"An ni nach cluiim mi an diugh cha'n aithris mi maireach." Vol. I, SIDNI, C. B., DISATHAIRNE, IUN 24, 1893. No. 57, SiOSAL & CROWE. Fir-TaGridh Comharlichean Notairean, &c. CAILEAN SIOSAL w crowe CEàNNICHEAN. Seàlbhadairean Meinean Guail Ghowrie Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, G. B. H MURRAY. D. d. mac coinnich Fir-Tagraidh, Notairean, SIDNI & ARICHAT. H. H. HEARN. D. a. hearn. D, A, Mac Fhionghain, Fear-Tagraidh, Comhairliche, Notair, Etc. Baile - Sheorais, Eillean Phrionns' Iomhair. Mac GillioS & Mac Eachuin, Comhairlichean agus Fir-Tag- 'nìgneag OG AN OR-FHUILT DHUINN raidh aig Lagh, Sidni & St. Peter's, G. B. luinneAG. 'Nighneag og an or-fhuilt dhuinn, Tha cainnt do bheoil 'na cheol ro bhinn; Thug t' ailleachd barr air al gach linn, 'S gar mor 'tha 'loinn na firinn ort. Nuair a thanig mi do 'n aite Bha mi fada bho mo chairdean, Fhuair mi uasal suairce, cairdail Maighdean bhan na'm miog-shuilean. Cha n-e dearmad ach nach h-eol dhomh Dh'fhagadh ceart air rann de m' oran; Mar a thoill a mhaighdean bhoidheach Cha n-fheil seol air innse dhuibh. Nighean an fhir ruaidh o'n Apuinn Air an taobh a tuath de'n aiseag, 0 ghleann uaine gorm nan gaisgeach 'Thogadh creach nan Liobhanach. Tha do chairdeas o Ghleann Comhann, 0 Ghleann-Cuaich' an t-sluaigh neo- choimhcach; Cairdeas mor is sloinneadh domhain; Co bu cho-ard sinnsre riut? 'S math a b' aithne dhomhsa t' aireamh, Do chul dualach, cuachach, faineach; Gruaidhean dearga a's glan dearrsadh 'S falt mar bharr nan ditheanan! Tha do ghruaidhean mar an t-siris, Suil mar dhriuchd air chul a ghlinne, Aghaidh chiuin a gunan grinnis, Beul 'bu bhinne, shiobhalta. Ged a gheibhinn aois mo sheanar 'S a bhi sgriobhadh 'h-uile meanaid, 'N coigeamh train cha deanainn aithris De mhaise na ribhinn ud. Gabh mo lethsgeul og bhean uasal, Ma thanig mi cearr air t' uaisle Cha n-fheil cainnt agam a luaidheas Meud nam buadh o chi mi ort. Chi mi thu mar chraoibh an garadh Gach aon mheanglan 's iad fo bhlath oirr, Driuchd nan speur a toirt dhi fais, Is eoin na barr gu binn-ghuthach. Tha Uilliam Caimbeal, Seaforth, Ont., a sgriobhadh; ''Badh cuimhne mhath agam air an la a fhuair mi ur leigheas fiachail. 'S e 'n aon leigheas a rinn feum dhomh riabh. Reic mi K. D. C. rin feadh- j inn eile a tha 'g radh gun clo leighis e iad. A DUTHICH 'IC AOIDH. Biodh cach a seinn an cuid eallan Mu dheibhin nan gleann 's nam beann-àibh. Ach molaidh mise Mac-Talla Tha 'cur anam 'na mo chainnt. Gum-a slan don Ghaidheal ghaisgeil, S aoibhinn leam an sgeul a chlaistir, Do thalla 'ga dheanamh farsuing Ged a thachdas e'm fear galld. Deanta fada, farsuing ard e, Biodh a bhallachan gun sgaineadh, Gus an cinnich e le Gaidhil Oho laidir ri fardach Fhinn. Tha mi 'cur dolar thugibh leis an litir ghoirid so, 's cha dug mi dolar seachad riabh ris an sunntaiche 'bheil mi dealachadh. Ma ni Gaidhil America an dleasanas daibh fein 's do na bheil ag eirigh suas nan deigh, ni iad do thalla nas treise na fadach Fhinn. Bha fardach Fhinn air a dion leis a chlaidheamh ach bidh fardaich a Mhac-Tallà air o dion leis a pheann, inneal cogaidh a's treise gu mor na 'n claidheamh. A reir mar a chuala mi