Seann Chùrsa air Astar
Fiosrachadh gu h-ìosal
‘S e cruinneachadh litrichean a tha seo, mar dà chùrsa cànain air astar eadar dithis oileanach agus an luchd teagaisg aca. Chaidh an leabhar a lorg aig “Bulstrode Park”, Gerrard’s Cross, anns na 1950an nuair a chaidh an taigh sin a reic. ‘S e taigh aig Diùc Somerset a bh’ ann am Bulstrode[1], agus chithear gur e ogha an 12mh Diùc a bh’ ann an tè de na h-oileanaich, The Honourable Hermione Charlotte Ramsden, (17/6/1867 4/6/1951). Bha dithis luchd-teagaisg ann cuideachd; P C MacFarlane, Gleann Cuaich, Siorrachd Pheairt, agus Adam Guinne, Srathaidh, Cataibh.
Tha a’ chiad pàirt dhen leabhar seo co-cheangailte ri Miss Tumblanque, air nach eil mòran fiosrachaidh, ach aig toiseach an leabhair thathar ag ràdh gun cosg an cùrsa £2 s0 d0 airson 12 leasan. Tha litir ann bhon neach-teagaisg aice, Mgr P C MacPhàrlain, 10 an Giblean 1886, sgrìobhte ann an Ceann Loch an Iar, Gleann Cuaich, agus fear eile air 17 an Giblean 1886, bhon an aon àite. Tha comhairle air cànan anns gach litir, agus tha e a’ nochdadh gu bheil na h-eacarsaichean stèidhichte air an leabhar aig Dòmhnall C. Mac a’ Phearsain (Practical Lessons in Gaelic, MacLachlan & Stewart, 1879). Chan eil mòran fiosrachaidh ann mu dheidhinn Mgr. MhicPhàrlain, ach thathar a’ tuigsinn gur e Ministear a bh’ ann, agus gun do chaochail e nuair a bha e òg:-
DEATH OF MR P C MACFARLANE. It is with much regret that we announce the death of Mr P C MacFarlane , which took place at his father’s house in Glenquaich, Perthshire on 13th April. In our last number he had an article on the “Possessive Pronoun in Gaelic”, and, although we knew he was low in health, we had not anticipated that his end was near. Mr MacFarlane was a divinity student of much promise, and a Gaelic scholar of great attainments and success. He passed his Arts’ course in Glasgow, and went to Edinburgh for Divinity, where, in the 1883-84 session, he won the med in the Celtic Class, in the first year of its existence. In a letter of a few days ago to “Fionn,” Professor Mackinnon says:- “In Gaelic scholarship he really had no competitor in my class. His enthusiasm for Gaelic and Celtic matters was unbounded, while his common sense and humour kept his imagination in due restraint. But rarely was such an example found of one whose passion was so strong for Gaelic. I do not know that such a promising Gaelic scholar has passed away since Pattison died.”[2]
Anns an dàrna pàirt, an earrainn as motha dhen leabhar, tha litrichean agus eacarsaichean le Hon. Hermione Charlotte Ramsden agus an neach-teagaisg aice, Adhamh Guinne. Aig toiseach na h-earrainn seo, thathar a’ cur an cèill gun cosg an cùrsa 10/- gach mìos.
B’ e Hermione Ramsden an dàrna nighean aig Sir John William Ramsden, 5mh Ridire (a thug taic chùmhnantail do Achd nan Croitearan 1886[3]) is Baintighearna Helen Guendolen Seymour, nighean an 12mh Diùc Somerset.[4] Bha mòran oighreachdan aig an teaghlach, a leithid Bulstrode Park[5] ann am Buckinghamshire, Byram[6] ann an Yorkshire, agus Àrd Mheirgidh[7] ann an Siorrachd Inbhir Nis, agus tha litrichean ann bho na trì àitichean seo. ‘S ann le Adhamh Guinne gu Miss Ramsden a tha a’ chiad litir, 1mh an t-Iuchar 1887, anns an robhar a’ rèiteachadh a’ chùmhnant teagaisg, agus tha litrichean eile ann le comhairle air eacarsaichean gràmair, sgrìobhte le Adhamh Guinne, ann an Srathaidh, faisg air Inbhir Theòrsa, neo aig New College, Dùn Èideann.
B’ e ministear a bh’ ann an Adhamh Guinne. Rugadh e ann an Srathaidh, faisg air Inbhir Theòrsa, 15mh an Lùnastal 1859.[8] Chaidh e gu Sgoil Gràmair ann an Obar Dheathain agus às dèidh sin dha Oilthigh Chill Rìmhinn agus New College, Oilthigh Dhùn Èideann, far an do choisinn e a’ Chiad Duais anns a’ chlas Gàidhlig.[9] Fhuair e Cead Searmonachaidh ann an 1888 agus chaidh a thaghadh na mhinistear ann an Diùrnis. Chuidich e leis an iris “The Celtic Monthly” agus “Transactions of the Inverness Gaelic Society”, is e a’ sgrìobhadh air cuspairean a lethid dualchainntean Chataibh[10] agus òrain ‘s uirsgeulan Gàidhlig.[11] Sgrìobh e an leabhar, “Sutherland and the Reay Countries”, air eachdraidh, uirsgeul, bàrdachd, ceòl agus cruth-tìre Chataibh, a chaidh fhoillseachadh ann an 1897. Chaochail e ann an Goillspidh 29mh an Dàmhair, 1925.
