Iomairt Loch Laomainn
Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh ann an 1715 agus tha cunntasan ann mu dheidhinn iomairt an aghaidh nan Seumasach anns an Dàmhair 1715, gu sònraichte an aghaidh Clann Griogair. B’ e an sgrìobhadair is eòlaiche eachdraidh, John Prebble, a thug an lethbhreac seo don Cholaiste ach tha fiosrachadh na bhroinn cuideachd mun fhear chruinneachaidh leabhraichean, James Dennistoun (1803-1855).
‘S e faidhle pdf a ghabhas rannsachadh a rèir facail a tha seo. Cuideachd, tha mòran duilleagan bàn anns an leabhar thùsail. Tha iad ann fhathast anns an Lethbhreac Ghlèidhte, ach chan eil iad an cois an lethbhric seo airson am faidhle a dhèanamh nas lugha.