aig seann daoine nach maireann, bha ceud fardach an tigh Fhinn, ceud teine anns gach fardach, agus fear us ceud mu gach teine. Nam biodh an aireamh a tha 'gabhail a Mhac-Talla cho mor sin bhiodh fhardach blath, seasgair. Smuain-icheamid uime sin agus cuireamid ar guaillibh ri cheile, agus thoireamid aon ionnsidh bheo air ar cainnt a chumail o ghearradh-mairbh a bhi 'ga dheanamh oirre leis na Goill. A guidhe soirbheachadh dhuibh bidh mi e stad. Mac Aoidh. Providence, R. I. Bhrist teine mach an Sidni-a-Tuath oiche Di-haoine air an t-seachdain s'a chaidh, a loisg da stapull agus tigh. Bha choltas air aon uair gu'n sgaoileadh a air feadh a bhaile, ach bha 'n oiche ciuin 's cha rcbh cothrom aig an teine air sgaoileadh, agus chuireadh as e gun an corr call a dheanamh. Saor Mhalairt. Tha moran ri chluinn-tinn mushaor-mhalairt. Tha moran chluinntinn mar-an-ceudna mu B. B. B. Chan eil leigheas eile ann as luaithe ni feum do gach eucail a tha buailteach don stamaig do'n ghrian 's don fhuil. MAC-TALLA RABHADH. Ma theid gach ni gu math eadar so us toiseach Iulaidh, bid'h Mac-talla air a mheudachadh, agus an deigh sin bi'dh e dolat sa bhliadhna. Tha sinn an dochas gun dean ar cairdean an dichioll air an aireamh a tha 'gabhail a phaipear a chur gu mor am meud roimh 'n ain sin. Neach air bith a chuireas thughinn dolar an drasd, gheibh e am paipear gu toiseach Iulaidh, 1894; Neach a chuireas thuginn coig ainmean us coig olair, gheibh e biadhna dhe'n MHAc-TALLA nasgidh. Neach a chuireas thuginn sia dolair us sia ainmean, gheibh è leabhar Neill 'Ic Leoid,"Claisach an Doire." 'Se Mac-Talla an aon phaipear Gailig 'an America, agus bu choir do na Gaidhil an uile dhichioll a dheanamh air a chumail suas. Seolibh 'ur litrichean gu Sydney, C. B. sidni, di-sathairne, iun 24, 1893. AN T-URR. D. B. BLAIR, D. Rugadh an t-Urr. D; B. Blair ann an Siorramachd Earraghaidheal sa bliadhna 1815, air a cheud latha de mhios deireannach an t-samhridh; Chaidh e do'n sgoil an toiseach nuair a bha e ochd bliadhna dh'aois, agus an ceann bliadhna bha e comasach air am Biobull a leubhadh araon am Beurla 's an Gailig. An uair a bha e fhathast gle og, chaidh athair air imrich do'n Lagan am Baideanach, agus nuair a bha e fichead bliadhna dh'aois chaidh a do dh'Oil-thigh Dhun-eideann. Beagan bhliadhnichean an deigh sin ghabh e droch fhiabhrus a chum air ais e gu mor na fhoghlum. Fhuair e cead searmon-achidh an 1844, agus an ceann da bliadhna thanig e gu Nobha Scotia. Shearmonich e aig Abhainn Bharnaidh a cheud uair air an 20mh la de September, 1840, agus mios na dheigh sin bha e air a shuidheachadh 'sa sgireachd sin, far an d'fhan e gu am a bhais. Shearmonich e corr us coig mile searmon, agus bha soirbheachadh mor ri fhaicinn na lorg. Bha e na shar sgoilear aig an robh mion eolàs air Eabhra,Greigeis-Laidinn us Beurla,ach bha meas sonrichte aige air a bhi sgriobhadh na Gailig. Dh-fhag e aireamh mhor do sgriobhidhean na dheigh am measg an robh Gramair Gailig agus Sailm Dhaibhidh an Gailig. Tha sinn an dochas gum bi curam air a ghabhail dhuibh uile agus gu'n teid an cur an clo an uine gun bhi fad. Cha robh caraide aig a Mhac-Talla a chuir-failte