Tha litrichean agus dà phàipear eile anns a’ chruinneachadh seo nach eil ceangailte ris a’ chùrsa air astar:-
Tha litir sgrìobhte le Mgr. Aonghas Mac a’ Phearsain, Àrd Mheirgidh, 11mh am Faoilteach 1890 gu The Hon. Miss Ramsden, Bulstrode, Gerrard’s Cross, Bucks. Anns an litir seo, thathar ag innse gun robh a’ chlann aig Mgr. Mac a’ Phearsain glè thoilichte leis na prèasantan a chuir Miss Ramsden thuca agus gun robh e duilich nach robh clann aig Miss Ramsden fhèin ris am b’ urrainn dhi Gàidhlig a bhruidhinn. Chuir e a dhùrachdan gu Mgr Ramsden “a tha air fàs cho mòr” agus Miss Rosamund, (Sir John Frescheville Ramsden, 07/01/1877 – 06/10/1958, a bràthar agus Rosamund Isabel Ramsden, 12/12/1872 05/11/1911, a piuthar)[12]. Thathar ag innse cuideachd gun robh Àrd Mheirgidh aig Sir Edward Guinness air màl. Chan eil fhios ann cò bh’ ann an Aonghas Mac a’ Phearsain, ach chuir e ainm ris an litir mar “I am your humble servant, Angus MacPherson”.
Tha litir eile ann air “maighdeann-mhara” a chaidh a lorg ann an Camas Stanchio, anns an Tuirc, ann an 1764 (le dealbhan pinn), agus dealbh de thaigh neònach aig Margaret Dingwall, an t-Eilean Sgitheanach, 1862. ‘S e lethbhreacan a th’ anns na dealbhan seo, chan eil na dealbhan tùsail aig a’ cholaiste idir.
[1] http://en.wikipedia.org/wiki/Bulstrode_Park
[2] Celtic Magazine Vol XII p333 (1887)
[3] Mìorun Mòr nan Gall, “The great ill-will of the Lowlander”? Lowland perceptions of the Highlands, Mediaeval and Modern. University of Glasgow, 2007, various authors, ISBN 085261820X
[4] http://thepeerage.com/p55541.htm#i555402
[5] http://en.wikipedia.org/wiki/Bulstrode_Park
[6] http://www.dicamillocompanion.com/houses_detail.asp?ID=4398
[7] http://www.ardverikie.com/history.htm
[8] http://www.ambaile.org.uk/en/item/item_illustration.jsp?item_id=9686
[9] http://co-suth-news.blogspot.co.uk/2009/09/sons-of-sutherland-adam-gunn.html
[10] Transactions of the Inverness Gaelic Society Vol15, pp35-46
[11] Transactions of the Inverness Gaelic Society Vol16, pp59-69; Vol 24, pp5-28
[12] http://thepeerage.com/p23178.htm
?
Fiosrachadh
Dè th’ ann?: | Streath eacarsaichean ‘s litrichean de chùrsa Gàidhlig air astar | ||
Tuairisgeul: | Pàipear le loidhnichean, làmh-sgrìobhadh le inc dubh, cairt bhreacach a-muigh ann an staid dhona, gu sònraichte bàrr druim an leabhair a tha briste, ceangailte le ribean donn. Ceangail snàith ann an staid dhona le cuid dheth ceangailte agus cuid sgaoilte. Tha litrichean làmh-sgrìobhte ann cuideachd, inc dubh air pàipear bàn le cèisean-litreach tùsail, agus dà lethbhreac de sgrìobhainnean nach eil aig an leabharlann. | ||
Stuth: | Cairt bhreacach le paipear le loidhnichean, ceangail snàith, litrichean agus cèisean-litreach | ||
Meudachd: | 185 x 230 mm | ||
Ceann-Latha: | 5mh am Màrt 1886 11mh am Faoilteach 1890 | ||
Cò?: | Miss Tumblanque The Hon. Hermione Charlotte Ramsden Mgr P C MacPhàrlain An t-Urr. adhamh Guinne Mgr Aonghas Mac a’ Phearsain |
||
Càite: | Oighreachd Àrd Mheirgidh, Siorrachd Inbhir Nis; Srathaidh, Inbhir Theòrsa; New College, Dùn Èideann; Bulstrode Park, Gerrard’s Cross, Buckinghamshire; Byram Park, Ferrybridge, Selby, Yorkshire. |
||
Faidhle: | Faidhle pdf (dealbhan àrd-ìre de gach duilleag a-mhàin, chan eil am faidhle seo ion-lorgte – tha an leabhar seo làimh-sgrìobhte) |