Chaidh duin' og dà'm b'ainm Young a ghoirteachadh gu dona am meinn-ghuAil Ghowrie, Cow Bay, Di-sathairne s'a chaidh. Bha dithis dhaoine aig cùirt 'sa bhaile' an la roimhe air sOn a' bhi 'reic .deoch--laidir,agus thugadh dhaibh an da roghinn, leth cheud dolair de chain a' phaigheadh no dhol da mhios do' phriosan. cailean siosal. W CROWE. Chaidh ni-eigin cearr am Meinnean Shidni Di-ciadion air an t-seachdain s'a chaidh agus ann a bhi fiachinn ri chur ceart, chall aon duine, lain Pòutilier, a bheatha. Sealbhradairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich,. Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SiDNI TUATH, C. B. H H HEARN. D. A. HEARN. D. A. Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh Còmhairliche Notair, Etc. Baile - Sheorais,- Eìllean Phrionns' lomhair. Còmhairlichean agus Fir-Tag-raidh aig Lagh, Sidni & St, Peter's; C. B Nuair a bha 'm bata-smuid Marion a tighinn a nuas Lochan a Bhras d'Oir an la roimhe, chaidh i air tir aig na h-Eilean-an Dearga, agus cha d'fhuaras a toirt dheth gus an ath latha. Rinneadh beagan millidh air à mas agus B'fheudar a cur air falbh gu Pictou gus a caradh. Fhuair Caiptean Gormley, ann an Nobha Scotia, uaireadair oir an la roimhe bho Impire na Gearmailt, mar ghibht taingealachd air son cobhair dheanamh air soitheach Gearmailteach an uiridh. Tha suaicheantas na Gearmailt air an uaireadair, agus dealbh an Impire fhein. 'S neonach an serial a th'aig tuathanach coir an Quebec ri innse. 0 chionn cheithir bliadlina, bha 'n sabhal aige air a bhualadh leis an dealanach agus air a losg-adh gu'lar. Chaidh an sabhal a thogail a rithist,ach am bliadhna, air a cheart latha, bhtiaileadh e leis an dealanach, agus chaidh e na smal an darra h-uair. Bha romhinn anns an aiaeamh so cunn-tas ath-ghearr a thoirt air eachdridh beatha Dr. Blair, ach leis cho beag sa tha am paipear b'eigin duinn fhagail as air an t-seachdain so, Tha sinn an duil, co-dhiu, nach bi aginn ri sin a dheanamh air an ath sheachdain Tha aireamh de nithean eile air'laimh cuideach, a bheir sinn d'ar cairdean cho luath 'sa bhios 'nar comas. Tha fios a Charlottetown ag radh gun do dh'eug fear Louis Mac 'Illeallain a muinntir Bhroad Cove, anns an ospidal 'sa bhaile sin; Bha e anns an eilean le soitheach ceannachd agus bha e ann an droch shlainte mu'n d'fhag e 'dhachidh. Madinn Di-haoine dh'fhas e gle thinn agus thugadh do n'ospidal e, far na dh'eug e madinn Di-domhnich. Chaidh a chrop a thoirt dhachidh gu adhlacadh. -——4>a:---* Air an 27-mh la de'n Mhai chaidh duine da'm b'ainm Everill Sampson air chall aig Mita Gut agus chan fhacas e uaithe sin 's cha chulas iomradh air. Tha e air a dheanamh a niach gun deac bidh e mack aig am bata a fhuaras a rithist air a chladach, agus gun deach a bhathadh. Cha robh e ach air tighinn dhachidh a Boston beagan uine roimhe sin, agus tha e air a radh gu robh e na dheagh fhear cearde 's gu robh e deanamh gle mhath. ------— Tha sinn an dochas gun toir ar cairdean oidhirp laidir air an t-samhradh so air an aireamh a tha 'gabhail a Mhac-Talla a dhublachadh. Cha bu choir strith mhor sam bith a bhi air sin a dheanamh. Ma gheibh a h-uile neach a tha 'ga ghabhail cheana aon no dha eile gus a ghabhail bhiodh da mhile no corr aginn an uine gle ghoirid. 