Skip to content
library-banner

The Scots Magazine 1745-46

‘S e seo sreath de “The Scots Magazine”, a chaidh fhoillseachadh eadar an t-Sultain 1745 agus an Dùbhlachd 1746, agus a tha air a chruinneachadh ann an aon iom-leabhar. Chaidh a thoirt dhan cholaiste leis an sgrìobhadair is eòlaiche eachdraidh iomraiteach, John Prebble.

‘S e cruinneachadh de bheachdan poileataiceach, litrichean isòrain a th’ ann agus tha fiosrachadh ann mu dheidhinn Bliadhna Theàrlaich  agus Blàr Chùl Lodair, a bha a’ tachairt aig an àm sin.

Tha an leabhar air a roinn an seo nam faidhlichean fa leth, aon faidhle mu choinneimh gach iris, gus am faidhle a dhèanamh nas lugha.  Gabhaidh na faidhlichean an seo a rannsachadh a rèir facail, ach cuimhnich gun robh e na chleachdadh aig an àm sin an litir a bha coltach ri “f” a chleachdadh ann an àite an litir “s” aig toiseach agus ann am meadhan fhaclan, mar eisimpleir, dheigheadh am facal “Shopkeepers” a sgrìobhadh mar “fhopkeepers” agus am facal “rashness” air a sgrìobhadh mar “rafhnefs”.

Tha lethbhreac glèidhte aig a’ cholaiste cuideachd a tha dèante de mhòran dealbhan aig àrd ìre, aon dealbh mu choinneimh gach duilleag.

Eàrr-ràdh Clàr-innse

1745

An t-Sultain An Dàmhair  
An t-Samhain An Dùbhalachd  

1746

Am Faoilteach An Gearran Am Màrt
An Giblean An Cèitean An t-Ògmhios
An t-Iuchar An Lùnastal An t-Sultain
An Dàmhair An t-Samhain An Dùbhlachd
footer-smo-student-collage
© Sabhal Mòr Ostaig | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578