"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach." Vol. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, APRIL 22, 1893. No. 48. SIOSAL & CROWE, Fir - Tagridh, Comhairlichean Nòtairean, &c. NAIDHEACHDAN NA SEACHDAINN. cailean siosal. W CROWE CEANNICHEAN Bha 'n t-Onarach Padrig Mitchell, a dol gu New York an latha roimhe, agus air an rathad thugadh sia fichead dolair as a phocaid. Bha crith-thalmhinn mhor Di-luain s'a chaidh ann an Zante,eilean beag a bhuin-neas don Ghreig. Rinneadh milleadh mor air taighean, bha na bailtean cha mhor gu buileach air am tilgeadh bun os cionn, agus chaidh, aireamh mhor sluaigh a mharbhadh 's a leonadh. Sealbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c, SIDNI TUATH, C. B. G. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH Fir-Tagraidh, Notairean, &c, &c, SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. D, A, Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, C o mh airli cli e Notair, Etc. Baile - Sheorais, Eillean Phrionns' Iomhair. Mac Gillios & Mac Eachuin Comhairlichean agus Fir-Tag raidh aig Lagh, Chaidh ciuin og da'm b'ainm Seumas McGaughey a bhathadh an la roimhe ann an loch uisge an Eilean a Phriunnsa. Bha e fhein us gill' eile an deigh tunnag a mharbhadh air an loch, agus nuair a dh'fheuch iad ri 'glacadh bhrist, an deigh fopa agus chaidh McGaughey a bhathadh. Bha Padrig Haley seann duine ann am Montreal ag aire corp a mhna an oidhche roimhe, nuair a ghreimich an teine bho na coinnlein air an aodach a bha mu'n chiste-laidhe. Thoisich e air an teine chuir as, ach mhuch an ceo e, agus mun d' ranig cuideachadh bha e air a losgadh gu bas. Bha stoirmeannan gabhidh anns na Staitean an iar air an t-seachdain s'a chaidh. Bha moran bhailtean air an sguabadh air falbh, aireamh mhor sluaigh air am marbhadh, agus fiach moran airgid air a mhilleadh. Di-mairt s'a chaidh, thanig cuairt-ghaoth air baile Chourdrey a mharbh seachdnar dhaoine agus a leon moran eile. Tha sgeul iongatach a tighinn thuginn a Ontario. Bha bean da'm b'ainm Boyer air an danig bas athghearr air a sineadh a mach deiseil gu bhi air a h-adhlacadh ann an cearn iomallach de'n duthich. Beagan uairean roimh 'n am a bha i gu bhi air a giulain air falbh, dh'eirich i gu grad as a chiste-laidhe 's choisich i air falbh. Tha i 'n diugh gun chnead tinneis oirre, cho slan 's cho fallain ri bean san duthich. Sidni & St. Peter's, C. B Tha Uilleam Kirwin, Toronto, Ont., a sgriobhadh: Bha mi gle dhona le droch stamaig, agus dh'fheuch mi gach ni air an cuala mi iomradh, gun feum sam bith a dheanamh dhomh, gus an d'iarr caraide orm K. D. C. aghabhail. Leighis fiach dolair mi. Cha d'fhairich mi cnead a chionn shia miosan, agus molidh mi K. D. C. do na h uile. Chan eil dithis righrean san Roinn-Eorpa no ma dh'fhaoidte air an t-saoghal ain a bheil cumhachd cho mor os cionn an cuid iochdaran 'sa tha aig Sultan na Tuirce 's aig Sar Ruisia. Chan eil aona chuid beatha no cuid duine sam bith tearuinte sna duchannan sin ma dhuisgear fearg an impire na aghidh. Tha moran de dh'uachdarain an t-sultain nan traillean aige, agus tha moran de dh'iochdarain an t-sair air an caradh na's miosa na bha traillean riabh. Ma tha e comasach do dhuine bhi air a dheanamh sona le 'leor dhe thoil fhein a thoirt da air math no olc a dheanamh, bu choir da'n t-sultan 's don t-sar a bhi cho sona 'sa tha'n latha cho fad. Ach an aite sin's ann a tha iad le cheile fo eagal am beatha a h-uile latha dh'eireas iad. Chan eil seachdain a dol seachad gun sgeul ur a thighinn thar a chuain mu cheannairc eigin a rinneadh no dh'fheucheadh ri dheanamh nan aghidh. Tha na nihilich ann an Ruisia cho laidir 's cho cealgach sa