mun cuairt duinn air na cnuic. Racham-aid agus glacamaid fear dhuibh, agus bruichidh sinn e agus bidh cuirm againn air an fheoil." Gun smuaineachadh ceart Cha mheas iad mar dhragh idir am bathar a shealltuinn. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON S1DNI, C. B? Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam, bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus glome uinneag air a phris a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh 's air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Faochadh o'n chrup,—Tha gille beag leamsa gu tric dona leis a chrup. 's chan eil ni is mo ni dh'fheum dha na Hagyards Yellow Oil. Mar sin molidh mi e do mhuinntir eile.-—Mrs L. H. Baldwin, Ont. Tha bean ann an Dachidh nan Dilleach-dan an Ottawa tha ceud bliadhna 'sa dha a dh' aois, Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR CAIT AN CAIDIL AN NIONAG le iain mac dhomhnaill 0IG. luinneag:-- Cait an caidil an ninoag an nechd, O', cait an caidil an nionag? Far an laigh an nionag an nochd Is truagh nach robh mi-fhin ann. Is truagh a righ nach robh mi thall Ri barr nan crann a direadh, 'S gum faighinn a bhi mar ri m' luaidh Air druinn a chuain ged bhiodhmaid, 'S ann agam fhin bha 'n nionag òg Bu bhoidhche bha san tir so; A deud mar chailc,a gruaidh mar ros, 'S a pog air bhlas an fhiona. 'S ann oirre fein a dh'fhas a ghrùag 'Tha Buidhe dualach, sinte; Air dhreach an oir a's boidhche sunadh Na dhuallibh tromh na cirean. Cha robh ciobair no duin uàsal, No fear-cuairt' à chiteaclh, Nach robh 'strith ri deanamh suas Ri caileig shuaire nam min bhas. 'sa. bhliadhna 1882 's cuid bho Chalum MacGilleain, Calum Aonghuis, an la roimhe. Lac-a Mhuilinn. Cha b' e bhi cutadh an sgadain 'Chleachdadh le mo nionaig; Ach bhi bleoghan a chruidh ghuaillionn Mach ri gual an t-sithein. Gur a diombuch mi de m' bhraithrean, 'S de mo chairdean dileas; Nach do leig iad leam a posadh, Caileag og nam mios-shul. Nuair a thogadh na siuil arda Bha mi craiteach, cianail; Shil mo shuilean mar an dearrsach Nuair a dh'fhag iad m' fhianis. Cha doir fiodhull, cha doir organ Cha doir ceol na pioba, 'S cha doir nionag 'theid na comhdach Air mo bhron-sa diobradh. 'S truagh nach robh mi seolt' gu leoìr, 'S gun d' chord mi ri Mac-Niomhain; Gheibhinn bata gun an grot A sheoladh gu Port Righ leam. Nam biodh agam-sa fo m' ordagh 'M beagan oir a dh'iarrinn Bu ghrad thall mi 'n tir nam mor chraobh Posda ri Catriona. Ach ma 's beo dhomh beagan mhiosan Fiachidh mi le dichioll Am faigh mi 'n t-aiseag a Grianaig No o bhialabh Lite. Rinneadh aw t oran so le Iain Domh-nullach, Iain Mac Dhomhnuill Oig Mhic Fhionnlaidh,an sgireachd Chille-Moire'san eilean Sgiathanach. Thanig an nighean, Catriona nighean Alasdir Pheutain, do Cheap Breatuinn, mu'n bhliadhna 1831. Cha robh lain ach naoidh bliadhna deug aig an am sim Cha danig e do 'n duthich so. Chaochail e nuair a bha e mu shia bliadhna fichead. Fhuair mi cuid dhe'n oran bho Mhari Nic-Fhionghainn Shuidh Parlamaid Chanada Diordaoin s'a chaidh. A reir coltais, chan eil gnoth-uichean mora san bith ri bhi air an thoirt fa chomhair nan uaislean air an turus so, agus mar sin chan eil sul ri iad a bhi cruinn uine ro fhada. Tha 'phairtidh aig am bheil an riaghladh moran nas laidrie na bha iad mu'n am so'n uirndh,agus theid aca air cuisean a chuir air doigh mar is ail lro gun dad a chuir an cead chaich. Chan eil teagamh nach bi iomadh cath teth bruidhne eatorra,ach chan eil sul aig taobh seach taobh ri fior chogadh. Tha sinn an dochas nach bi an suidhe air a bhliadhna so cho fior fhada sa bha e air a bhliadhna chaidh seachad. Tha e gle iomchuidh gum biodh gnothuichean na ducha airan cumail ceart, agus laghannan matha air an deilbh, ach chan eil reusan sam bith air Pàrlamaid Chanada a bhi cruinn ceithir no coig miosan a h-uile bliadhna, nuair a dh'fhaodadh an obair a bhi air a deanamh ri mios no dha. TAILEIR, Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's glinne 'us fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith à dh' fhagas a thomhas aig Mac 'illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor & CO., Tha 'n t-Urr. 1. W. Mac Ghriogair, Stoneham, Mass, a sgiiobadh. Tha ainmean nan leigheas a dh'fheuch mise air son droch stamag thar aireamh. Cha d'rinn gin dhiu feum cho mor dhomh sa rinn K. D. C. Fa nach bi cion-Cnamhidh bidh cha bhi cholera. Glanidh agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa agus e ri reic cu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. Tha sinn a cumail uan Arnhlan a'a fhearr ann an Sidui's tha sinn 'g an reic na's saoire na neach sum bith eile= Tha 'in Flur aginn leth dolar na's saoirò na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle ghaoil tha gach ni air a reic aig a phris a's isle* Reicidh sinn Fiur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do'n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunnradh a's fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidui, 0. B. do stamag air chor 's nach dearg cholerà ort. Sampull a nasgidh gu nach sam bith K. D. C. COMPANY, Ltd. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so "De'n uair a tha e?"' ''Tha e coig mionaidean an deigh tri. ''Ciamar a tha fìos asad?" "Nach do sheall mi àir m' uaircadear.' 'Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath." ''Cha'n eil e luath no mail riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel ;sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda se uaireadear cho math sa thà 'san duthaich!" "Co 'chàraich e?" "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES; ann an Sidni, feadhainn da 'm b'aithne charadh." FAIC SO.