"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach. Vol. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 1, 1893. No. 45. Siosal & crowE, Fir - Taoridh. Comhairlichean Notairean, &c. cailean siosal. w. crowe ARCHIBALD & CO., CEANNICHEAN. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnìch, Comharlaichean, Fir-tagraidh, SiDni TUATH, C. B. H MURRAY. d. mac coinnich Fir-Tagraidh, Notairean, SIDNI & ARICHAT. D, A, Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile - Sheorais, Eillean Phrionns' Iomhair. naidheachdàn na seachdainn. Tha'n deigh mhor a stìgh- aig Sidni-a-Tuath agus bho'n a thanig i tha na sealgairean a marbhadh nan tunnagan-fiadh-ich gu pailt. Bidh Fuachd gu leòr aginn san aite so fhad sa bhios an deigh mhor nar coimhearsnachd. Thuit fear Michael Dolan Marbh an tigh na parlamaid feasgar na sabaid s'a chaidh. Bha e na fear-faire 'san tigh agus bha e dol air a chuairt ghnathichte nuair a bhuail am bas e. Bha e mu thri fichead bliadhna dh'aois. -<».->--. Chaidh bean de'm b'ainm Mrs. St. John a mharbhadh am Montreal feasgar Di-ciadinn le each us carbad a ruith thairis oirre. Bha i coiseachd na sraide maille ri fear posda nuair a thanig an t-each oirre se air a chruinn-leum, a teicheadh le carbad, agus a ruith e thairis oirre 'ga milleadh gu dona agus ga marbhadh air a bhad. 'Se maireach Di-domhnich-na-Casga, Thanig e gu math trath air a bhliadhna so, cha b'urrinn dha tighinn ach aon seachdain na bu traithe. Tha pios math dhe'n earrach romhinn fhathast, agus ma bheir sinn geill do'n t-sean-fhacal a tha fagail air an earrach fhad' an deigh Casga "gu'm fasich e na saibhlean," bhitheamid coma ged a thigeadh a chaisg beagan na b'anmoiche. Mac Gillios & Mac Eachuin, Comhairlicheab agus Fir-Tagraidh aig Lagh, Sidni & St. Peter's, C. B. Feasgar Di-haoine air an t-seachdain s'a chaidh, dh'fhalbh Mr. Wallace Steeves tuathanach a mhuinntir Coverdale, N. B. do'n choille a dh'iarridh barr spruis air son deoch a dheanamh. Cha tanig e dhachidh an oidhche sin ach cha do smaoinich iad san aig an tigh gu robh dad cearr ach gu'n deaehidh e beagan air chall agus gum biodh e dhachidh trath 'sa mhadinn, Thanig a mhadinn co-dhiu gun e thighinn agus chaidh aireamh dhaoine mach ga shireadh. An deigh dhaibh siubhal mor a deanamh, fhuair iad an duine bochd marbh aig bun craoibhe. Air reir coltais thuit i a barr ua craoibhe far an robh e gearradh gheug agus bha e air a ghrad mharbhadh. Dh'fhag e bean us dithis chloinne; dh'eug dithis mhac dha deireadh an fhoghair leis an amhich-ghoirt. Bha e da fhichead bliadhna sa seachd a dh'aois. Sen diugh "latha nan amadan" Thoir an aire nach toir aon sann bith an ca asad! Nam feuchadh gach aOn ri 'bhi cho glic 's bu choir dha bhi an aite bhi feuch-inn ri amadain a dheanamh de mhuinntir eile, cha b'fhada bhiodh feum aginn air an latha so idir. Cha do sguir fir nan each luath' de chur reisean fhathast. Tha'n deigh cho laidir sa bha i 'n teis meadhon a gheamhridh, agus tha gach duine aig am bheil each-reis a cuir roimhe an latha math a ghabhail fhad sa gheibhear e. Bha reis air a cur aig Sidni-a-Tuath an la roimhe eadar each le Mr. Logan sa bhaile sin us each le Mr. MacCoinnich 'san Eilean Mhor. Bhuinig each 'Ic Coinnich an reis. Bha droch teine aig meinn Bridgeport Dior-daoin. Thoisich e am sa cheardich agus loisg e a chuid bu mo de na togalich-ean mu bheul na meine, a deanamh call mor. Bha na gualadairean sa mhein aig an am ach fhuaras an toirt a nios gun dhochann sam bith a dheanamh orra. B'fheudar dhaibh na h-eich fhagail shios ach gu fortanach fhuair iad an teine chasg mu'n deachidh e fad gu leor air adhart gu