"An ni nach cluinn mi an diugh cha'n aithris mi maireach." Vol. I. SIDNI, C. B., DI-SATHAIRNE, IULAIDH 23, 1892. No. 9. E. T. MOSELEY, Q. C., Comhairliche, Fear - tagraidh, &c., Murray & Mac Coinnich, Comharlaichean, Fir-tagraidh, &c., SIDNI TUATH, C. B. Q. H. MURRAY. D. D. MAC COINNICH. HEARN & HEARN, Fir-Tagraidh, Notairean, &c, &c., SIDNI & ARICHAT. J. H. HEARN. D. A. HEARN. SEUMAS A. CAIMBEUL. Brioscaidean, Nithean-milis Ti, Siucar, Cofi, Tombac' agus Sigars. THUGAIBH FANEAR. Reic W. E, Peters ri F, Falconer an obair-dhiolaidearachd a bha e cuir air adhart ann an Sidni. Bidh an obair sin air a cumail air adhart anns an aite cheudna le ARTHUR FAL-CONER, a bha o chionn ghoirid ag obair anns na taighean diolaidearach a's fhearr a tha m Boston. ACFHUINN EACH DHE GACH SEORSA air laimh F. FALCONER. Sidni, C, B., Mai 20, 1892. NAIDHEACHDAS NA SEACHDAINN. Chaidh an t-Onorach Edward Blake a thaghadh ann an Longford-a-Deas an Eirinn. Tha e air a mheas gu bheil na Staitean Aonaichte a paigheadh mar shaor-dhuais (pension) do na saighdearan corr 'us ochd fichead muillean dolair sa bhliadhua. Tha Sir Iain C. Abott an duil a dhol gu Sassuinn air an fhoghar, a cheartachadh cuisean a thaobh marbhadh nan ron ann am Muir Behring, agus a thaobh malairt nan colonies. Tha e cosg fichead tuile dolair 's an latha do Stait-Pennyslvania, a bhi cumail nan saighdearan aig Homestead air aon riaghailt agus sith a chumail a measg nan luchd-oibreach. A reir a chunntais mu dheireadh a fhuair sinn mu thaghadh nam ball an am Breatainn,bha tri cheud 'sa ceithir deug dhe na thaghadh air taobh Salisbury, agus tri cheud's da fhichead 'sa tri deug air taobh Gladstone. Tha feum mor aig an duthaich air uisge. Tha 'm feur a crionadh leis an tiormachd 's a reir coltais tha'm barr gu bhi fad air ais. Tha teintean a deanamh call mor anns gach aite; tighean agus coiltlean air an losgadh a h-uile latha. Tha baile mor Montreal air thoiseach air a h-uile baile 'n Canada ann an toirt cuideachaidh do mhuinntir St. John's. Thionaileadh sia mile fichead dolair anns a bhaile sin cheana, agus cha'n eil teagamh nach eil tuilleadh a tighinn. Bha iasgach nan giomach na b'fhaide air ais air an t-samhradh so na bha e o chionn iomadh bliadhna Bha 'm biadh gann 's an t-side stoirmeil a cheud chuid de'n t-samhradh, 's cha robh na giomaich ri'm faighinn faisg cho pailt sa b'athaist daibh. Tha duin-uasal a Halifacs, a bha air chuairt ann an Ceap Breatuinn o chionn ghoirid, ag radh gu bheil e na ni comhar-aichte anns an eillean bhuidheach sin an drasd, an aireamh thogalaichean a tha na tuathanaich a cuir suas. Cha'n e mhain gu bheil iad a cuir suas shaibhlean, ach tha moran diubh a togail thighean comhn-uidh. Ghabh iad ioghnadh mor an Truro, air an t-seachdain so chaidh, de dhuine neo abhaisteach ard a thainig na'm measg. B'e an duine bha so Siosalach a mhuinntir Antigonish, agus bha e sia troidhean 'os deich oirlich a