"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach." VOL. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IUN 18, 1892. No. 4. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear- tagraidh, Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &C, SIDNI TUATH, C. B. g H murray. D. d. mac coinnich. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c, &c, SIDNI & ARICHAT. j. h. hearn. d. a. hearn. SEUMAS A. CAIMBEUL, Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac' agus Sigars. THUGAIBH FANEAR FAICIBH SO. Tha Mac Talla ri reic gach seachduinn anns na h-aitean a leanas: Sidni, Iain A. MacCoinnich. Sidni Tuath, Wilson & Co. Pictou, Seumas Mac 'Illeain. ROR RUADH 'SAN T-AMADAN. Reic W. E. Peters ri F, Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair ain air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FAL-CONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a's fhearr a tha m Boaton. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C. B., Mai 26, 1892, Nuair a bha Rob Ruadh MacGhriogair aig 'airde anns a Ghatltachd, bha duin-uasal 'na uachdran air Dunbheagain da'm b'ainm Tormod MacLeoid. Bha na Leodaich nan uachdrain air Dunbheagain ceudan bliadhna roimhe sin agus tha'n sliochd ann gus an latha 'n diugh. Bha Tormoid so na dhuine cho ainmeil 'sa bha dhiubh riamh, agus bha e na dhluth-charaide do Rob Ruadh. Innsidh sinn cia mar a thainig iad gu bhi mar sin. Bha MacLeoid air am araidh ag iarraidh airgiod a bha aige'n Inbhirnis a thoirt gu Dunbheagain. Thug e ordugh do aon de sheirbhisich a dhol ga iarraidh, ach bha eagal air an duine sin gu'n coinnicheadh Rob ris. Bha fhios aige gu robh Rob, aig a cheart am sin, am falach an ait-eigin eadar an t-Eilein Sgiathanach 'us Inbhirnis. Bha leth-chiallach de dhuine mu'n cuairt de Dhunbheagain, aig an am sin, agus dhasan dh'innis an seirbhiseach an cas anns an robh e. Dh'fhalbh an t-amadan 'sa mhionaid far an robh Mac Leoid, agus thairg e dhol a dh'iairaidh au airgid an aite 'n duin 'eile. Dh'aontaich a mhaighstir ri sin gu toilichte. Dh'fhalbh e, agus air an t-slighe gu Inbhirnis, a direadh bruthaich chas, thachair air duine mor briagha, a dh'fheoraich dheth c'aite 'n robh e dol. Dh'innis e sin, agus dh'fheoraich an coigreach de'n gnothuch air an robh e. Fhreagair esan gu robh e dol a dh'iarr-aidh airgid a dh'fhag a mhaighstir ann an Inbhirnis. "Feumaidh gu bheil do mhaighstir gle bheairteach," ars an coig-reach. "O, tha e gu math air a dhoigh" ars an t-amadan. "Am bi moran airgid agad a tilleadh?" "Bithidh, ma dh'fhaoidte mile punnd," ars an t-amadan, gu bosdail. "Feuch gu 'n gabh thu curam dheth, ma ta," ars an coigreach, "Tha mi'n dochas gu'n tachair sinn fhathast." "Tha mi fhein 'san dochas sin cuideachd," ars am fear eile. Chum e air adhart an sin gu Inbhirnis, agus fhuair e'n t-airgiod, Air a thilleadh, stad e a leigeil anail faisg air an aite aig am fac e'n coigreach air a thurus gu Inbhirnis. 