cron sam bith a dheanamh air duine no beathach. Chan eil fhios cia mar a thoisich an teine. Cha d'rinn a mheinn ach toiseachadh o chionn da sheachdain, agus cumidh so i air ais a chuid a's mo de'a t-samhradh a thuilleadh air aireamh mhor dhe na meinneadairean a chumail nan tamh. Tha fios a Victoria, B. C , ag innse dhuinn gun deaehidh fear Donnachadh Mac-Leoid a thoirt a stigh do'n bhaile sin a Stevetson toiseach a mhiosa s'a chaidh, 'se tinn leis a bhric. Bha fior dhroch mheur dhe'n euslaint sin air ach bha choltas air gun d'thigeadh e uaithe fad seachdain an deigh dha a bhi air a thoirt do'n òspidal, ach an uair sin thoisich e air a dhol na bu mhiosa agus air an treas latha deug dh'eug e. Bhuinneach e do'n Eilean Mhor agus bha e da bhliadhna dheug thar fhichead a dh'aois. Bha e 'an Columbia Bhreatunnach o chionn ceithir bliadhna, agus bha moran chairdean aige san duthich sin a. bha uile ro mheasail air, agus a thaisbean am meas a bh'aca air le cruinneachadh an ceann a cheile nuair a thanig am bas air, gr a chuil fo'n fhod. MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a h-uile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B, A PHRIS BHLIADHNAIL Ma phaighear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan—..• ------------- 0.75 An ceann na bliadhna.................. 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Talla 'nasgidh. 'Se Mac-Talla 'à aon phaipear Galig 'an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas, J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C, B. sidni, bi-sathairne, april 1, 1898 Tha aireamh no dha a dhith oirnn dhe'n Mhac-Talla a thanig a mach air Feb18mh la. Duine sam bith aig am bheil an aireamh sin 's nach eil air son a ghliedh- eadh cuireadh e thuginn e agus bidh sinn fada na chomain. -<~ji-. Tha bruidhinn ac' aon uair eile air an rathad iarinn a thogail gu Louisburg. Air an turus so tha e gu toiseachadh aig Port Hawkesbury agus dol a chumail taobh deas an eilean gus an ruig e seann bhaile nam Frangach; leis a chursa sin a ghabhail cha bhi e thar tri fichead mile sa deich a dh'fhad, agus ceanglidh e ar baile-puirt geamhridh ri America gu leir. Tha iad san a tha gabhail na h-obair as laimh ag radh gu bheil iad a dul a thoiseachadh air gun dail. Ma bhios rathad-iarinn aon uair air a thoirt gu Louisburg 'se ar barail fhein gum fas e gu bhi na bhaile mor am beagan bhliadhnichean. Bha 'n rathad air a ghealltinn cho tric san am a dh'fhalbh, s gu bheil sinn car coma mu bhi ro gheur gus an sgeul ur so chreidsinn, ach ma bhios sinn beo, chi sinn. Bha Humbert, righ na h-Eadailt, a gabhail na sraide ann sa Roimh feasgar Di-sathairne sa chaidh, nuair a thilg duine da'n ainm Berardi clach air. Rinn na maoir greim air gun dail, thug iad leo e, agus fhuaradh gu robh e air a dhol as a cheill. Be'n leisgeal a ghabh e air son ionnsidh a thoirt air beatha 'n righ, gu robh fuath aige dha a chionn gu robh e na namhaid do'n phap. .-« » Tha E. MacCoinnich, Oil Springs,Ont., a sgriobhadh;— Dh'fheuch mise K. D. O. agus chan eil ni coltach ris. Bha mi gle dhona le droch stamaig agus dh'fheuch mi gach leigheas a bha ri fhaotinn, agus gu dearbh nuair a thoisich mi air gabhail K. D. G. chuir e rioghnadh mor orm cho math sa bha e. Cho luath sa thoisich mi air chaidh mi na b' fhearr agus an uine ghoirid bha mi air mo ian leigheas. A rinn duine araid an am trioblaid. 