na bu chridheile air na bu mho a rinn air son a chumail beo, na Dr. Blair. Nuair a sheallas sinn thairis air aireamhan na bhiadhna s'a dh'fhalbh, chi sinn nach mor gu bheil aon dhiubh gun ni-eigin ann a thanig bho 'pheann. Bha "Fogradh nan Gaidheal," "Coinneach Odhar," agus na h-eachdridhean eile 'sgriobh e gle thaitneach leis gach neach a bha 'gan leubhadh. Cho cinnteach 'sa thigeadh, am posta oich e Disathairne, thigeadh cuibhrionn bho Dhr. Blair thun a Mhac Talla. Ach fad da sheachdain mu'n d'fhuair sinn sgeul a bhais cha d'fhuair sinn ni uaithe. Tuigear an reusan nuair a leubh ar an litir a leanas, a sgiobh e tri latha mu'n do dh' eug e. ..>.. Abhainn Bharnaidh, Id Ju-ns, 1893 A Dheagh Charaid,— Tha mi gu tinn bho cheann ceithir-la deug. Tha mi lag, lag, agus cha'n urrainn mi sgriobhadh no smuaintean a chur ri cheile. Uine sin cha'n urrainn mi ni a sgriobhadh air son Mhic Talla gus am fas mi nas fearr. Tha mi toilichte gu bheil a choltas air Mac-Talla, fas nas mo air a bliadhna so. Is mi do charaid D. B. Blair. Chan eil teagamh againn nach e so an ni mu dheireadh a sgriobh e. Cha d'ranig an litir sinne gus an robh am fear a sgriobh i air a charadh san uir. Chaidh fear lain Domhnullach,a mhuinntir Abhinn-nam Breac, am Mira, a chur do'n tigh chaothich an la roimhe. B'e 'n t-aobhar air son na chuireadh an sas e,e bhi fiachinn ri tighinn ri bheatha, Thug e ionnsidh an toiseach air a sgornan a ghearradh,, agus, nuair nach deachidh sin leis thug e choille air agus dh'fheuch e ri e fein a chrochadh, ach bhrist am meanglan lis na cheangail e an rop. Chaidh an Dotair Domhnullach a thoirt 'ga amharc agus an deigh dha 'amhach a chuir air doigh, dh-'orduich e a thoirt do'n tigh chaothich. Tha e air a radh gun dug a cheart duine iònnsidh air tighinn ri bheatha air an doigh oheudna o chionn ochd bliadhna eadar Sidni us Cow Bay. Tha paipear-naidheachd an Truro ag radh: "Re nan deich laithean a chaidh seachad, chaidh tri cisteachan-laidhe anns an robh cuirp dhaoin' oga mhuinntir Cheap Breatainn a dh'eug: 'sna Staitean, triomh 'n bhaile so air an rathad gu dachidh an oige gu bhi air adhlacadh." Tha e muladach ri fhaicinn na tha de dh'oigridh an eilean so a falbh a h-uile bliadhna, moran dhiubh' a fagail deagh dhachidhean, agus moran dhiubh nach till am feasda gus an teid an guilan dhachidh gus an caradh fo'n fhod. Chan eil anns a sgeul a tha tighinn a Truro ach sgeul a tha ri chluinntinn gle thric. Chaidh stor le Mr. A Jàmieson,. am Brook Village a losgadh: maduinn Di- sathairne s'a chaidh. Bha 'n stor faogailte agus thoisich an teine mu dheich uairean s'a mhaduinn. Chan eil fhios cia mar a thoisich e.. Cha robh airgiod-urrais air an stor idir. Faisg air Baddeck bha tigh le Seumas Archibald air a losgadh feasgar Di-haoine air an t-seachdain s'a chaidh. Bha'n teine 'n deigh greim cho laidir fhaighinn air mu'n robh e air fhaicinn 's nach gabhadh e cuir as. B fhiach an tigh mu dha mhile Iolair. "Mac-Talla's an "Scottish Canadian," fad bliadhna maille ri leabhar de dh'orain Albannach air son dolair gu leth. Riaghiltichidh e 'n stamag, an gruan 's na h-airnean, glanidh e 'n fhuil 's bheir e air falbh a h-uile neo