dh'airde. Bha e air a thurus dhachaidh a Boston. Bha duin og da'm b'ainm Uilleam Butler, comhla ri chompanaich aig bruaich abhainn Avon, aig Windsor, an la roimhe. Thoisich cuid dhiubh air geall a chuir ris nach snamhadh e thairis air an abhainn. Ghabh e an tairgse, dh'fheuch g ri dhol thairis, agus chaidh a bhathadh. Fhuair-eadh a chorp air a chladach. Thaghail Caiptean J. W, Lawlor, aig Sidni Tuath air an t seachdainn so. Rainig a am port sin air feasgar Di-domh- naich agus sheol e a rithist feasgar Di-mairt. 'Se so an aon duine chaidh thairis air an Atlantic da uair gu sabhailte ann am bata beag. Tha e nis air a thurus gu Newfoundland As a sin seolaidh e gu Queenstown an Eirinn. Tha e 'n duil gu'n ruig e am baile sin ri da fhichead la. Cha chuireadh e iongatas oirnn ged nach ruigeadh e idir. Chuir cothional Chreignish, an Inbhir- nis, C. B., air a bheil an t-Urr. Ioseph Siosal na shagart, coig dolair dheug anns an tional air aon cuideachadh le St. John's. Tha iad a toilltinn moran cliu air son so, Cha'n eil an sluagh idir saoibhir, agus tha moran diubh air falbh aig an iasgach. Cha robh mar sin ach aireamh bheag dhiubh a fhuair cothrom air an tabhartas a chuir anns' an tional. B' fhearr gu'n deanadh na h-uile a reir an comais mar a rinn iadsan. Disathairne so chaidh, bha dithis ghill-ean, Seoras agus Arthur Kerr, a mhuinntir Charlottetown, a muigh a sealgaireachd. Rinn Seoras cuimse air cu, dh'fhalbh an urchair gun fhios da, agus chaidh a troimh cheann a bhrathair. Bha a marbh anns an uair. Dh'fhag Seoras an corp air an rathad agus ruith e dhachaidh, a dh'innse da pharantan mar a thachair. Nuair a rainig iad, fhuair iad an gille bochd na laidhe ann an loch fala. Thugadh an corp dhachaidh, agus thug an luchd-breith suas gun do thigeadh e le tuiteamas. Tha 'm brathair a tha beo agus na parantan ann an suidh-eachadh cianail. Cha robh am fear a mharbhadh ach sia bliadhna deug a dh'aois. MAC-TALLA Bi'dh Mac-Talla air a chuir a mach uair 'san t-seachdainn air maduinn Di-Sathairne. a phris 50 sent 'sa bhliadhna; aon aireamh 2 shent. Bidh am fear-deasachaidh toilichte bhi cluinntinn o chairdean na Gaelig ge be aite 'm bheil iad agus bidh e ro-thaing. il airson dad sam bith a chuidicheas le Mac-Talla, litrichean, naidheachdan, &c., &c. Feumaidh gach, ni dhe'n t-seorsa sin a bhi sgriobhte air aon taobh dhe'n phaipeir. Seolaibh gach litir 'us eile gu J. G. McKINNON, Mac-Talla, Sydney, C. B. SIDNI, DI-SATHAIRNE, IULAIDH 23, 1892. Dh'iarramaid a rithist air ar cairdean a bhios a sgriobhadh litrichean Gailig thugainn, iad 'gan deanamh goirid. Tha moran litrichean a tighinn g'ar n' ionnsaidh nach urrainn duinn a huir 'sa Mhac-Talla leis cho fada 's a tha iad. Na'm feuchadh gach aon a tha gabhail a phaipeir so ri neach no dha eile fhaighinn gus a ghabhail, cha b'fhada gus am biodh Mac-Talla suas a bhruthach. Tha cuid d'ar gabhalaichean a tha deanamh so, agus 's e tha sinn ag