'S gann a bha e air suidhe 'nuair a chunnaic e an ceart duine a marcachd air each eireachdail, a tigh'nn far an robh e. Dh'fhaighnich e dhe'n amadan an deachaidh a ghuothuch leis gu math anns a bhaile. "O, chaidh, gle mhath" ars esan. Shaoil leis gu'm bu duine mor, inbheach, an coigreach, leis cho greadhnach 'sa bha e fein san t-each air an uidheamachadh, "Tha mi 'n dochas," ars an duine, "gu bheil an t-airgiod tearuinte, oir tha agad ri thorit dhomhsa." Cha robh fhios aig an sgalaig de dheanadh e, ach ann an tiotadh fhreagair e. "Cha'n urrainn domh air- giod mo mhaighstir a thoirt seachad." "Ach, feumaidh tu thoirt seachd." ars am fear eile. "Is mise Rob Ruadh!" "Cha toir mi dhuit idir e" ars am t-amadan 'se air chrith leis an eagal. "Cuirdh mi 'm peilear romhad, mur toir" arsa Rob. 'Nuair a chunnaic an t amadan nach robh ann dha ach an darra cuid, an t-airgiod a thoirt seachad, no bas fhaighin, thug e pasgan beag as a bhroilleach agus, "Sid agad e" ars esan, 'se 'ga, thilgeil sios am bruthach. Leum Rob bharr an eich agus ruith e sios, mar a shaoil leis, an deigh an airgid. Ann an tiotadh bha'n t-amadan ann an diolaid Roib agus thog e rithe gu toilichte, oir cha robh anns a phasgan ach paidhir stocainnean, agus bha'n t-airgiod aige na phocaid. Chaidh Rob, mar so, fhagail air deireadh, gun fhios aige co bu teoma e fein no'n t-amadan. Nuair a thainig am marcaiche faisg air Caisteal an Leodaich, chunnaic am fear- fair' e, 's cha robh fhios aige co'm fear staitail a bh'ann, 's chaidh e le cabhaig a dh'fheorach de Mhac-Leoid an leigeadh e 'n duin uasal a stigh. Thuirt MacLeoid gu'n leigeadh, nach deanadh aon duine cron sam bith orra. Nuair a chunnaic iad co a bh'aca bha iongatas mor orra. "Cait an d'fhuair thu an t-each sin?" arsa Mac-Leoid. Dh'innis an t-amadan, agus chord an sgeul ri Tormoid gu fior mhath. Ach 'nuair a rannsaich iad an diolaid fhuair iad moran airgid a bharrachd air na thug an sgalag a Inbhirnis. Thuirt Mac-Leoid an Bin ris an amadan gu feumadh e dhol air ais gu Rob le 'each 's le 'airgiod. Bha e gle leisg air sin a dheanamh, ach m' dheireadh rinn e mar dh'aithneadh dha, 's bha 'n t amadan 's Rob Ruadh 's Mac-Leoid na'n cairdean mor' aige 'cheile-riamh tuilleadh. MAC-TALLA. Bi'dh Mac-TaLLa air a chuir a mach uair 'san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. a phris 50 sent 'sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite 'm bheil iad agus bidh e ro-thaing il airson dad sam bith a chuidicheas le Mac-Talla, litrichean, naidheachdan, &c, &c. Feumaidh gach ni dhe'n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe'n phaipeir. Seolaibh gach litir 'us eile gu J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, c. B. SIDNI, DISATHAIRNE, IUN 18, 1892. Tha daoine tachairt ruinn an sid' san so nach gabh gnothuch ri Mac-Talla a chionn gu bheil iad a gabhail pailteas phaipearan cheana, Their iad ga'm b'fhior thoigh leo bhi 'ga ghabhail, ach gu bheil aca, mar tha, barrachd 'sa's urrainn daibh a leughadh. Their iad, mar an ceudna, gu'm b'fhearr leo Mac-Talla na cach uile a choinn gun pai-pear Gaelig e, ach cha teid iad n'is fhaide na sin. Siad so na ceart daoine 'bhios a ruith sios nam paipearan Beurla air son nach eil Gaelig annta. Bi'dh iad gu tric a moladh na Gaelig 's a gearain gu bheil daoine ga leigeil air dichuimhne. Ach 'nuair a gheibh iad cothrom mar so air a bhi cuideachadh leis a mhuinntir le'm miann a Ghaelig a chumail air chuimh-ne, cha ghabh iad e. Tha feadhainn eile 'ghabhas orra fein nach teid ac' air Gaelig a leughadh. 