fhallaineachd, bho ghuirean gu tinneas an righ. Ma tha thu 'n duil dad a leughadh no 'sgriobhadh ruig Stor-Labhrichean 'le Fhion-ghain, ri taobh "Talla na Sionachd," (County Hall), far am faigh thu leabhrichean agus paipearan dhe gach seorsa, cho saor 'sa gheibh thu an aite sam bith. BATHAR SAOR air a cheannach o chionn ghoirid bho cheannichean a bhrist ann an Nobha Scotia, Aodichcan dhe gach searsa, Bratichean urlair, Beilbheid,. Osain, Merino dubh, Sioda dubh, Sgaileanan, Aodichean-uachdar, &c, 's iad uile gle shaor. ADAN FODAlR beag us mor bho thri sentìchean suas, curraichdean ghillean da shent dheug, Adan air son fir us mnathan, Leintean geala, &c, air leth pris- B ATHAR UR air tighinn agus a tighinn. Pailteas de gach seorsa,, agus na prisean ceart. Feuch gun taghail thu oirnn. c.JOST, & Co.. Iun l,1883. GAOL GAIDHEALACH. SGEULA FIRINNEACH. Le Naill MacLeod, II. Cha 'n 'eil teagamh nach bi cuid ullamh air coire fhaotainn do Sheonaid air son cho laidir 's a bha i 'n a barail fein agus cho rag-mhuinealach s a bha i an aghaidh toil a parantan, agus gu'n robh sin ann an trmhas mor a' cur mi-mhaise air na buadh-an oirdhearc eile bha i 'sealbhachadh. Ages cha 'n 'eil teagamh mar an ceudna nach e sochair agus dleasnas araid cloinne umhlàchdh a thoirt do'n ai'thne mhoir agus urramaich sin—"Thoir onair do d'athair agus do d'mhathair," Ash an deigh sin, tha am ann anns am faod parantan a bhi cearr agus clann a fhi ceart. Agus tha mi 'creidsinn nach 'eil am annsan dualaiche do pharantan a bhi air am mealladh a thaobh an cuid cloinne, na am posaidh, gu h-araid posadhan cuid nighean. Thà, mar is trice, na parantan a' roghnachadh agus a' cur air leth ceile dha 'n cuid nighean a reir an cridhe fein, agus cha 'n 'eil iad a' toirt suil air ciod e cho mi choltach 's a dh' fhaodas an da aigne agus an da inntinn aca bhi r' a cheile. Cha 'n 'eil teagamh nach e math an cuid cloinne 'tha aig na parantan 's an t sealladh ann a bhi 'deanamh sin. Tha iad toileach a bhi 'g am faicinn air an deadh shuidheachadh na'n crannchur saoghalta: ach tha am anns an tig toradh math de'n togradh sin agus am nach tig. Agus tha mi anns creidsinn gu bheil moran posda— daoine agus mnathan—a dh' fhaodadh a radh le firinn mar a thuirt am fear roimhe— "Fhuair mi cuid 's fhuair mi luid; ach dh' fhalbh a' chuid 'us dh' fhan an luid." Cha 'n 'eil neach air bith 'tha dol troimh an t-saoghal so, aig a bheilbreithneachadh glan agus a shuilean fosgailte, nach faod fhacinn gle thric gu bheil iomadh caraid cuideachd aig nach 'eil an inntinn agus an doigh a' freagairt da cheile, agus ge do tha iad cuideachd ann an selladh dhaoine, aig a bheil an da nadur cho dealaichte bho cheile 's a tha 'n aird an ear bho 'n aird an iar. Cha 'n aithne dhomh sealladh a 's mi-chiataiche na maighdean og bhlath-chridheach, le faireachadh beo agus tlath a fhuair a togail gu muirneach ann an teaghlach riaghailteach agus cairdeil, fhaicinn ceangailte ri umbaidh de dhuine aineolach, borb, agus- an-iochdmhor, ged bu leis an soaghal. Agus tha e pailte cho mi-chiatach, duine buadhach dichiollach a tha deonach air deanamh gu math agus tighinn air aghaidh, 'fhaicinn