bha iad riabh, agus an drasda sa rithist a nochdadh do'n t-sar nach eil iad idir 'ga leigeil air diochuimhn'. Airdo'n t-sar a bhi na suidhe san luchairt-rioghail an la roimhe, thog e leabhar-dhealbhan, agus de cheud dealbh a chunn-ic e ann ach dealbh aon de'n fheadhinn a mhurt athair! Rinn na maoir gach rannsachadh a b'urrinn daibh a dheanamh mun chuis, ach sguir iad mar a thoisich iad, gun fhios ciamar a fhuair an dealbh do'n leabhar no co chuir ann i. Air leinn gu bheil beatha 'n t-sair bhochd an crochadh air snathain gle chaol. Chaidh sia taighean a chur nan teine am Brooklyn Di-luain sa chaidh, 's cha robh fhios ciod a bha 'g an aobharachadh. Ach ma dheireadh fhuaireadh a mach gum b e gille beag,deich bliadhna dh'aois, a bha ris an olc. Nuair a rugadh air thuirt e gu robh e 'ga dheanamh air ghaol a bhi cluinntinn nan clag a bualadh air feadh a bhaile. BAIS Aig Seann Rathad Louisburg, April an 7mh la Carastiona, bean Dhomhill 'Ic Cuish, 77 bliadhna dh'aois. Aig Leitche's Creek, April 6mh la,Seonaid bantrach Aonghais Peutain, 89 bliadhna dh'aois. Aig Jamesville, April 6mh, Ealasaid bean Neill 'Ic Neill 33 bliadhna dh'aois. "Mac-Talla 's an "Scottish Canadian," fad bliadhna maille ri leabhar de dh'orain Albannach air son dolair gu leth. MAC-TALLA. Tha Mac-Talla air a chur a mach a huile Di-Sathairne, aig Sidni, C. B. A PHRIS BHLIADHNAIL: Ma phaipear air a shon toiseach na bliadhna, $0.50 An ceann shia miosan...... .....---- 0.75 An ceann na bliadhna................ 1.00 Neach sam bith a chuireas thuginn sia ainmean us tri dolair, gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Talla 'nasgidh. 'Se Mac-Talla 'n aon phaipear Galig 'an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C, B. LITIR A EILEAN A PHRIUNSA. SIDNI, DISATHAIRNE, APRIL 22, 1S93. Tha e gle choltach nach eil na h-eilean-an Hawaiach ri bhi air an aonadh ris na Staitean idir. Nam biodh an t-srian 'an laimh Harrison fhathast, chan eil teagamh nach biodh an t-aonadh air a dheanamh roimhe so, ach tha barail eile aig Cleveland air a chuis. Bha bratach nan Staitean a snamh os cionn Hawaii riabh o'n a chaidh a bhanrigh a chuir bharr na cathrach agus bha geard de sheoladairean Geancach a dion na feadhnach a bha gabhail orra fhein a bhi riaghladh nan eileanan. Le ordugh Chleveland bha a bhratach air a toirt a nuas an lath* roimhe, agus chaidh na seoladairean a chuir air bord nan longan cogidh. Tha iad-san a thug an crun bho'n bhan-righ mar sin air am fagail leotha fhein agus chan eil ri fhaicinn a nise ach am bheil na h-eileanich comasach air na coigrich a chuir a dreuchd. Tha 'n cath mu fhein-riaghladh Eirinn a dol air adhart. Tha Gladstone a cur roimhe gum bi fein riaghladh air a thoirt do na h-Eirionnich air a h-uile cor, agus tha iad-san a tha na aghidh 'sa pharlamaid a feuchinn ris gach bacail a's urrinn daibh a chuir air, an dochas gun deid ac' air inntinn an t-sluaigh a thionndadh na aghidh. Tha moran dhe'n t-sluagh ro-fhada na aghidh ceana, 's chan eil cearna dhe'n rioghachd anns a bheil sin air a' nochdadh cho mor 'sa tha e ann an ceann a tuath Eirinn fhein; tha 'n sluagh ann an sin a cur rompa nach bi a dhoigh fhein aig Gladstone mas urrinn daibh-san a chumail uaithe. Tha da mhile dheug duine a Ulster a dol gu Sasainn a chuir an guth air buulaobh na parlamaid an aghidh Gladstone, oir 'se 'm barail-san nach bi fein-riaghladh idir a chum math na h-Eirinn, agus gu h-aridh a chum math Ulster. Tha Gladstone gle threum agus foghainteach de sheann duine ach cuiridh e feum air a neart 's air a threuntas uile mu'n deid aige air fein-riaghladh a thoirt do na h-Eirionnich. A MhicTalla,—Tha iomradh agad ga thobhairt bho am gu am air muinntir a tha tighinn gu aois mhoir ann an Ceap Breat-uinn, ;s ann an aitean eile. Tha e taitneach a bhi cluinntinn mu thimchioll nan seana Ghaidheil a thainig do'n duthaich so iomadh bliadhna air ais's a tha lathair fathasd. Dh'fhaodadh e bhi ann a firinn air a radh mun tiomchioll gu'n do "ghiulain iad ualach agus teas an latha." Chunnaic iad caochladh mor air an tir 'on latha thainig iad innte. 