'Surrainn daibh beagan leughaidh a dheanamh, ach cha ghabhadh iad orra fein paipear naidh-eachd a leughadh. Tha cuid eil a fantuinn air ais a chionn gu bheil eagal orra nach mair Mac Talla beo uine sam bith, agus gu'n cailleadh iad beagan sgillinnean air a thaiiteabh. Riu sin, theireamaid nach eil curam sam bith dhaibh. Tha cairden gu leor aig Mac-Talla, a ni nis urrainn daibh gus a chumail beo, 's tha iad a dol an lionmhoireachd gach latha. Theiream-aid ris gach aon le'm bu toil sean chanain nam beann a chumail beo, iad a dheanamh an dichill air am paipear so a chumail air adhart o nach eil paipear Gaelig anns an duthaich ach e fein. Bidh e na mhasladh do na Gaeil ma leigeas iad teis an aon phaipear a th'aca nan cainnt fein a dhol bas. Ged nach eil a Ghaelig air chor sam bith gann bhriathrach no'n taing a bhi gabhail iasaid o chanain eile, tha fhios againn Uile gu bheil e na chleachd-adh aig moran a bhi cuir facal beurla 'stigh an sid 'san so. Agus cha'n urrainn sinn coire sam bith a chuir orra sin, oir tha fhios againn gu bheil moran fhaclan air an cleachdadh an diugh nach tugadh riamh gu Gaelig cheart. B'ann diubh so subscriber 'nuair a thainig Mac Talla 'mach. Dh'fheuch sinn ri facal fhaotainn a sheasadh na aite agus a thuigeadh neach air bith, ach cha d'fhuair sinn e. B'fheudar dhuinn, mar sin, am facal sin a ghabhail mar a bha e. Tha sinn an comain na muinntir a rinn na dh' fhaodadh iad gu facal ceart a thoirt duinn-, agus tha sin an dochas nach sguir iad de'n deagh obair, ach gun toir iad ionnsaidh air Gaelig a chuir air facail eile, mar tha train, telegram, telephone, engine, hotel, agus iomadh facal eile dhe'n t-seorsa sin. Tha so na chothrom math do sgoilearan Gaelig air an cuid foghlaim a nochdadh, 's tha sinn an dochas nach bi iad toisg air sin a dheanamh. Bheir ar leughadairean fanear gu'n do chleachd sinn facal Beurla anns a cheud aireamh de Mhac Talla, se sin subscriber. Bheir iad fanear, mar an ceudna, gu'n tug feadhainn eile ionn-saidh air facal Gaelig a thoirt duinn 'na aite. Thug an Casket facal duinn an toiseach, se sin fo sgfriobhair. Se'm facal sin an fhior Ghaelig air subscriber, ach cha'n eil e freagarach a thaobh neach a bhios a gabhail paipeir. Tha neach eile cleachdadh cusbadair agus anns an aireamh so tha cuid-eigin a r t toirt fear-aontachaidh mar ainm air subscriber. Cha'n eil aon duibh so a fior chordadh ruinn. Anns an airamh riomh so, tha Dr. Blair, sgiolear Gaelig cho math 's a tha ri fhaotainn, ag radh gu'biodh gabhaltaiche na dheagh fhacal, agus, areir ar barail ne 'se ainm a's fhearr a fhuair sinn fhathast. Bidh sinn, ma ta, a cleachdadh an fhacail so 'an aite subscriber gus am faigh sinn facal ni's fhearr,ma tha sin ri fhaotainn. Tha sinn a cluinntinn, nach bi an t each-iaruinn a fagail Shidni cho trath 'sa mhaduinn, 'na dheigh so. Bidh e fagail aig cairteal gu aon uair deug sa mhaduinn 'sa tilleadh aig naoi uairean feasgar. Bidh so na chothrom mor do mhuinntir a tha leisg ais eilidh 'sa mhaduinn. Tha na mathain gle phailt ann an Golchester, N. S. An latha roimhe chunnaic Edward Hyslop, fear diubh a feuchainn ri uan a mharbhadh; Thog e clach, agus thug e buille dha'n mhathan a chuir tuaineal air. Ghabh e dha an sin le sgian, agus chuir e as da am beagan mhionaidean. D. MAC 'ILLINNEAN, TAILEIR, Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa grinne 'sis fhearg a feitheamh ri'n cur feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'lllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach CEANNAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR! THA E. G. