Reachdan bho 1746
Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh ann an 1746 às dèidh Blàr Chùil Lodair agus na bhroinn tha Bilean Pàrlamaid airson smachd a chumail air muinntir na Gàidhealteachd. Tha am faidhle seo dèante de mhòran dealbhan aig “Ìre Mheadhanach”, agus tha còrr is 200 duilleag ann. Mar sin, ‘s e faidhle gu math mòr a th’ ann (87MB teannaichte, 107MB neo-theannaichte) agus bheir e ùine fhada ga fhosgladh, gu sònraichte mura h-eil ceangail eadar-lìn luath ann. Cuideachd, tha mòran duilleagan bàn anns an leabhar thùsail. Tha iad ann fhathast anns an Lethbhreac Ghlèidhte, ach chan eil iad an cois an lethbhric seo gus am faidhle a dhèanamh nas lugha.
Faidhle.zip (pdf teannaichte) 87MB