'S tha iad a nise fagus do dhol as an t-sealeadh. Tha iad mar thinnean (links) a tha ceangal an linn a tha lathair ris an linn a dh'fhalbh. Iad coltach ris na craobhan mora a b' abhaist d'ar n athraichean fhagail nan seasamh anns na raointean. Na craobhan eile, a bha fas suas maile riu, air an gearradh sios, 's a nise gach doinionn a tha seideadh, a spionadh aon an deigh aon diu a bun 's g'an leagadh iosal ris an lar. Thug an geamhradh a chaidh seachad aireamh mhor de'n sheann mhuinntir air falbh as an sgire so—muinntir a bha iomchuidh nan giulain agus measail aig cairdean 's aig luchd-eolais. B' ann diu so Aonghas Domhnullach (Aonghas Mac-Iain 'ic Raonaill) a thainig a Gleann Uige 's an Eilean Sgiathanach, Iain MacLeoid a mhuintir Rona eilean a tha faisg air an Eilean Sgiathanach, Tormaid Caimbeul a sgire Phort-righ. Domhnull MacLeoid, a thainig a Sgripidal an Raasai. Catrina Ghillis a bha posda aig Iain MacLeoid, (Iain Sheorais a Torran), an Raasai. Agus Bantrach Dhomhnuil' 'Ic Mhathain. Bu nighean ise do lain McLeoid a bha'n Clachan Raasai. Tha iad uile air triall, 's chan eil ach aireamh bheag dhe 'n co-aoisean air am fagail nan deigh. A measg na dh'fhagadh fathast tha bean choir a tha anns a choimhearsnachd agam. Tha i mun cuairt air ceithir fichead bliadhna 'sa dha dheug a dh'aois. Rugadh i' san Lealt, Taobh-Shoir an Eilean Sgiathanaich, Bha i sia bliadhna ann an tigh Mr, Calum an Ceansaleire, nuair bha i na caileig oig. B'ainm dhi Aighrig Nic a Phearsain, Bha i posda aig Ruairidh Mac-an-Toisich a gleann Shealtein 'a thainig iad do'n duthaich so anns a bliadhna 1830. Tha i na bantraich bho chionn iomadh bliadhna. Tha a cuimhne 's buadhan eile a h-intinn a seasamh dhi gu ro mhath. Anns an t-shamhradh cha tric a h-aite falamh anns an eagleis, oir is taitneach leatha bhi ciuin tinn mun "tir a tha cian fad as." Tuigidh cuid de shean-luchd-leughaidh a Mhac Talla ann an Cape Breatuinn co iad mun d'thug mi an t-iomradh goirid so agus bheir e n tim a bh'ann bho shean nan cuimhne. 'S mise do charaid, cc. Strathalba, P. E. L, An Giblin 15mh '93. Crain Thaghta Albanach, FACAIL US CEOL, Tri fichead 'sa h-aon deug dhe na h-orain a's fhearr ann an Le bahar 'sam bheil 64 taobh-duilleag air son 25c Sgriobh gu Imrie & Graham. Church and Colborne Sts-Toronto, Can. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. LEUBH SO, Tha mi reic Uidheaman-G iul-ain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith eile 'n Ceap Breatuinn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22, Ti Tha mi dol an urras air cach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac Fhionghain, SIDNI TUATH, C. B. TURUS-FAIRGE DO AMERICA. Air a Bhlìadha 1840. Mhair a' ghaoth a' seideadh as an aon airde, bhon ear-thuath,gus an deicheamh latha de'n mhios April, an sin thainig ciuine mhor, agus sheas an long air Dihaoine. Bha sinn aig an am sin am fagus do'n Tir-Nomha, a cheud fhearann air an tigeamaid de America tuath. An ceann beagan uairean thionndaidh a' ghaoth ris an iar-thuath, agus thoisich i air seideadh 'nar n aghaidh. An sin dh'eirich gu h~ obunn stoirm ghailbheach, anrathach, a chuir gabh duine san luing 'nan cabhaig. Nuair a bha e a' dluthachadh ri meadhon-oidhche, dh at an fhairge suas 'na