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, G. B. A reic Measan dhe gach seorsa,Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti,Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. Feuch gu' ruig thu an ACADIA HOUSE, far am faigh thu deagh bhargan LEINTEAN & COLAIREAN. ADAN AGUS CIP. ANART & CAILEAGU (air gach pr FLUR AGUS MIN NAIDHEACHDAN SA SEACHDAINN. Tha gual Cheap Breatuinn a reic ann am Momtreal bho $3.10 gu $3.25 an tunna. 'Sgaoilidh Parlamaid Chanada mu dheireadh a mhiosa. Tha e air a radh gu bheil an cuid deasboireachd gle thioram sna lathaichean so. Chaidh ceithir ciad duine mharbhadh anns a mhein a chaidh na teine ann an Austria. Chaidh fear de na meineadairan a stigh le solus ruisgte, agus 'sann as a sin a thoisich an teine. Thuit deich oirlich shneachda ann an Dakota Deas air Iun 5mh, Bha'n latha sin cho fuar ri meadhon a gheamhriadh. Chaidh fear Frederick Forgesen, a bhathadh aig Arichat air an t-seachdainn a chaidh, le tuiteam ann an tobar. Bha taigseachan buailteach dha, agus tha e 'coltach gu'n ao thuit e dha'n tobar 's e tarruing uisge. Bha Iompaire Russia ag amharc air Iompaire na Gearmailt, o chionn ghoirid. Bha Iompaire na Gearmailt ga amharc-san da uair roimhe sin, ach, gu so, cha leigeadh an t-eagal leis-san tighinn do'n Ghearmailt, mu'n cuireadh e fearg air na Frangaich, aig nach eil gaol sam bith air muinntir an duthcha sin. BARGAIN. Tha beinn Vesuvius anns an Eadailt s sior bhruchdail a mach teine. 'Si so a bheinn a thiodhlaic Herculanaeum agus Pompeii o chionn corr 'us ochd ceud deug bliadhna. Cha'n eil a bhruchdail a th'oirre 'n drasd ach suarach 'n taca ris mar bha i 'nuair sin. Tha Parlamaid Bhreatuinn gu sgaoileadh air an ath sheachdainn. Bidh iomadh 'cath teth air a chuir mu'n coinnich iad a rithist. 'Si 'cheisd mhor air beulaobh an t-sluaigh an drasd, an teid fein-riaghladh a thoirt do Eirinn? 'Se tim a mhain a dh'fhuasgleas a cheisd sin. Nuair a bhios Iompaire Russia dol air turus sam bith, cuiridh e fios air feadh na duthcha gu bheil e dol do leithid so de dh'aite agus gu'm fag e 'n righ aig am araidh. Ach 'nuar a dh'fhalbhas e, theid e calg-dhireach an aghaidh sin, air egal gu'm bi neach sam bith an toir air, ag iarraidh cuir as da. Tha Dr. Buchanan, air an tug sinn iomradh roimhe, anns a phriosan ann an New York. Tha e ro choltach gu'n do chuir e crioch air a mhnaoi le puinnsean. Tha 'bhean eile maille ris ann an New York, 's cha'n eil i deonach fhagail idir. Bi'dh an Dotair air fheuchainn aig cuirt an fhoghair, air son murt, agus theid a chumail 'sa phriosan'gu sin. Thig crioch air an olc uair-elgin. Bha'n t-side gle thioram o chionn beagan sheachdainnean,agus bha teintean a deanamh call mor, a losgadh choilltean agus thighean, thall sa bhos. Thainig frasan mor uisge ma dheireadh, agus rinn iad feum. Tha gach ni a cinneachadh 'sa fas ni's fhearr air an tailleabh, agus, ma bhios an t-side fabharach na dheigh ro, bidh suil aig na tuathanaich ri deagh bharr. Ged a bha nithean fad air ais anns na bliadhnaichean a chaidh seachad, bidh sinn an dochas nach eil cuisean gu bhi mar sin an comhnuidh. Tha e air a radh gu bheil Righ na h-Eadailt ro-dheonach air a dhol a chogadh ris an Fhraing. Tha cuisean gle mhi-fhoiseil aig an tigh, agus tha Humbert a smaoineachadh