'Sann an uair sin a rachadh aginn eir a mheudachadh 's dheanamh cho math 's nach biodh duin sam bith a leubhas Gailig toileach dean amh as aonais! Fir-Tagraidh, Notairean, SlDNl & ARICHAT. Tha tri soithichean beaga dol gu ftiill an t-saoghil, agus tha iad air an ainmeachadh air Columbus, a chionn gu bheil iad air an togail air a cheart chumadh air an robh na soithichean leis an danig Columbus thairis air an Atlantic. Chaidh na tri sin troìmh chaolas Chanso Di-luain air an t slighe gu Chicago. Tha na soithichean cogidh Frangach air toiseachadh air tadhal san acarsaid. Bha cheud tè a stigh air an t-seachdain s'a chaidh, agus tha te eile stigh air an t-seachdain so. Cho fad so cha danig ach aon soithich coigidh Breatunnach 'nar coir. Tha iad tuilleadh us trang a cumail soithichean iasgich nan Geancàch o bhi dol ro dhana air an runnach. 1 'Se aon dè dhleasannasan an deasiche, agus dleasannas nach urrinn dha a dhear-mad, an clo-bhualadàir a phaigheadh gach seachdain: Mur dean e sin cha soirbhich aona chuid leis fliein no lèis a phaipear. Ach ciamar a phaigheas e clo-bhualadair no fear eile nuair a tha aireamh mhor dhe na tha 'gabhail a phaipesr o chionn bliadhna gun sgilinn ruadh a chuir thuige fhathast? Chan urrinn dha 'dheanamh. MAC-TALLA. RABHADH. Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid'h Mac-Talla air a mheudachadh, agus an deigh sin bi'dh e dolar sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an air-eamh a tha 'gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh 'n am sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894. Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig dolair, gheibh e bliadhna dhe'n Mhac-Talla nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh e leabhar Neill 'Ic Leoid, "Claisach an Doire." Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig 'an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh 'ur litrichean gu "Mac-talla,*' Sydnej-, C. 13. SIDNI, DI-SATHAlRNE, lUN 17, 1893, TURUS A MHARAICHE. LE EOBHAN MACLAOMUlN, M. A.. D. D. Air sin labhair a chlann ri 'n athair-be ainmean na cloinne Peadar agus Tomas, Marta agus Muire, agus ogha Rut, a faighneachd mu thimchioll a choigrich, Fhreagair Talamh Dearg a mhain, "'Se 'n Tighearn a bh' ann." Dh'feoraich a bhean dheth. "Ciod a's coir duinn a dheanamh?" Fhreagair esan i, Feumaidh sinn Babilon fhagail gu brath. Thubhairt Peadar, "Rachamide mar an ceudna." Dh'eigh Tomas a bhathair, chaidh e dh' ionnsuidh an doruis, dh'amhairc e air an iarmailt chiuin, agus thubhairt e, "Nach faod sinn fuireach ach a faic sinn ciod a bheir latha mu'n cuairt? Thilg Marta, lan curaim agus dragha mu thimchioll moran do nithibh sealladh gradhach air an airneis. Ghuil Muire an samhchair. Dhluth lean Rut ri 'sean-athair. Air an la maireach, ghairm Talamh Dearg air a chairdean agus a choimhearsnaich, ag iarraidh gu durachdach orra dhol maille ris; rinn iad gaire fanaid ris. Anns an fheasgar chualas seirm anns na speuran, thiughaich an ceo gu dordhadas; cha robh soillse gealaich na reul-sholus; gidheadh le lasair soillsean, agus stairn cluig agus farum tiompan dhanns an sluagh gu h-iollagach gus na chriothnaich an talamh le 'n cridhealas, An sin ghabh Talamh Dearg a bhean 'sa chlann comhairle bhlasta le cheile, a' feitheamh foillseachadh toil Dhe. Ghairm iad gu cuimhne leabhar araidh da m' ainm ''Leabhar na Beatha" a thug Athair Talamh Dearg dhaibh. An deigh rannsachadh dichiollach fhuaradh e am measg iomadaidh soithichean briste,a chraicionn learach comhdaicte le smur, agus a dhuilleagan buidhe agus aitidh. Air dhaibh briathran an Leabhair a leughadh fhuair iad a mach gu'n robh, taobh thall chuaintean fearann a ta sruthadh le bainne agus le mil oighreachd neo-thruil-lidh agus neo-ahalaich