beanntubh, agus thòisich an long ri luasgadh air bharraibh nan tonn. Bha an cuan a' slachdraich ri taobhan na luinge, agus thainig aon tonn aintheasach, gailbheach, agus bhuail e i air a deireadh,thug e oirre breab a thoirt cosmhuil ri each meamnach; thilgeadh bun os ceann na cisteachan anns an robh mo leabhraichean agus m'aodach, maille ris gach ni a bha ann an seomar na luinge, agus thaomadh a mach gach ni o bha ann am ciste nan cungaidhean-leighis, a bhuineadh do'n Chaiptean, ionnus gun robh cuid de na soireachan-leighis air am bristeadh, agus gach ni a bha annta air a chall. Shaoil leam gun do bhrist an tonn gailbheach so a stigh troimh chliathaich an t-soithich agus gum bitheamaid an grunnd a chuain a thiota. Dh'eigh mi ris an Tighearna air son trocair, gun teasairgeadh e sinn bho'n chunnart anns an robh sinn. Cha tig an latha a dhiochuimhnicheas mi an clisgeadh a chuireadh orm leis an ton a aintheasach ud a bhuail air an luing. Dh'eigh an Caiptean amach ris gach aon a bhi air clar uachdar na luinge; cungidh gach seoladair, us cocaire, us stuibhard, a ghairm a mach gu cobhair a dheanamh an am na h-eigin; chaidh gach duine 'na chabhaig agus gach laimh nan tarruing; agus an tiota beag leag iad na siuil mhullaich us mheadhoin, us rinn iad am pasgadh ris na crainn. Cha d'fhag iad sgod no breid gun tarruing a stigh; agus cha robh ri fhaicinn ach na crainn ruisgte 'nan seasamh. Nuair thug iad a nuas na siuil, dh'iomaineadh an long, agus bha i gu mor air a luasgadh thuige agus bhuaithe leis an doininn. Bhuanaich sinn anns a' chor so gu briseadh na faire. Air tus bha eagal cho mor orm agus nach b'urrainn mi dol a chadail; ach an deigh mheadhan oidhche, nuair a chuireadh an long air doigh, ghabh mi misneach gu dol am shireadh san leabaidh agus an sin thuit mi thairis ann am chadal Thiomain ni mi suas mo spiorad ann an lamhan an Tighearna, agus an uair a dhuisg mi sa 'mhaduin, thug mi buidheachas do Righ nan Dul, a chion gun robh sinn fathast sabhailte, agus gun d'thug e gu tearuinte sinn bho ghabhadh na h-oidhche gu solus aobhach na maidne An sin dh'eirich mi suas le subhachas, dh'ith mi biadh, agus ghlac mi misneach. B'i so a chiad stoirm uamhasach anns an robh mi air fairge, agus" mar sin chuir i am barachd eagail orm. Ach cha robh anns an stoirm so ach toiseach ar macraidh oir mhair a' ghaoth a' seideadh bho'n iar thuath re tri seachdainean iomlan; bha sinn air ar luasgadh a null agus a nall leatha fad na h-uine sin, air na h-Oitìribh Mora aig an Tir-Nomha (Banks of Newfoundland); agus bha sia no seachd a dh'oidhchibh againn na bu stoirmeile na an oidhche ud. Air Di-Sathurna an 25mh la April bha stoirm uamhasach a' seideadh 'nar n-aghaidh. Chiteadh an fhairge a' bochadh suas 'na beanntaibh arda, agus nuair a bhiodh an long anns na glinn eadar na tuinn, chiteadh na stuadhan mora lìaghlas an crochadh gu h ard os ar ceann, a bagairt taomadh a nuas oirnn gu grad, gus an long a chur fodha. Cha b'urrainn duine a chasan a chumail air a' chlar-uachdair, ach bha gach neach a tuisleachadh mar duine air mhisg. Chunnaic sin air an latha sin mill mhora, agus beanntan arda, ris an abrar cruachan-deigh cosmhuil ri Cruach-Rainneach no Beinn-chruachan, 'nan suidhe mar ''Ealasaid a' Chuain" air na tuinn, a' snamh air uachdar na fairge, ach cha deachaidh sinn am fagus dorbh, bhrigh gun robh solus an latha againn chum an seachnadh. D. B. B (Tuilleadh.) CUMHA DO DH'FHEAR FHARBRAINN 'S leat na Gordonich rioghail, 'S iad nach soradh am fion mu do champ, Is gun seasadh iad rioghail Gus an cailleadh iad direach an ceann; Clann-an-Toisich nam pic leat, Bha iad crosda 'nuair shineadh iad lann; 'S mur deach stad air no cluimhne