iarraidh gu'm biodh cach cho math 's gun dean iad na's urrainn daibh fein. Tha muinntir St. Johns a fulang. Tha deich mile gun tigh no fasgadh sam bith, agus coig mile ann am buthan. Tha corr sa 'n darna leth ¦ dhe'n bhaile air a losgadh, 's cha'n eil air fhagail ach a chuid a's miosa dhe. Cha'n eil baile an Canada nach eil a toirt a bheag no mhor de chuideachadh dhaibh, agus tha bailtean ann am Breatuinn a deanamh a ni ceudna. Tha feum mor air gu'm biodh muinntir fialaidh ann an toirt cuideachaidh do'n t-sluagh bhochd so, a chaill an cuid de'n t-saoghal anns an teine a thainig orra gun fhios, gun fhaireach-adh. Tha taghadh nam ball ann am Breatuinn gu ire bhig seachad, agus tha Gladstone a tighinn a mach air thoiseach. Tha mu dha fhichead a bharrachd air a thaobh sa tha air taobh Salisbury. Ged a tha sin fhein aige, cha'n eil e cho laidir 'sa dh'fheumadh e bhi air son an rioghachd a stiuireadh gu direach, ceart, mar bu choir dhi. Tha phairtidh Eirionnach air a thaobh agus feumaidh e 'n aire thoirt nach toir e oilbheum sam bith dhaibh. Tha pairtidhean eil ann mar an ceudna, agus bi'dh lamhan Ghladstone gle lan na dh'fheuchas e ri'n toileachadh uile. Cha'n eile teagamh nach bi Fein-Riaghladh air a thoirt do Eirinn. A PHIOB MHOR. So mar a labhair an t Urr Tormoid Mac Leoid mu'n phiob mhoir:— "Is i piob nuallanach nan dos inneal ciuil sonraichte. 'Tir nam Beann,' agus i gu h-aighearach air ghleus an achlais fior Ghaidheil, A mheoir gu grad air an fheadan, e an lan eideadh nan sonn, agus e le cheum stadail ann an seomar uaibhr-each a chinn-fheadhna no air feadh nan gleann aillidh anns an do fhreagair mac-talla nan creag do fheadain shiubhlach a shinnsearachd. Chan 'il inneal-ciuil eile cho freagrach air son tional clann gach fine bho gach gleann gu cruinneachadh mu bhrataichean an cinn-fheadhna, agus tha dearbh fhios gur i a mhain a chuireas chuireas gillean an fheilidh air mhire-chath do 'n bhlar. Is beo a bheir i failte do 'n cheann-fheadhna a' tilleadh gu buadhar bho'n chatha, agus is tiamhaidh a thig an tuireadh uaipe an uaira ghiullai-near le a dhaoine bronach e gu a dhachaidh bhuan anns a' ghleann, na do 'n eilein naomh anns a bheil a dhaimh no 'n cadal. Tha doimhneachd faireachdainn agus tiamhachd anns a 'cheol so, tha air a chur cho saothrachail ri cheile. agus nach tuig neach e ach Gaidheal a mhain. Tha e dhasan lan de chuimhneachain dhruight-each mu a dhachaidh agus mu a dhuthaich; tha an ceol so a' toirt a rithist fo chomhair a shuilean na h-aodainn agus na cruthan a dh'fhalbh; tha e a toirt air suilean 'inntinn a bhith a rithist a' faicinn gach beann,agus loch, agus gleann de dhuthaich oige, agus a' dusgadh suas chuimhe air na laithean a chaith e na'm measg an uaira bha a shonas aig airde." DOL THAIRIS AIR A MHUIR RUAIDH. Dh'fhastaidh easbaig a bha uair-eigin ann am Bail-ath-cliabh dealbhadair gu dealbh a dheanamh air son a bhi 'n croch-adh 's an