ceangailte ri sgliodraich de bhoirionnach gun fheum. Ach tha eagal orm gu bheil an da chuid a' tachairt gle tric. Agus 's e 'n toradh a tha iomadh uair ag eirigh uaithe sin aimhreit agUs doilgheas, misg agus mi-shonas, atha 'fagail iomadh broilleach gun sith. Ach gu tilleadh ri ar sgeula. Bha mar a dh' ainmich mi 'cheana, cuirm mhor ann an tigh athair Seonaid air a' cheart oidhche 'chuir i fein agus Domhnull air leth air son teichidh, agus bha fios math aig Seonaid 'n uair a bhi muinntir na cuirme gu h aighearach, ceolmhor mu'n cuairt air a' bhord, gu'n robh Domhnull le sgioba agus le bhirlinn leitheach cuain eadar Eileansa', cheo agus Uidhist, a' dol g'a h-iarraidh. Bha eagal oirre gu'm faodadh muinntir na cuirme fuireach tuilleadh 'us anmoch, agus na'n tigeadh Domhnull faisg air a' bhaile agus a leithid de shluagh mu'n tigh, gu'm faodadh cuid dhiubh 'fhaicinn, agus gu'm biodh sin na 'mheadhon air gach comhairle mhaith a bh' aca a chur bun os cionn. Uime sin leig i oirre gu'n d' fhas i ro thinn, dh' fhag i seomar na cuirme agus chaidh i suas an staidhir gu a seomar leapa. Bha sin 'n a mheadhon air sgapadh a chur 's a' chuideachd mar a bha mhiann oirre. Chruinnich an teaghlach mu'n cuairt air Seonaid, a'frith-ealadh dhi leis gach ni a shaoileadh iad a bha gu feum dhi, agus co bhiodh air thus 's air thoiseach ach an Sasunnach mor. Thuirt Seonaid riutha mu dheireadh gu'm faodadh iad gabhail mu thamh; nach robh ann ach droch thuaineal a thainig 'na ceann, agus gu'n robh i 'g a faireachadh fein ceart gu leoir. Ghuidh muinntir an teaghlaich oidhche mhath dhi, agus dh' fhag iad i. Ghabh an Sasunnach mor beannachd leatha gn caoin, cairdeil mar a b' abhaist dha, ach tha mi' creidsinn na'm biodh fios aige gu'm b' e sin an selladh mu dheireadh a bha e gu fhaicinn dhi 's a' bheatha so, nach robh e air falbh cho luath, agus nach biodh a chadal ach bruailleanach an oidhche sin. An uair a ghabh an teaghlach mu thamh, dh' eirich Seonaid, agus thoisich i le cridhe luain-each agus iomaguineach air ullachadh air son an turais mhoir agus neo-chinntich a bha air thoiseach oirre. Las i solus agus chuir i 'n a shuidhe anns an uinneig e, ni bha gu bhith 'n a chomharadh do Dh-omhnul air an t-slighe bhi glan air thois-each air. Cha robh seoladair riamh ann an gabhadh cuain ag amharc air son tigh-soluis, no fear-faire na h-oidhche ag amharc air son reulta na maidne a dh' eirigh 's an ear na bu durachdaiche na bha Domhnull ag amharc air son an t-soluis so. Thainig e fein agus an triuir ghillean a bha leis air tir; ghabh iad suas thuil an tighe, gu socair, samhach. Bha'n tigh gu math ard, agus bha Seonaid ann an aon de sheomair mhullaich an tighe, agus b' i' cheist, cia mar a gheibheadh iad Seonaid a nuas. Ach cha robh iad fad' an ioma- cheist a thaobh sin. Fhuair iad faradh mor ann an sabhal faisg air an tigh, chaidh a shocrachadh ris an uinneig, agus bha Domhnullshuas cho luath ri gearr. Ann an gle bheag, uìne bha Seonaid agus na nothaichean beaga 'bha i 'toirt air falbh leatha, aig na fearaibh anns a' bhata. Thog iad a siuil rithe gu tosdach, samhach, fodh comhdach dorcha na h-oidhche, a' suidheachadh a cursa air Eilean-a'-cheo. Seid, a ghaoth an iar, gu ciuin, Na eireadh lasan air do ghnuis, Na duisgeadh fearg air muir no tonn, Gu ruig a' charaid og so fonn, (Ri Leantuinn.) -«.