a bha ra thoirt dhuibh san uile dh-fagadh Babilon anns an deadh long "Sgeil mhor Aoibhneis." Bha aiseag air a thairgse do na h-uile gun air-giod agus gun luach; Os barr,dh-earalaich an Leabhar cabhaig ag radh, feuch, a nis an t-am taitneach, feuch, a nis la na slainte. Am sin ghairm Talamh Dearg gu cuimhne gu'n d'fhag Athair agus dream araidh Babilon agus gun d'sheol iad ann "Sgeil mhor Aoibhneis." Thuig e nis gu'm be run an Tighearna gu'm biodh esan 'sa chlann na'n luchd leanmhainn orasan chaidh air thoiseach Gidheadh a reir coslais bha 'naigheachd ro mhaith gu bhi fior. Smuainich e gu reiceadh e sheilbhean, agus gu'm paidh-eadh e airson na h-oighreachd. Thubhairt Peadar "oibrichidh mi airson mo thriall'' Tomas dh-ionn aicheadh Sgoile mhara. Ach thubhairt an Leabhar, Cha'n ann o oibribh, chum nach deanadh neach air bith uaill. Mar so bha e air a shochrachadh, air an la maireach, aig eiridh na greire, gu fagadh iad uile Babilon. (Ri leantuinn.) Chaidh nighean bheag a mharbhadh aig Leitche's Creek air doigh gle chianail. Bha h-athir 'sa mathir og obair air curachd agus dh'fhag iad ise stigh gus nithean a chur air doigh agus bha i an sin ri dhol a mach cuideachd. An am beagan uine nigh i an soithichean,sguab i an tigh agus an deigh dhi gach ni eile dheanamh ghlas i 'n dorus agus thog i uinneag gus a dol a mach. Ach 'nuair a bha i deanamh am thuit an uinneag air a h-amhich agus mharbhadh i air ball. 'Se nabidh a bha ddol seachad a chunnic an toiseach i an crochadh ris an uinneig, 'sa casan pios math o'n lar. Air dha a dhol far an robh i fhuair e gu robh am paisde bochd marbh. —-?- Fhuair sinn o chionn ghoirid da phaipear bheag Eirionnach a tha air an cur a mach anns na Staitean. Tha aon diubh da'n ainm "An Gaodhal," a tighinn a Brooklyn, agus am fear eile da'n ainm 'The Irish Echo," a Boston. Tha roinn mhath de Bheurla anns gach fear dhiubh, ach 'si seana chainnt na h-Eirìnn a's pailte. Tha moran sgeulachdan, orain, us nithean eile annta, agus chan urrinn iad ach a bhi gle thaitneach leotha-san a tha comasach air an leubhadh. Chaidh soitheach-iasgich Geancach, an Lewis H. Giles, a ghlasadh aig Ingonish Di-luain s'a chaidh, air son a bhi 'g iasgach an taobh stigh do thri mile bho'n chladach. Bha i air a toirt gu Sidni-a-Tuath, far am bi i gus an teid cuisean a chur air doigh eadar i-fein us lagh Chanada. Chan eil an caiptean a gabhail ris gu robh e an taobh stigh dhe'n chrich idir. "Mac-Talla's an "Scottish Canadian," fad bliadhna maille ri leabhar de dh'orain Albannach air son dolair gu leth.- Ma tha thu 'n duil dad a leughadh no 'sgriobhadh ruig Stor-Labhrichean 'Ic Fhion ghain, ri taobh "Talla è Sionachd," (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saor 'sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichcan dhe gach searsa, Bratichean-urlair, Beilbheid, Osaìn Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan Aodionean-uachdar, &c, 's iad uile gle shaor. ADAN FODAIR beag us mor bho thri sentichean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c, air leth pris. BATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. c. s. jost, & Co Iun 1, 1883. GAOL GAIDHEALACH. Le Nàill MacLeod, II. "Mile marbh-phaisg air an t-suiridhe, 'S bochd dha 'n do n 'teid i iomrall; Fagaidh i inntinn fodh iòmaguin, "Gluasad cho simplidh ri meirleach.' 