eaglais. Bha 'n dealbh gu bhi sealltainn nan Israelach a dol thairis air a Mhuir Ruaidh. Rinneadh an dealbh agus chrochadh i 'san eaglais,'s i air a comhdach le cuirtein. Chruinnich sluagh mor ga h-amharc, agus bha iad a feitheamh gu foighideanach gus am biodh an dealbh air a leigeil ris. Ach feuch! nuais a thugadh an cuirtein air falbh, cha robh ni ri fhaicinn ach uisge. Thionndaidh an t-easbuig gu feargach ris an dealbhadair, agus thubhairt e: "Nach e dh' iarr mi ort a dheanamh dealbh nan Israelach a dol thairis air a Mhuir Ruaidh?" "Tha sin gle cheart; 'se sin a rinn mi," ars an dealbhadair. "Ach c' aite 'm bheil na h-Israelich?" ars an t-easbuig. "Tha iad an deigh a dhol thairis," ars an dealbhadair. "Seadh, ach c' aite 'm bheil na h-Eiphi-tich?" "0, tha iad sin air am bathadh." D. MAC 'ILLINNEAN, TAILEIR, Aodaichean Sassunach agus Albanach dhe gach seorsa 's grinne 'sis fhearr, a feitheamh ri'n cur gu feum. Duine sam bith a dh' fhagas a thomhas aig Mac 'lllinnean, bidh e cinnteach a deise cho cumadail 's cho fasanta 'sa gheibhear an aite sam bith. TAGHAIL AIG Aoghnas Domhnullach, CEANNAICHE, Tha Flur, Min, Siucar, Ti, Tombaca, Coirce, Feur, agus iomadh ni eile aige. RI'N REIC SAOR ! THA E. C. NIC FHIONGHAIN, SIDNI, C. B. A reic Measan dhe gach seorsa, Canndaidh, Brioscaidean, Siucar, Cofi, Ti, &c. Ti,Cofi, Bainne, agus deochannan stu eile air laimh an comhnuidh. Biadh air dheasachadh an uine ghoirid. SANAIS Thigibh an so, Thigibh an so. Thigibh an so le bhur cuinneadh. Thigibh an so, 's gheibh sibh cunnradh. Gheibh sibh rud daor. Gheibh sibh rud saor. Gheibh sibh gach ni mar bu run leibh. Thigibh an so 's gheibh sibh cunnradh. Seachnaibh na h-uilc Dheoghladh bhur cuid, 'San teanga 'nam pluic oirbh a burtadh. Thigibh an so 's gheibh sibh cunnradh, TIGH ACA DIA, AM FEAR A GHOID A MHUC. LE "FIONN." ""Gun tuilleadh air no dheth, shocraich na scod gu'm bruidhneadh iad ri dha no tri de dh'oigridh a chlachain, agus gu'n goideadh iad muc Dhonnchaidh Thioram a, tigh nan cairtean. Thainig Diluain; mharbh Donnacha Tioiram a mhuc,chroch e i an tigh nan cairtean, agus chuir e fios a dh'ionnsaidh Dhughail Ruaidh mar a gheall e. An deigh beul na h-oidhche, thainig Dughall Ruadh an taobh a bha Calum Taileir, agus goirid as a dheigh, thainig na seoid a bha dol leo a ghoid 'na muice, 's iad cho ard inntinneach, agus toilichte, ged a bhiodh iad a dol gu banais. An uair shaoil leo Donnacha Tioram a bhi na shuain chadail, thog iad orra gu seimh, socair, ghoid iad a mhuc a tigh nan cairtean, 's thug iad i gu tigh an Taileic. "Ciod a ni sinn ris a bheisd euhoir, reamhar?" arsa Seumas Gobhainn. "Ciod" ars an Taileir, "ach a roinn air muinntir a chlachain mar is coir. Mur deig an spiocaireachd le Donnacha Tioram an t-seana chleachdadh ionmholta a chu-mail air aghaidh, ni sinne ge b'oil leis e." "Gle mhath," arsa Dughall Ruadh, "cha'n eil beul 'sa chlachan nach gabh dunadh le slios de