Thigeadh brod Chlann Mhic-Aoidh leat annall. Sud na fearibh a dh'eireadh, Nan direadh ort eiginn no cas, Clann-Mhic-Eachinn an rolais, Bha iad bras ann an toiseachadh blair Bhiodh da thaobh Locha-Braoin leat, 'S ged a bhitheadh cho b'ioghnadh leam e, Thig a Choigeach bho Asinn Gu do chomhnadh fhir ghasda gun sgath. Nis bhon dh'fhagadh 'sa chruids' thu Cha n-fhaic sinne do ghnuis am measg sloigh; Bu leat abhachd na duthcha 'Nuair a shuidheadh gam cuis mar bu choirr. Bu leat Monair gu Fidhach, Agus Conainn ga iasgach, a sheoird; Oidhche-Challainn nam b'aill leat, Thigeadh bradan bho'n Ainich gu d'bhord. 'Righ, gur mise tha tursach Is beag m'aighear 's mo shunnd ris, a cheol, S mi gun duine mu'n cuairt dhomh Ris an gearain mi cruadal mo sgeoil. Tha mo choill air a maoladh Gus an cinnich na maotharain og' 'S nam bu toileach le Dia e Na ma fad gus an lion iad do chot. Cha n-'eil feum anns a' mhulad, Mo chreach leir! cha do bhuidhinn sinn bonn. 'S ann is eiginn dhuinn 'fhulang, Ged a chuidhtich gach duine dhiu 'm fonn Mar na coilltichean connaidh Tha'n cuid shaighdean a pronnadh nan sonn: Sgith mi 'g amharc an droma 'Sa bheil luchd nan dul donna gu trom. Dr. Wood's Norway Pine Syrup.— Leighsidh Dr. Wood's Norway Pine Syrup casadich, cnatan, cuing, tuchadh, crup, agus gach uile thinneas tha buailteach don sgamhan, 's don chliabh. A phris 25s. us 50s. am botull. A. J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2,00 GU $90.00. Anart us Liomaodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann-an, Stocain nan, Gleus Airgid air son chisteachan &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort UILLEAM W. DILLON SIDNI, C. B. Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus glome uinneag air a phris a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn air laimh an comhnuidh 's air an reic gu saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE. Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR CAILLEACH NAN CNO AGUS TAILLEAR NAN CLAR. Thachair dha bhi 'g obair an oidhche air am bheil sinn a' bruidhinn ann an taigh nach robh air tri-fìchead slat bho dhorus a' chlaidh. Agus mar a b' abhaist, bha'n taigh lan de luchd ceilidh. Taillear nan clar ag cur dheth mu gach buidseachd taibhse, agus sitheach a bha agus nach robh ann. Mu dheireadh thall bhuail am pathadh a h-aon do 'n chuideached, ach cha do thachair gu'n robh boinne uisge stigh. Ach bha gille tapaidh 's a' chuideachd a thairg dol do'n tobar. Bha 'n tobar mu leth dusan slat bho dhorus a' chlaidh. Agus 'n uair a bha'n gille teannadh faisg air an tobar chual e cno 'g a cnagadh. Sheas e, 's dh'eisd e; chual e 'n ath chno 'g a cnagadh; ma chuala cha robh feum air a' chorr dearbhaidh. Thug e na buinn dhi dhachaidh, anail 'na uchd, 's a dha shuil an impis leum a mach as a cheann leis an eagal; agus bhoidich 'us bhriathraich e gu'n robh a' chailleach 'na suidhe 's a' chladh agus fead aic' air cagnadh nan cno. "Pu," arsa fear thall, 's fear a bhos, "cha 'n 'eil annad ach an gealltair bochd." "Thoir dhomh-s' a' chuinneag," arsa gille maol ruadh a bha 'n a shuidhe ann an oisinn. Dh'fhalbh an gille ruadh le coltas fearail air. Ach mar a thachair do'n chiad fhear, 'n uair a bha e' teannadh faisg air an tobar, chual e cno 'g a bristeadh. Thog e'chluas 's dh'eisd e; chual e'n ath chno 'g a cnagadh; ma chuala, cha robh feum air tuilleadh dearbhaidh. Thill an gille ruadh dhachaidh tioram, agus mhionnaich e air gach cumhachhd, ard 'us iosal, nach robh aicheadh air a' chuis, gu'n robh i ann gun teagamh. "Ma ta," arsa taillear nan clar, "s iomadh cearn de'n t-saoghal 's an robh mi, ach cha do thachair mi riamh ri lan taighe de