'S trom an luchd 'tha mi giulan air m' inntinn; Dh'fhag e 'm aigneadh air chinnt ann an cas; ;S mi bhi 'smaointinn bho chionn cor agus bliadhna. Gur a mo tha mi crionadh na 'fas. Righ phriseil mar dean Thu ruim foirinn, Tha mi 'm. priosan aig dorinn an sas; 'S tric m' easlaint ag innseadh le deitìr Gur fear-binn' air mo bheatha-sa 'm bas. Is am bas ged a chidhinn e 'tighinn, Cha'n-fheil beo neach a chidheadh mo dheoir; On a chaill mi gach solas a bh'agam, 'S nach fheil agam aon dad dhe mo threoir Chaol bhanaich mo lamhan 's mo chasan. 'S air m' aisnean cha'n fheil dad dhe 'n fheoil; Chaill mi uile mo dhreach agus m' aogasg 'S gur tric m' aodann a caochladh a neoil. S tha'n saoghal so caochlaideach uile, S mairg aon 'chuireas bun as a ni, Ann an anabharra saibh ris no spionnidh O nach ullich iad sonas do'n chridh' Fhad 's a bhidheas an t slainte gun fhaighinn, 'S beag m' aighear ri ni 'tha fo'n ghrein; Och, och, cha'n fheil saoidh gum da latha air, 'S mise 'dh'fhaodadh so raitinn rium fein. Bha mi greis ann am muirne le manran, Fhad 's bha mi ga m' arach 'm measg Ghall; Cha b'annsa leam ceol no ol fiona, Mar- ri armuinn neo-chrios un bh gann Cha robh aon ni ri 'fhaotainn dhomh duilich Air an faodadh mac duine bhi'n geall; Ach s fhaide 'n t-seachdaiu an diu leam na bliadhna, Slainte's aighear air triall uam air chall. 'Sann air chail 'tha mo shlainte gu buileach Agus mulad ga m' thathich dluth,buan; On a chaill mi gach solas a bh'agam, 'S gur a leoin te tha m' aigneadh fo ghruaim, Nuair a shaoil leam 'bu teotha mo shamh- ràdh Bhuin dudhlachd a gheamhradh rium cruaidh; Ghrad thionndaidh an saoghal mar fhaoileach, 'Srinn e dhomhsa gach caolas mar chuan. 'S ann mar luing ann an doruinn a tha mi, 'S fuaim brist' aic, ri garirich nan tonn; Ann an socair no suidhe cha tamh dhomh Ach mar uighean ga'n caramh air droll, 'Nuair 'bu tinne 'tigh'nn thugam a bhair-linn, Ga m' shior udal a ghnath bharr mo bhonn 'Righ phriseil mur gabh Thu fhein truas rium, Tha do lamh ann san uair orm gle throm. Riaghiltichidh e 'n stamag, an gruan 's na h-airnean, glanidh e 'n fhuil 's bheir e air falbh a h-uile \ neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an rich Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort! Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain. "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-flmaiejheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS. P. 0. Box 68, Sydney, C. B, Tha mi reic Uidheaman-Giul-ain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatainn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22 Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh * D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B, GiLLEAsbuiG aotrom. A "Clarsach an Doirre" Bha e 'na chleadidadh aig Gilleasbuig sgriob a thoirt gu tir-mor 'n uair a bhuail-eadh e 'na cheann. Thachair dha bhi air latha Sabaid araidh ann an Gleann-seille, agus co dhiubh's e spiorad math no droch spiorad a chuir 'na cheann dol do 'n eaglais chaidh e innte. Ghabh e suas feadh na h-eaglais gus an d' rainig e staidhir na cubaid Shuidh e aig bonn na staidhir gu socair stolda 's a bhata fodh uchd. Shaoil leis a' mhinistir choir gur ann bodhar a bha Gilleasbuig, agus 's ann a ghabh e baigh mhor rìs a' choig-reach a shuidh gu diblidh cho faisg air an eisdeachd. Bha gnothaichean a' dol air achaidh gu reidh riaghailteach car greiseig, gus an d' thainig coig no sea de chiobairean le'n cuid chon a stigh. 