- Lean ris a cheart. Tha gniomh ceart a tighinn bho nadar ceart. Air son gearr-ach, goirteas. Cholera morbus, sen leigheas ceart Fowlers Extract of Wild Strawberry —leigheas cinnteach. Na rach am feasd air turus gun e bhi agad. Orain Thaghta Albannach FEAR-ADHLACIDH. CISTEACHAN-LAIDHE BHO $2.00 GU $90.00, Anart us Lion-aodach dhe gach seorsa,-Deiseachan-Donna, Curraican, Lamhann-an, Stocainnan, Gleus Airgid air son chisteachan, &c, &c. Carbad-Mairbh aig laimh Daonnan. Ma tha dealbh mhath a dhith ort ruig SIDNI, C. B, Bi'dh e toileach feitheamh ort uair sam bith a thig thu. Dealbhan beaga air am meudachadh agus air an deanamh cheart cho boidheach. Sgathain agus glome uinneag air a phris a's isle. Seallaidhean air Ceap Breatainn aiv laimh an comhnuidh 's air an reic gu saor. TAGHAIL AIG CEANNAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR fAMANACIlD AM AN LUMUIM. Co-cheangailte ris an ath-bheothachadh tha tighinn air gach ni Gaidhealach, tha na-h uile coltas air seann chluich na Caman-achd gu'm bi e air aisigeadh gus a chiad aite am measg nan cluichean Gaidhealach, agUs is ann a tha e na ni iongantach gu'n do chaill e riamh an baite sin, oir cha'n aithne dhomh fhein cluich sam bith eile 'tha cho freagarrach airson gach ball de'n chorp a chuir an cleachdadh. Tha obair gu leoir ann airson na lamh, na coise, na bodhaig, agus na sula, agus cha'n e fear a tha cearbach ann an aon diubh sud a ruigeas a leas a bhi 'n duil gu'n d' thoir e barrachd anns a chluich so. Bha la mor againn deth anns a bhaile so air Di-haoine 's a chaidh, nuair a bha Comhstri chairdeil ann eadar da' Chomunn:— "Comunn Camanachd Siorramachdan an Taobh Tuath ann an Lunnuinn" (air an d'thug mi iomradh ghoirid o chionn beagan sheachduinnean agus "Comunn Camanachd nan Albannach Lunnuinneach.' Cha robh an comunn mu dheireadh a dh'ainmich mi ach air a steidheachadh o chionn ghoirid agus mar sin bi so a chiad chomhstri de'n t-seorsa a chunncas riamh an Lunnuinn. Bha coig daoine diag a cluich air gach taobh agus lean iad air an t-strith fad uair gu leth. Cha robh iad fada cluich nuair a bha e ri fhaicinn gu'n robh chuid a b'fhear de'n la gu bhi aig an t-seann chomunn. Ged nach robh coltas orra bhi na'n daoine cho trom, laidir, riu-san a bha cluich na'n aghaidh gidheadh bha iad cho smiorail, luath, agus cho math air a chneac a bhualadh an dara fear gus an fhear eile, 's nach mor gu'n d'thug iad cothrom idir do na fir eile air faighinn faisg air puist an taghail. Bha chuid a b'fhearr aca de'n chluich fad na h-uine agus nuair a bha 'n fheadag air a seideadh aig am sguir bha iad air a chneac a chuir eadar na puist coig uairean gun an fheadhainn eile leithid coudna dhianamh idir. Bha mar so a bhuaidh aig Comunn an Taobh Tuath le coig taghail. Chruinnich aireamh mhor sluaigh a dh'fhaicinn na comh-stri agus cha bu duilich aithneachadh gu'm bu Ghaidheil a mhor-chuid diubh, oir chluinneadh neach iad air gach taobh a cuir failte air a cheile anns an t-seann chainnt no ag eighsachd ri