mhuic-fheoil. Moire, 's math a laidheas i air cuid aca 'n drasda fhein, 's an t-amhlan cho gann." "Tha thu ceart," arsa Seumas beag nam breug, "'s math an glomhan aiseann de mhuic mhoir Donnachaidh Thioraim." Cha robh tuilleadh air; chaidh closach na muice a ghearradh 'na piosan, agus a fionn, *,n oidhche sin fein, air teaghlaichean a chlachain, agus an earaileachadh gun diog a ghabhail orra gu'n d'fhuair iad a leithid. An uair a bha mhuc roinnte, chaidh na seoid dhachaidh gu modhail, siobhalta. Aig bristeadh na faire, mu'n do bhlais an t-eun an t-uisge, dh'eirich Donnacha Tioram agus a mhac a chuir na muice am falach mu'm biodh duine 'sa chlachan air an cois. Ged a bha mac Dhonnachaidh cho crion, spiocach, ri athair, cha robh e idir toilichte bhi air a dhusgadh am meadhon na h-oidhche mar so. 's ged a dh'eirich e, cha robh e idir fonnar. An uair a dh'fhosgail iad doras tigh nan cairt-ean, cha robh a mhuc ri faicinn. "Leth na truaighe" arsa Donnacha Tioram. "Thainig an fheala-dha gu da-rireadh. Tha mhuc air a goid gun teagamh. Co air an t-saoghal a dheanadh so?" "Nach deanadh na ceaird,a tha 'san uaimh mhor.' arsa Donnacha og; cha'n e h-uile latha gheibh iad cothrom cho math." "Clann an fhir ud," arsa Donnacha Tioram, "bheir mise orr' e,"—'s shin e as gu uaimh nan ceared, a bha leth-mhile air falbh, 's air leis gu robh faile cubhraidh muic fheoil roiste air a ghiulain air oiteig na maidne. An uair a rainig e an uamh,'se na fhuil 'a na fhalus, cha robh aig ach an gad air an robh 'n t-iasg,—cha robh ceard no bana-cheard ri fhaotainn air urlar na i uaimh, — 's b'fheudar dha tilleadh dhachaidh mar a thainig e,—gu mulsdach, aimhealach. Cha b'fhada gus an do rainig e Dughall Ruadh. "Am bheil thu gu cridheil an diugh, a Dhonnachaidh," arsa Dughall "Ruadh. "'S mi nach eil" arsa Donnacha Tioram;"nach deachaidh a mhuc a ghoid." "Sin thu, Dhonnachaidh, cum thusa sin a mach," arsa Dughall. "Air m 'fhacal gu'n deachaidh a goid," arsa Donnacha, Dughall,—Sin thu rithist; boidich thuaa sin, 's creididh daoin eil thu. Donnachadh,—air m'fhacal fhirinneach gu'n deachaidh a goid. Dughall,—Dhuine, dhuine, 's briagh theid agad air cuir-mar-fhiachaibh; fhaic thu, chreidinn fein do sgeul mur biodh fhios agam air atharrach. Donnachadh,- An 'e nach eil thu ga m' chreidsinn; cho cinn-teach 'sa tha mi beo gu'n deachaidh a goid. Dughall,—Nach briagha, nadurra, thig na breugan duit; cum thusa sin a mach, 's creididh a h-uile duine thu. Donnachadh,—Nach neonach thu; a Dhughaill. Cho fior ris a bhas gu'n deachaidh a mhuc a ghoid leis na ceaird. Dughall—Nach briagha laidheas a bhreug sir na ceaird. Co nach creid thu a nis? Cha'n eil teagamh nach robh ceard no dha nu ghoid na muice. Donnachadh,—Cha'n eil feum a bhi bruidhinn riutsa, cha chreid thu an fhirinn, smior na firinn. Latha math dhuit. Le so a radh, dh'-fhalbh Donnacha Tioram dhachaidh 's cha robh e idir toilichte. Chunnaic e nach robh