'S iomadh oidche allabanach a bha Domhnull a' cur a' mhonaidh agus cronan aige air an oran so, a' gabhail nam fath air Seonaid fhaicinn ris an tom. Ach cha do lean Domhnall fad' air an ruaig sin 'n uair a ghlacadh e. Bha e fein agus Seon-aid oidhche araid ann an caidreamh a cheile gU cairdeil ann an oisinn a' gharaidh gun smaointinn air ceilg no air 'foill-Ach mar a bha 'n tubaist an dan dhoibh co 'thàinig orra gun chuireadh gun iarraidh ach brathair Seonaid; cha robh cothrom teichidh ann, no falach air a' chuis. "Chaidh an ceol air feadh na fidhle' an oidhche sin; chaidh Seònaid a thoirt gu mod laidir, agus bagradh oirre gu fiadhaich mor sguireadh i de chomunn Dhomhnaill gu 'n eireadh gu h-olc dhi. "Ach bha'n comhairle dhi cho diomhain Ri tilleadh mara 's e tabhairt lionaidh." Bha cridhe agus inntinn Seonaid air an socrachadh air Domhnall mar a saibhreas agUs a crannchur dè fhearaibh an domhain agus cha robh beo na bheireadh oirre a roghainn a threigsinn. Beagan uine an deigh sin, ghabh athair Seonaid moran fearainn ann an Uidhist, agus am measg gach ni eile bha aige 'n a shealladh, bha e am beachd gu'm fuaraicheadh an Cuan Uidhisteach gaol Seonaid agus Dhomhnùill d' a Sheile, a creidsinn gu'n robh firinn anns an t-sean fhacal a thuirt, "An rud theid fad' bho 'n t suil theid e fad' bho 'n chridhe;' ach cha do dhearbh e sin a thaobh Seonaid. Agus ged nach robh litrichean cho luaineach an trath sin 's a tha iad an diugh, bha Domhnull agus Seonaid a' faotainn cothroim bho am gu am air sgriobhadh gu 'cheile fo luirich. Bha sin 'n a mheadhon air an aigne a' chumail blath, agus an gaol gum mheir-gèadh. Beagan uine an deigh an ama sìn, thainig Sasunnach mor,saibhir 'n a Bhaillidh air an oighreachd air an robh am fearran aig athair Seònaid Agus bho 'n bha iad na 'n teaghlach cairdeil, measail, agus foghlaimte, bhiodh an Sasannach a' tathaich orra gu math tric. Ach mu dheireadh thall 's e thainig a sin gu'n do thuit e ann an trom ghaol air Seonaid, agus cha robh e fada 'n uair a chuir e 'n ceill dha 'parantan ciod e 'bha 'n a bheachd, agus dh' iarr e Seonaid orra r' a posadh. B' e so a' cheart duine bha dhith air a parantan . Bha "baile 's buaile agus treabhair gheal" aige agus 'fhuair e cuireadh fial, farsuinn a thigh-inn air aghaidh; ach 'n uair a chaidh a' chuis a chur fa comhair Seonaid cha 'n fhuilingeadh i iomradh a chluinntinn air e leithid: ach cha 'n faodadh i beul fhosgladh anns a' ghnothach: dh-fheumadh i a phosadh, olc air mhath leatha. An uair a chunnaic i cho rag 's a bha iad 'n am barail fein leig i leo dol air aghaidh leis a' chuis mar a thogradh iad. Ach bha i ag innseadh do Dhomhnull mar a bha gnothaichean a' dol air aghaidh d' a taobh. Dhuisg so spiorad nan seann laoch treun bho 'n d' thainig e, ann an Domhnull, agus thog e 'fhuil aft aghaidh an t-Sasunnaich agus Cairdean Seonaid, le bhith smaointeachadh gu'm biodh maigh-dean og neochiontach air a cumail fo chis air a leithid de dhoigh, agus gu h-araid 'n uair a bha fios aige gur ann le gaol dha fein agus air a shon a bha i faotainn a leithid de dhroch caradh. An deigh beagan litrichean a null 's a nall, 's e an comh-dhunadh gus an d' thainig Domhnull agus Seonaid, gu 'n teicheadh iad as an rioghachd, agus gu'm fagadh iad gach Sasannach 's gach duine bh' ann an claiginn a cheile. Ach ged a bha sin mar sin, bha ullachadh mor a dheanamh air son a' phosaidh air an laimh eile; chaidh an Sasannach agus Seonaid eigheach ann an eaglais na sgireachd air son a' cheud uair, chaidh a nis an fhuaim a mach air feadh na duthcha, agus cha robh aicheadh air a' chuis. Air oidche Di-mairt an deigh an eigheach bha cuirm mhor ann an tigh athair Seonaid, agus bha