'N uair a thachair na coin ri 'cheile thoisich iad air dranndan, agus bha na h-uile coltas air gu'n robh an aimhreit gu bhi air bonn. Cha d' eisd Gilleasbuig an corr; ghabh e sios 'n am measg le 'bhata, ach an aite sith a chur orra, 's ann a chuir e h-uile cu 's an eaglais an claiginn a cheile. Cho robh am ministir fada caochladh a bheachd air Gilleasbuig. "B' fhearr leam," ars' am ministir ris an luchd-dreuchd aige, "gu'n cuireadh sibh an duine truagh ud a mach as an eaglais." "Cha ruig iad a leas an dragh a churr orra fhein," arsa Gilleasbuig. "Tha mise fada gu leor an so, agus ma 's e ceol feadaireachd tha 'n pailteas an sud dhe do shearmen—moran 'g a radh 's beagan 'g a dheanamh; lath math leat, fhir mo chridhe." Ghabh Gilleasbuig a mach, agus chunnaic e each ban an ceangal ri cairt aig ceann na h eiglais. Chan fhaca Gilleasbuig gniomh a b' iomchuidhe na 'n rop a bha' n crochadh ri clag na h-eaglais a cheangal ri earball an eich bhain. Chaidh e'n sin 'na shineadh ann an raoin arbhair a bha shios fodh 'n eaglais gus am faiceadh e ciod a thachradh. Cha do chur an t-each ban ear dheth fhad 's a bha e 'faotainn criomadh faisg air, ach 'n uair a theann e ceum no dha mach, bhuail an clag buille, 's thug an t-each ban leum as; agus n uair a thuig e gur ann ris fhein a bha 'n gnothach an ceangal, chaidh e gu upraid, agus ma chaidh thoisich an clag. Cha robh buille a bhuaileadh e nach toireadh crith air an eaglais. Mu dheireadh thoisich an coi- thional air tighinn a mach, agus a h-uile neach a thigeadh a mach bha e fuireach a muigh, gus mu dheireadh an robh iad a muigh air fad agus am minister air an ceann. Bha Gilleasbuig ag amharc orra le subhachas, agus e lan riaraichte leis a chodhunadh gus an d' thug e seirbheis an latha. Bhiodh Gilleasbuig air a chomhdach ann an trusgan math mar 'bu tric— ad ard, deise dhubh, agus leine gheal. Bha uailsean an Eilein 'ga chumail daonnan ann an aodach math. Bha e mar sin ullamh air daoine do nach b' aithn' e a mhealladh, agus a thoirt, orra 'chreidsinn gu 'n robh e rud nach robh e idir. Thainig e air lath' araidh gu tigh ann an oisinn iomalaich de'n duthaich; bhuail e aig an dorus, agus dh' eibh e "Co tha stigh?" "Cha 'n 'eil moran a stigh," arsa bean an taighe, "thigibh air bhur 'n I aghaidh." "Am bheil duine stigh ach | thu fhein?" arsa Gilleasbuig. "Tha," ars' ise, "tha Iain, fear an taighe stigh, ach tha e air an leabaidh." "Ciod e tha 'cur air?" arsa Gilleasbuig. "Ma ta," ars' ise, "cha 'n 'eil mi fhin ro chinnteach, ach tha e air an leabaidh bho chionn choig bliadhna." "Tha e tuilleadh a's fad' air an leabaidh," arsa Gilleasbuig, "ach 's e lighiche a tha annam-sa agus cha 'n 'eil fios nach dean mi feum dha." "Nach mise tha taingeil," arsa 'bhean bhochd, "bhur leithid a thighinn rathad an taighe." "Cha d' thainig a dheireadh ort," arsa Gilleasbuig. "Ciod e 'tha agad anns a' phoit sin air an teine?' arsa Gilleasbuig. "Tha," ars' ise, "cearc a tha 'bruich do Iain." "Cearc!" arsa Gilleasbuig. "Na'n toireadh tu dha cearc anns an t-suid- heàchadh anns an bheil e an ceart uair, bhiodh e cho marbh ri sgadan agad mu n ruitheadh ceithir-uairean-fichead." "Ach," arsa Gilleasbuig, "thoir thusa dheth a' chearc, agus thoir dhomh s' i agus innsidh mi dhuit a rithist ciod a ni sinn ri Iain." 'S ann mar sin a thachair. Thainig a' chearc dheth agus dh' ith Gilleasbuig air a shocair fhein i. "Seall tu 'nis," arsa Gilleasbuig, "mar a ni thu ri làin. Tha bo agad a mach aig ceann an taighe agus laogh og aice. Beir air an laogh agus dean feannadh-builg aìr, agus cuir seiche an laoigh air Iain, agus cuir fodh 'n bhòin e, agus mur a gabh i ris cuir a h-uile cu 's a' bhaile rithe mach air na creagan." Thog a' bhean bhochd a da laimh, agus thug i an dorus oirre dh' iarraidh dhaoine; chunnaic i gu 'n robh a duine as a chiall. Ach mu 'n do thill i, thug an lighiche am monadh air. Ach an ceann latha no dha thill Gilleasbuig agus eallach air de gach seorsa,—im, caise, cearcan agus feoil. Dh'fhag e sud aig a' chaillich air son Iain, 's cha do chuir an leigh an corr dragh oirre. Ach feumaidh sinn ar cead a ghabhail do Ghilleasbuig aig an am so. Ge b'e ionad anns am bheil a chomhnuidh tha dochas agam gu 'm bheil e sona. Tha mi creidsinn gu'm bi iomadh latha agus linn mu'm bi gaire subhach, sunndach luchd-aiteachaidh Eilean-a'-cheo air a dhusgadh le a leithid a rithist. Leigheas air casàdich.