leum a bhi bruidhinn ris a ghreusaiche mu ghoid na muice, 's ged nach do leag e riamh amharas air Dughall Ruadh, bi'dh latha 's bliadhna mu'n gabh e chomhairle a rithist. Tha mi toilichte 'chluinntinn gu bheil an t-seana chleachdadh air a cumail air chois anns a chlachan fhathast, agus an uair a bhios fonn dannsaidh air an orgridh, 'sa ghleusas Calum Taileir,—sean 's mar a tha e,—an fhiodhal,no thoisicheas Dughall Ruadh air canntaireachd, 's e so am port a's docha leo ghleusadh,— "Dh'fhalbh mi fhein 'us ceathrar ghillean, Dh'fhalbh mi fhein 'us ceathar ghillean, Dh'fhalbh mi fhein 'us ceathra ghillean, Ghoid na muice biadhta. Ghoid sinn i am beagan uine; Roinn sinn i ri solus cruisgean; Bha i reamhar mar an t-uilleadh; Fhuair sinn cunnradh ciatach." Is tric gus an latha 'n diugh, nuair a tha sgeul fir sa bith air a chuir an teagamh, a gheibh e mar achmhasan,—"Cum thusa sin a mach, mar a thuirt am fear a ghoid a mhuc." Tha'm beagan thighean a dh'fhagadh gun losgadh ann an St. John's air an domhlachadh le sluagh, agus tha mal air eirigh gu math ard. BARGAIN B'fhearr leinn gu feuchadh sibh am Flur, a Mhin, an Siucar, 'san ti a tha sinn a reic. Tha h-uile duin' ag radh gur h-ann againne gheibh iad an cunnradh a's fhearr, agus gu bheil sinn a reic ar bathair nis saoire na aon de chach. Botainnean & Brogan air a phris a phaigheadh tu orr a anns an fhactoridh. Fiodh agus gach ni eile air son togai thaighean gle shaor. C. H. HARRINGTON & CO. Sidni, C. B, Ma Cheannaicheas to Bathar C. S. JOST & CO, Cha bhi aithreachas ort Airson ad no boineid ruig MAIRI A. NIC FHIONGHAIN, aig a bheil adan, boineidean, ribinnean, fluraichean, ITEAN. agus iomadh ni eile. Ad saor no daor * fuar a's ail leat. Tha'n ad a's saoire gle mhath, ach si'n ad a's daoire 's fhearr. Am bheil Piano, Organ no Inneal-fuaigheal a dhith ort? Cha'n eil inneal-ciuil ann an Canada ni's fhearr na Pianos agus Orgain "Kharm." Fhuair iad cliu mor aig Feill Halifax an uiridh. Agus 'se 'n "Raymond" agus an "New Williams" am da Inneal-fhuaigheal a's fhearr a tha ri'm faotainn air thalamh. Airson tuilleadh fiosrachaidh ruig, no sgriobh gu C. B. TRAVIS, P. O. Box 68, Sydney, C. B. Air Fonn—"Willis's on the Stormy Sea." Eh ho ro mo nigh'n donn, Eh ho hu mo nigh'n donn, Eh ho ro mo nigh'n donn a chuil raidh, Ribhinn og a bha rium Raoir a comhradh gu ciuin, Tha mo chridhe 'n diugh trom ae do dheigh 'Se do chomhradh, a ruin, Cainnt a's ceolmhora leam Na guth smeoraich an dlu'choill nan craobh, Na bog-thorman nan allt Tigh'nn o airidh nan gleann 'S mi sa mhoch-mhaduinn shamhraidh ri'n saobh. Tha do nadur, a luaidh,. Caoimhneil, cairdeil gun ghruaim, Gu h-e h-ailleachd thug buaidh air gach te; Dheireadh m' aigne le sunnd 'Nuair a choinnicheadh turium, 'S chuirinn failt air nigh'n donn a chuil reidh. Gur a guirme do Bhuil Leam na'n dealt air an driuchd 'Nuair a dhearcas tu ruin orm gu caomh; Gu bheil maise mar noin Chuireadh