na'm b'urrainn da cogadh a thoiseachadh, gu'n toireadh e aire 'n t-sluaigh air falbh, agus mar sin gu'm faigheadh e cothrom air gnothaichean a cheartachadh. B'fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, 'san Ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin' ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh 's fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach, Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. Ma Cheannaicheas to Bathar Tha muinntir Cow Bay a cathachadh gu treun an aghaidh na deoch-laidir. Chaidh moran dhe'n stuth sin a ghlacadh o chionn ghoirid, 'san deigh cuirt a shuidh-eachadh dhoirteadh a h-uile boinne dhe air an t-sraid. Na'm biodh daoine cho tapaidh 's cho seasmhach sin anns a h-uile aite,cha bhiodh na h-uiread de mhisgearan anns an duthaich. BHO C. S. JOST & CO., Cha bhi aithreachas ort. Tha'n t-iasgach gu tric a deanamh aimhreit eadar Breatuinn agus na Staitean. Cha'n eil ach beagan bhliadhnaichean bho'n a bha mi-chordadh eatorra thaobh iasgach an truisg air cladaichean na h-Atlantic,agus o chionn bliadhna no dha, tha iad a connsachadh mu thimchioll marbhadh nan ron air cladaichean a Chuain Chiuin. Tha sinn a cluinntinn gu bheil iad a dol a thighinn gu cordadh an uine ghoirid, 's gu dearbh tha'n t-am ann. Mar is luaithe ni iad cordadh 'sann is fhearr, taobh air thaobh. Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil ADAN, BOINEIDEAN, RI BINNEAN, FLURAICHEAN, ITEAN Tha muinntir nan Staitean ag ullachadh air son taghadh Ceann-suidhe (President). Tha aon phairtidh an deigh Benjamin Harrison ainmeachadh airson na dreuchd ard sin. Bha Blaine a deanamh a dhichill air e fein ardachadh, ach chaidh a chuir air cul. Theid, ma dh'fhaoidte, sianar no seachdnar ainmeachadh fhathast, ach 'se aona chuid Republican no Demo-crat a theid a thaghadh, Bi'dh muinntir nan Staitean a deanamh othail mhor mu thaghadh Ceann-suidhe, tuilleadh sa choir. Tha 'n Ceann-suidhe ri bhi riaghladh fad cheithir bliadhna, 's cha ghabh e cuir a mach mu'm bi uine suas, ge air bith de ni e. Fad nan ceithir bliadhna sin, tha e ni's cumhachdaiche na Iompaire Russia, ged a tha'm fear sin a riaghladh a dhuthaich mar a thogras e fein, gun ghuth aig sluagh no aig Parlamaid anns a chuis idir. 'Se Harrison is Ceann-suidhe air na staitean an drasd, agus a'n eil e mi-choltach gu'n teid a chuir a Stigh fhathast agus iomadh ni eile, Ad saor no daor mar a's ail leat. Tha'n ad a's saoire gle mhath, ach si'n ad a's daoire 's fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fhuaigheal a dhith ort Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fliuaigheal a's fliearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C, B, FAILTE BHON INTREBHAL Gu Fear Deasachaidh Mhic-Talla; Thaing Mac-Talla coira stigh an latha roimhe, is theid mise an urrad ga'n deach-adh furan faicte a chur air. Gun teagamh, s' airidh e air failte chridh-eil fhaotainn aig gach cagailt far am bheil Gaidlig air a labhairt is air a leughadh. Faodaidh na Gaidheil nach tuig a Bheur'a a nis an bhi ann an cor co-ionnan ris a' mhuinntir sin a' tha comas-ach air paipeirean naigheachd beurla a leughadh,anns- am faighear naigheachdan an t-saoghail air fad s' air leud. Tha sinn an dochas gu bheil Mac-Talla air uidheamachadh a mach fo dheadh stiuradh agus gu'n* bi cuideachadh nan sgoilearan