—Chan eil leigheas ann ann sam bheil uiread leighis sa th'ann an Dr. Wood's Norway Pine Syrup. Chan eil casadich, cnatan, cuing, Muchadh, cuing no enslaint dhe'n t-seorsa sin ann air nach toir e buaidh gu h-eal-amh. Tha Dr. Buchanan air beulaobh an luchd-ceartis 'an New York air an t-seachdain so air a choireachadh air son bas a mhna. Tha e air fhagail air gun do phuinnseanich e i air son a Faighinn as an rathad, oir bha toil aige te eile phosadh, rud a tinn a beagan uine 'n deigh a bais. Bha aireamh fhiaoisean air an ceasnachadh agus bha cuid dhiubh gle laidir na aghidh. Air reir a h-uile coltais theid an gnothach gu math searbh na aghidh aig a cheann mu dheireadh, ach tha e tuilleadh us trath san latha fhathast gu fhios ceart a bhi air de bhleith a de'fhaodas a bhi air a thoirt air. Tha e air a radh gu bheil an dotair ga ghiulain fhein ann an tigh-na-curtach mar gum biodh e caoin-shuar-i ach mu na tha dol air adhart no de a chrioch a this air a chas. Caraid an am feuma. Tha caraide an am feuma aig gach aon aig am bheil botull de Hagyard's Yellow Oil faisg air laimh air son bruthidhean, gearridhean, losgadh no ni dhe'n t-seorsa sin, loine amhach-ghoirt &c. FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00. Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamha-nn-' an, Stoeainnan, Gleus Airgid air son chis tea chan, &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig Bi'dh e toileach feitheamh ort uair san. bith a thig tha. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh 's air an reic gu saor. TAGHA1L AIG Aonghas Domhnullach CEANNAICHE, Tha Flur, Mm, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni RI'N REIC SAOR Dh'orduich a' Bhan larla Coinneach a ghlacadh a cheangal, eadar lamhan us chasan, agus a ghiulan gu Rugha na Can-anaich, far an do thilgeadh e an coinneamh a chinn ann am baraille tearra bha dearg-losgadh, agus, aig an robh a thaobh a staigh lan spicean fada iariunn, biorach geur, a bhuaileadh troimhe bho'n taobh miugh. Rinneadh an ni eagallach so le tighdaras Easbaig Rois, agus cleir na h-Bàglais Easbuigich, a bha air a suidheachadh aig an am ud, mar Eaglais na Rioghachd an Albainn, le Righ Tearlach a Dha. Air an dearbh latha air an do chuireadh Coinneach air falbh bho Chaisteal Bhrathainn thainig Iarla Shi-phort dachaidh as an Fhraing, agus dh'innis iad da air ball an ri a rinn a' Bhan Mhorair mu Choinneach, agus gun robh e nis air a thurus a dh'ionnsuidh na Cananaich lo ordugh na Cleire gu bi air a losgadh. Bha deagh fhios aig a' Mhorair air nadur dioghaltach ain-iochdmhor na Ban-Iarla. Chreid a gun robh an sgeula fior, seadh tuilleadh us fìor. Cha d'iarr 's cha do ghabh a biadh no deoch, cha do ghairm e air sgalaig no gillè-stapuill,ach chiadh e fhein !e cabhaig a dh-ionnsuidh an stapuill,chuir e diollaid air an each a b'fhearr a bha 'na ghreigh, leum e air a mhuin, agus dh'fhalbh e leis an each 'na dheannsruith, 'g a ghreasad cho luath 's a b'urrainn da, an duil gun ruigeadh" o Rugha na Cananaich, mun rachadh an t-innleachd diabhlaidh a dheilbh a Bhan-Iarla agus a' chleir Eìs-buigeach a chuir gu buil, cha do mhar-caich Iarla Shi-phort riamh roimhe cno luath no cho dian. Ann am beagan uine bha e am fagus do'n Chananaich, agus chumaic e smuid dhubh thiugh ag eirigh suas bho'n