i fein agus an Sasunnach gu bhi posadh seach-duin bho 'n oidche sin. B' i an oidche Di-mairt sin air an robh a' chuirm, a' cheart oidhche'chuir Domh-null agus Seonaid air leth air son teichidh. Agus bha fios math aig Seonaid 'n uair a bha iad 'n an suidhe aig a' chuirm gu'n robh Domhnull le sgioba math ghillean leitheach cuain eadar an t-Eilean-Sgiath-anach agus Uidhist, a' tighinn g'a h-iarra-idh. Bha 'n Sasunnach mor air ceann a' bhuird ann am fonn anabarrach math; bha 'n oidhche dol seachad gu sunndach aighearach aig gach neach a bha 'n lathair. An uair a bha an t-suipeir thairis, rug an Sasunnach air ghairdean air Seonaid agus chuir e 'n a suidhe aig a h-inneal-ciuil i, agus dh' iarr e oirre oran a sheinn; agus rinn i sin. Chluich i gu h-ealanta, agus sheinn i gu h-innealta. "S ann tha m' ulaidh 's mo ghaol Air a' bhirlinn a' tighinn." Cha robh an Sasunnach a' tuigsinn a bhrigh bha aig Seonaid fodh 'n oran sin agus bha sin cho math. Is ann a bha shuil a' ruith an deigh nam basan mine geala, agus nam meur fìnealta bha 'leum bho theud gu teud air an inneal chiuil; agus a toirt seallaidh an trains' agus a rithist air aghaidh mhaisich Seonaid, le 'cuailein trom a' tuiteam 'n a shniomhanan or-bhuidhe sios mu 'guaillean. Is e sin a bha 'togail cridhe agus inntinn an t-Sasannaich, agus e ann an lan bheachd gu'm biodh i aige air laimh seachduin bho 'n oidhche sin, le toil a cairdean agus le Ughdarras na cleire-ach bha "car eile an adharc an daimh." {Ri Leantuìnn.) -»-?- Nuair a thoisich an luchd-riaghlìdh air feill an t-saoghil air fhosgladh air an t-Sabaid, chaidh a chuis a thoirt gu lagh leotha-san a bha 'n aghidh sin. Tha na breitheamh na a nis an doigh tighinn gus a cho-dhunidh gu feum an fheill a bhi air a dunadh air an latha sin. Tha Breatuinn, Canada, na h-Innsean, agus Australia a car glas us uichir air gach ni a th'aca air an fheill, a h-uile feasgar Di-sathairne 's cha n-eil iad a tighinn dhiubh gu madinn Di-luain. Orain Thaghta Albannach, FACAIL US CEOL, Tri fichead 'sa h-aon deug dhe na h-orain fhearr ann an lebahar 'sam bheil 64 taobh-duilteag air son 25c. Sgriobh gu Imrie & Graham, Church andCelboine St. Toronto, Can A J. PEUTAN, FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2,00 GU $90.00, Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa, Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann-an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan. &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig UILLEAM W. DILLON, SIDNI, C. 8. Bì'dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig tha. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus gloine uinneag air a phris a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatuinn ait laimh an comhnuidh 's air an reic gu-saor. TAGHAIL AIG Aonghas Domhnullach, CEANNAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR A MHAiGHDEAN og nam meall-shuilean. luinneag. A mhaighdean og nam meall-shuilean,. Gur h og 'thug mi mo gheàlladh dhuit; Nam fhigainn thu le ordagh cleir' Cha n-iarrinn spreidh no earras leat. Cha-n-iarrinn stoc no storas leat Do phearsa fein bu leoir leam e; Cead bhi sinte, ruit san leaba Ann an cadal solasach. Tha na soithichean-iasgidh a tha taghall san acarsaid ag innse gu bheil an ruvii--ach gle phailt timchioll an eilein, bha cuid dhiubh aig an robh bho dha cheud gu sia ceud baraille air bord. Bha aon soitheach air 'n do thachir mall mor dhe'n iasg Di-luain s'a chaidh Bha na lin air an cur a mach, ach leis cho tiugh s'a bha 