cluicheadair araidh ''Buail i bhalaich, 's math a gheibhear thu" no facail eile de'n leithid sin. Bha seachdnar phiobairean air an raon agus nuair à bha chluich thim sheid iad so suas agus threoraich iad an sluagh gu talla mhor far an robh diothad air a h-ullachadh, agus an sin chaidh oidhche chridheil a chuir seachad le dannsadh Gaidhealach agus orain Ghaidhlig. Bha gach ni air a dheanamh gu siobhalta, lan-thoilichte le obair an la. Gu ma fada beo seann chleachdaidhean ar n'athraichean. Cabar-Feidh. Lunnuinn April 4mh 1893, FACAL A MARGAREE. Tha 'n t-side tioram, agus tha 'm barr ann an cunnart mur d'thìg uisge 'n uine àithgearr. Tha aodann nam beann us airidh nan gleannnair an sgeadachadh ann an ailleachd ro dhreach mhor; agus 's mor an toileachadh inntinn do neach air bith dol air faontradh feadh nan stuc mu'n am so'n t-samhradh. Tha sgeul a tigh'nn ugainn gu'm bheil am bradan gle phailt aig Acarsaid Mhargaree, agus gu'm bheil triuir ga cheannach am bliadhna àir son margadh nan Staidean. Tha iad a paigheadh naoi sentachan am punnd air; agus tha so na phris fior mhath. Chuala mi gu'n d'thuair aon fhearr ceithear a latha roimhe a thoimhais ceud punnd. Bha so naoi dollair air son beagan uairean do thrioblaid. Tha slainte buadhach anns na criochan 's o chionn uinne mhath, agus tha Mac-Talla toirt fior sholas ugainn le cheilidh gach seachduinn, air choir 's nach 'eil farmad againn ri aite 'tha fo'n ghrein. Caorstaidh. »- Droch cas. Bha mi dona le dombla- sachd, ceann goirt, agus cion cail. Cha b'urrinn domh cadal 'sanoiche, 's bha mi" gle lag, ach an deigh dhomh tri botuill de B. B. B. ol, tha mo chail nas fhearr na bha i o chionn bhliadhnichean. Cha tiginn as aonais idir. Mrs. Walter Burns, Maitland N. S. Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mag 'Illinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear a aite sam bith. Taghail aig Stor Bi cuibhteas do dhroch mu'n tig an cholera, Leigsidh am miar a's miosa dheth. Cumidh e uat an cholera. Sampull a nasgidh gu neach sam bith K. D. C. COMPANY, Ltd. New Glasgow, N. S., Canada. Ainmich am paipear so. & CO., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa. agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. Tha sinn a cumail nan Amhlan a's fhearr ann an Sidui's tha sinn an reic na's saoire na neach sum bith eile, Tha 'm Flur aginn leth dolar na's saoire na gheibhear aig aon sam bith sa bhaile. Tha ar Ti ro mhath agus glè shaoi; tha gach ni air a reic aig a phris a's isle. Reicidh sinn Flur, Min, no bathar sam bith air son Im aig pris airgid. Taghail aginn nuair a thig thu do'n bhaile agus faic ar Brogan,-—an cunn radh a's fhearr a ghabhas faotinn. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B. "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri. "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath.' Cha'n eil e luath no mail riamh on chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho roi dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 're cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?" "0, nach be cheist e! Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da m b'aithne charadh,"