Rugha gu h-iosal. Thainig gairisinn na fheoil, bhruchd am fallus fuar a mach troimh a chorp, chuir e spuir ris an each a bha cheana an impis toirt thairis, a chum gun ruigeadh e an t aite bais, gu beatha an fhiosaiche a shabhal-adh. Mar uighe beagan shlat bho'n aite far an robh an smuid ag eirigh thuit an t-each air an lar agus thug e suas an deo-oir cha b'urrainn da a' chruaidh-spairn a sheasamh na b'fhaide leis mar a bha an t-larla 'ga chur thuige 's ga sporadh air adhart. Nuair a chaill e an t-each ruith an t-Iarla gu dian air a' chois, ag eigheach a mach le airde a ghuth, ris an t-sluagh a bha cruinn air an Rugha, iad a thearnadh beatha an fhiosaiche. Ach mo thruaighe bha e tuilleadh us anmoch. Cia dhiu a chuala no nach cuala an sluagh glaodhaich ard an Iarla, bha Coinneach Odhar air a thilgeadh anns a' bharaille loisgeach, beagan mhionaidean mvn do rainig larla Shiph-ort sn t-aite gus a heas-aìrginn. Air an doigh so chriochnaicheadh beatha an fhiosaiche, agus cha'n 'eil e csltach gun rachadh an sgeula ud a dhealbh mu bhas mur tachradh an ni mar a chaidh aithris Nan d'fhuair Coinneach bas nadurra 'na leabaidh, cha ghabh e creid- sinn gun rachadh an sgeula truagh ud a dheilbh no chur air chois. Ach ciod a their sinn mu luchd-dreuchd Eaglais a thug gnuis da leithid sud de ghniomh oillteil, agus a dh'aontaich ris. Bha iad air son a'Bhan-Iarla a thoileachadh gu cinnteach, ach anns na linnibh dorcha sin bha e 'na chleachdadh a bhi losgadh nam buitseach agus nam fiosaichean, agus is iomadh creutair truagh a chuireadh gu bas fo'n chuis-dhitidh so, aig nach robh tuilleadh buitseachd na tha a'g an lair ghlais. Bheir sinn cunntas a nise mar a thainig faisneachd Choinnich Uidhir gu teachd mu thimchioll teaghlaich Iarla Shi phort, faisg air ciad gu leth bliadhna an deigh bhi air a labhairt. Ach fagaìdh sinn gu aireamh eile an ni so. D. B. B. (Tuilleadh.) An amhinn dhearg. — 'Se amhinn dhearg na beatha 'n fhuil, coltach ri aimhnichean eile chan eil a dhith oirre ach B. B. B. gus a glanadh gu h-iomlan agus a bheir air falbh gach droch ni a tha leantuinn na lorg. BAIS. Aig Raddeck, an 17mh la dhe'n Mhart, Catriona Nic Rath, bean Dhomhuill 'Ic Rath us nighean Iain Mhathanich, Hogamah. Bha i 26 bliadhna dh'aois Ai£ Taobh Deas nan Narrows Bheaga an 5mh la dhe'n Mhart, Iain P. MacLeoid, 71 bliadhna dh aois. Rugadh e ann an Leodhas, an 1822 agus thànìg e do'n duthich so an 1841. Dh'fhag e bean us ceathrar chloinne. Na gabh purgaid air son droch stamag a leigheas. Cha phurgaid idir Glanidh agus neartichidh e an stamag gun lagachadh sam bith a dheanamh. Feuch K. D. C. Sampall a nasgidh gu neach sam bith. K. D. C. COMPANY Ltd New Glasgow, N. S., Canada; Ainmich am paipear so. D, MAC 'illinneaan TAILEIR. Aodaìchean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine gam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mae 'lllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. Tha sinn a cumail uan Amhlan a's fhearr ann an Sìdni 's tha sinn 'g an reic na-s saoire na neach sum bith eile, Tha 'm Flur aginn leth dolar na's saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a's isle. Rèicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do'n bhaile agus faic ar Brogan,—an cunn radh a's fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, 0. B. "De'n uair a tha e?" 'Tha e coig mionaidean an deigh tri. "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath." ''Cha'n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliògàch 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich." g "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b'aithne charadh."