sgaoileadh air bron Ann ad chruth; 's b'e mo dheoin 'bhi ri'd thaobh. Tha gnuis alluin gun ghruaim, Tha gan ailgheas, lan stuaim, 'S pearsa dhireach, dheas, uallach a'n falbh, Air am boidhche thig gun Anns an fhasan a's uir', Aig a ribhinn a's cuirteil an dealbh. Tha do chairdeas gle dhlutn Ris na h-aileagan ur 'Bhiodh 's na- blair feadh nan duthchanan thall;— 'S tric a bhuanaich iad cuis Ann a' fabhar a Phrionns', 'S cha bhiodh onair an duthcha air chall. 'Nuair a chit' iad air sliabh, Bu ro-bhoidheach an triall ; 'S gu'm bu suaicheantas riamh dhaibh 's gach am, Long, 'us leoghann, 'us craobh, 'S an lamh-dhearg air an taobh. Bradan tarraigheal, 'us fraoch glas nam beann. Nam biodh beairteas dhomh buan,. Rachainn sgriob thar a' chuain Do'n Roinn-Eorp'leat a luaidh nan deagh bheus; 'S ann an duthaich nan sonn Bhiodh daoin-uaisle le fonn A cuir failt air nign'n donn a chuil reidh. 'S math thig faineachan oir Air na meoir sin a's boidhch' 'Sa bhios tric ann an seombar ri gleus, Tha do ghruaidh mar an ros; Cha'n eil uaill ann ad nos; 'S gur leat seusar gach seol agus beus. 'Siomadh cliu th' air do ghnaths, A nigh'n donn na suil bhlath;— Tha do shnuadh ann an aillead mar ghrein, Mar an fluran a' fas Ann an gleann 'sam biodh blaths No mar Venus an airde nan speur. Gur e caoimhneas do shainnt A chuir bruaillean am cheann 'S cha'n eil fuasgladh ach gann dhomh fo'n ghrein: Cha'n eil leigh da mo chradh Air an t-saoghal: so mhain A migh' donn nan sul blath, ach thu fein. C. Chuir an Soitheaeh-smuid "Harlaw" air tir gu COINNEACH R. MAC COINNICH, sidni tuath, c. b. 150 baraile Siucair, 250 " Fluir, 100 " Min Choirce, 10 " Molasses, 100 bocsa Tombaca. 200 ciste Ti a Lunnain. Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein. Tha mi reic Uidheaman-Giulain dhe gach seorsa na's saoire na gheibhear an aite sam bith, eile 'n Ceap Breatainn. Bheir mi dhuit Cairt-Rathaid air $22. Tha mi dol an urras air gach Carbad a ni mi gu'm bi thu riaraichte leis. Ceannaich do Charbadan 'nad dhuthaich fhein, 'sna bi cuir do chuid airgid air falbh, gu h-araidh, 'nuair a gheibh thu cho saor agus cho math aig an tigh D. W. Mac FHIONGHAIN, SIDNI TUATH, C. B, Taghail aig Stor MATHESON, TOWNSEND & co., agus faic na tha aca de Bhathar de gach seorsa, agus e ri reic gu saor. Math ar Duthcha tha 'nar beachd. COMHRADH. "De'n uair a tha e?" "Tha e coig mionaidean an deigh tri." "Ciamar a tha fios agad?" "Nach do sheall mi air m' uaireadear.' "Dh'fhaoidte gu bheil an t-uaireadear sin ro-luath." "Cha'n eil e luath no mall riamh on a chaidh a chuir air doigh mu'n am so 'n uiridh. Bha e roimhe sin cho mi-dhoigheel 'sa bha 'leithid riamh, air aon spoig, 'se cho gliogach 's nach b' urrainn dhomh feum sam bith a dheanamh dheth. Ach an drasda 'se uaireadear cho math sa tha 'san duthaich." "Co 'charaich e?" "O, nach be cheist e!- Charaich GUZZWELL & RHODES, ann an Sidni, feadhainn da 'm b'aithne charadh."