'n t-iasg bhrist iad, giadheadh fhuaireadh ceithir fichead baraile 'sa deich a thoirt air bord. Cha n iarrinn-crodh no caorich leat; No tochradh bho do dhaoine leat; Cha n-iarrinn leat bo dhubh no ruadh Ged bhiodh na buailtean saor aca. Chuirinn seol àir aran dhuit, 'S an crodh laoigh gu baine dhuit Chuirinn gearrain dhuit an croinn, Is glinn fo chaoraich gheala dhuit. Chuala mi 's gur math leam e Gun.danig thu do 'ri bhaile so, Ribhinn og 's agruaidh mar ros; Cha chum cion oir mo leannan bhuam, Bha duil agam 'nuair dh'fhag mi thu Nach biodh fear eil' am ait' agad; Ach 'nuair thionndaidh mi mo chulaobh Bha fear ur 's do lamh aige. Tha Priunnsa Roland Bonaparte, ogha brathar do Napoleon Bonaparte air chuairt an Canada an drasda. Thanig e air tir aig Halifax Di-luain, 's dh'fhag e am bailè sin Dior-daoin air a thurus gu Charlottetown. Air a thilleadh a sin tha e 'dol a thoirt sgriob bheag do Cheap Breatuinn. Nuair a gheibh e air ais don Fhraing, tha e'n duil leabhar a sgriobhadh mu Chanada, agus 'sann a chum fiosrachadh fhaotinn mun duthich a tha e cur na cuairte so. 'Si chuis a tha mi gearan oirr' Nach d' fhuair mi comhradh mionaid riut 'Nach d'fhuair mi urrad agus fasgadh. Dhe do laimh san dealachadh. Gur mis' a tha gu deireasach Bon sheol thu do dh-America; An gealladh posidh thug thu dhomhsa Dh'fhogir thu mu dheireadh e. Bha duin' uasal ann uair aig an robh sgalag da'm b'ainm lain, agus ri fuachd a gheamridh bhiodh iad a cadal cuideachd, an duin'-uasal 'na aite fein agus Iain aig a chasan. Aon aiche fhuar, reota, an deigh dhaibh a bhi treis 'san leaba dh' fheorich an duin'-uasal do Iain,. ''Cion-nus a tha 'dol dhuit shios aig rn« ohasan, Iain?" '0, ars Iain, "tha mise gu blath, seasgair. Cionnus a tha 'dol dhuit fhein shios aig mo chasan-sa?" &. C0., aguS faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa Ged nach eile aig na h-Eirionnich an America, ach an da phaipear 'nan cainnt fein, tha aig Welshick America, nach eil an fhicheadamh cuid cho lion-mhor ris na h-Eirionnich coig paiperan nan cainnt fein agus tha iad 'gan cumail suas gu duineil. Aig Gaidhil America chan eil ach aona phaipear. Ach tha sinn an dochas gu'm buin iad gu math ris a phaipear sin, agus nach bi e 'm feasda ri" thilgeadh oira gu'n do leig iad bas e! Math ar Duthcha tha 'nar beachd. Tha sinn a cumail uan Amhlan a"s fhearr ann an Sidui 's tha sinn 'g an reic na's saoire na neach sam bith eile Tha 'm Flur aginn leth dolar na's saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus gle shaoi: tha gach ni air a reic aig a phns a's isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Tàghail aginn nuair a thig thu dò'n bhaile agus faic ar Brogan--an cunn radh a's fhearr a ghabhas faotinn. The teintein a fas gle lionmhor anns na coillltibh cheana. Bu choir do mhuinntir a bhi gle fhaiceallach mu theine, an am so dhe'n bhliadhna, oir tha e moran na's usa 'chumail gun toiseachadh na tha e chur as an deis dha greim fhaighinn. Mur biodh cho mi-churamach sa-tha cuid dhe'n t-sluagh, bhiodh coilltean Cheap Breatainn an diugh moran na's maisiche 's na's fiachaile na tha iad. Tha Ard chomhairle Cuan Bhering faisg air bhi ullamh dhe'n obair. Tha e air a radh nach eil teagamh sam bith aig muinntir Pharis nach i Breatuinn a gheibh a chuid a's fhearr dhe, ge'r bith de bharail a th'aig muinntir eile. am miàn a's miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull amasgidh gu neach sam bith C. COMPANY, Ltd; New Glasgow, N. JS.-, Canada. Ainmich am paipear so.