ghealltairean coltach ribh. Na'm biodh comas mo chas again, mar nach 'eil, bheirinn lan na cuinneig as an tobar ge do bhiodh h-uile cailleach 's a' chladh ag cagnadh chno" "Ma ta," aras gile mor dubh a bha thall ran 'choinneamh "bheir mise leam air mo mhuin thu." "So ma ta," ars' an taillear , "tog leat mi." Rug an taillear gu teann air a' chuinneig 'na dhorn 's dh'fhalbh an gille mor leis air a dhruim. Agus mar s thachair do chach, mara bha iad a' teannadh faisg air an tobar chual iad cno 'g a cnagadh. An cuala tu sud?" arsa 'n gille mor,' "chuala mi," arsa 'ri taillear, "cha'n 'eil sud cneasda mu'n am so dh'oidhche." "An teid mi air m' aghaidh leat?" ars' an gille. "Theid," ars' an tailleir, "ach cum samhach." Chuala iad an ath chno 'g a bristeadh. "An cuala tu sud?" ars' an gille mor. "Chuala," ars' an taillear," "na mheal mi mo shlainte mur 'eil eagal orm gu'm bheil i ann." Bha nise gille nan cno a' gabhail fadachd nach robh a charaid fear a' mhoilt a' tighinn, agus dh' eirich e 'n a sheasamh dh'fheuch am faiceadh e tilleadh e; agus 'n uair a chunnaic e 'n gille mor a teannadh air agus taillear nan clar aig air a mhuin cho-dhuin e air ball gu'm b'e meirleach a' mhoilt a bh'ann. Agus le guth laidir, fallain, dh' eibh e, "Am bheil e reamhar?' "Reamhar no caol e, ars' an gille mor, "sud agad e." Agus aig an am cheudna e 'toirt na tulgaid ud do thaillear nan clar a steach do'n chladh. Thug an gille mor na buinn dhi agus leig e le taillear nan clar a bhi deanamh air a shon fhein. Mu dheireadh thall rainig taillear nan clar dhachaidh gun chuinneig, gun uisge, air a chomhdach le poll 'us eabar, agus mar a thachair do iomadh neach a tha laidir na m' beachd fhein, cha robh taillear nan clar idir cho gaisgeil a' tilleadh 's a bha e 'falbh.—Clarsach an Doire. Aodaichean. Sassunach agus Albanneh dhe gach seorsa's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith, a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'lllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. Taghail aig Stor ClON-cnamhidh air a leigheas.—A Dhaoin'uaisle,—Bha mi air mo leigheas gu buileach de chion-cnamhidh le tri botuill de B. B. B.a ghabhail, agus mhol-inn e do na h-uile air am bheil an encail cheudna. Mrs. Davidson, Winnipeg, Man. Tha Sir Tearlach Tupper air an leab-aidh am Paris tinn leis a ghrippe. Chan eil e comasach air a sheomar-leape fhagail no guothuch sam bith a ghabhail ri ni a chuireadh dragh air. Cha deanar fuil mhath le droch stamaig Ni fuil mhath le 'n stamag a ghlanadh 's a thoirt gu riaghilt. Sampull a nasgidh gu neach sam bith K. D. C. COMPANY, Ltd. New Glasgow, N. S., Canada. MATHESON, TOWNSEND & CO., agus faic na tha aca do Bhathar de gach seorsa agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. FAIC SO. Tha sinn a cumail uan Amhlan a's fhearr ann an Sidui's tha sinn 'g an reic na's saoire na neach sum bith eile. Tha 'm Flur aginn leth dolar na's saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a's isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathair sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do'n. bhaile agus faic ar Brogan,—an cuim radh a's fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C, B,. COMHRADH Ainmich am paipear so. "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri. "Ciamar a tha fius agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uàneauear sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mail riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'a. uiridh. Bha e roimhe sin cho mi dhoighean 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliogach's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b'aithne charadh."