Gaidhlig, a's fearr aig an tigh agus thairis aige. Tuigeamaid, ma ta, gu bheil am paipeir Gaidhlig so, air am faighear Mac-Taiia mar ainm'r gu bhi air a chuir a mach uair 'san t-seachdean ann am baile Shidni,agus cha teagamh idir leinn, nach faighear 's a phaipeir mheasail so iomadh naigheachd, sgeul, agus eachdraidh, a bhios ro-fheumail d'a luchd leughaidh. Mile failte oirbh a' h'uile lathar ma ta, 's tha dochas againn gu bi soirbheachadh, deagh bheatha, agus saoghal fada agaibh. Cha'n eil a bheag de naidheachd ur no annasach agam ri innse sn diugh, agus air an aobh ar sin fheir mi mo litir bheag gu crich. Theagamh gu"n cluinn sibh uam a rithist. An latha a chi s'nach fhaic, is mise, le gach deagh ghuidhe, ur caraid dileas. A. B. C. Acarsaid Chloinn Fhionghain, C. B. UR-SGEUL BHO ABHUINN MHARGAREE. Fhuair mi a cheud aireamh. do Mhac-Talla. Chord aogasg ruim fior mhath. Bha roinn do dh'ioghnadh orm nach d'fhuair sibh, fhir-dheasachaidh, na bha dhith oirbh da dh'fhir-aontachaidh, ach cha'n- eil teagamh agam nach faigh sibh cunntas mor re beagan uine. Tha spiorad nan Gael a dh'fhalbh beo fhathast an inntinn an oigridh, agus tha mi gle chinnteach gu'm brosnaich sgeul air Mac-Talla suas an disleachd gu cainnt a sinnsreadh a chumail suas, agus gu'n cuidich iad an ionnsaidh ion-mholta so air gach seol a tha na'n comas, Tha 'n roinn as mo do'n tuath deas do'n chuirachd, agus tha 'n t-side gle fhabh-arach do'n bharr o chionn da sheachduinn. Bha reodhadh ann oichdch Di-sathuinne sa chaidh; ach se mo bharail nach d'rinn e mor chron. Tha na raointean sa choille air tuar a gheamhraidh a chur air chul, agus dreach aluinn a bhelaiths a ghlacadas. Tha 'm bearnan-bride a sgeadachadh gach maigh, agus tha sealladh briagha ri fhaicain air slios na h-aibhne gu leir, Tha mi gle chinnteach gu bheil na baird a mach sa mhoch-thra sa'n am so, ag eisdeachd le tlachd ri ceileiradh nan eum, 's ag amharc le solas air gach maise 'tha agaoilte mu'n cuairt. Ma ni iad duanag o am gu am, tha mi 'n earbsa nach di-chuimhnich iad an cuir gu Mac-Talla. Chunnacas mathan air feadh na ceairn so o chionn uine ghoirid. Ged tha math na ainm, cha'n eil math na ghoiomh. Mharbh e caoirich air duine na dha mu'n cuairt; 's tha mi 'n duil gu'n d'fhuair e air falbh gun chlisgeadh a chuir na inntinn, no luaidhe na chaig. Le iomadh durachd mhath do Mhac-Talla bidh mi sgur an drasda;: ach cuiridh mi fios ugaibh fathast 'n uair a gheibh mi oscair,. Och-a-nis. Chuir an Soitheach-smuid "Harlaw" air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH SIDNI TUATH, ۥ B 150 baraile Siucair, 250 " Fluir, 100 " Min Choirce, 10 " Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus snoian de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. Tha so air a cbnmail do D. W. MACFHIONGHAIN, Sidni & Sidni Tuath. Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & co., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. COMHRADH. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. "De'n uair a tha e?" "Thae coig mionaidean an deigh tri." "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro luath," *Cha'n eil e luath no mall riamh on a chaidh a obair air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho luath sa tha rsan duthaich." "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da 'm b'aithne charadh."