Cruinneachadh Iain Hamilton MacKay-Scobie
Cinn-là
1906
Cùl-fhiosrachadh
Rugadh MacKay-Scobie ann am Berkshire, Sasainn, ann an 1883, agus thogadh e ann an Dorset. Ann an 1920, phòs e Catherine Stretton, co-ogha do General Sir Ian Standish Monteith Hamilton (1853-1947).[1] Bha e na oifigear ann an Arm Bhreatainn agus bha e air ìre Màidseir a chosnadh nuair a leig e dheth a dhreuchd. Ann an 1930, stèidhich e Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Airm is a’ Chabhlaich Rìoghail ann an Alba aig Caisteal Dhùn Èideann agus bha e na neach-glèidhidh urramach gus an do shiubhail e ann an Dùn Èideann ann an 1947.[2] Bha ùidh aige ann am pìobaireachd agus ann an eachdraidh saighdearachd, agus sgrìobh e grunnan leabhraichean agus altan a leithid:
- “An old highland fencible corps : the history of the Reay Fencible Highland Regiment of Foot, or Mackay’s Highlanders, 1794-1802, with an account of its services in Ireland during the rebellion of 1798” (foillsichte 1923, tha lethbhreac air a ghleidheadh ann an Leabharlann Shabhal Mòr Ostaig)
- “Pipers and Pipe Music in a Highland Regiment. A record of piping in the 1st Seaforth Highlanders” (1924)
- “The Statuettes from the Scottish Naval And Military museum” (1933).
[1] Cunntas Sluaigh Nàiseanta
[2] Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Inventory Acc.12251, John Telfer Dunbar Collection
Tuairisgeul
’S e seo cruinneachadh de dh’earrainnean bho phàipearan naidheachd a’ buntainn ri dòigh-beatha is cultar air a’ Ghàidhealtachd. Tha òrain na bhroinn le comharrachadh Sol-Fa, altan air beul-aithris, eachdraidh-beatha agus iomraidhean bho irisean a leithid The Celtic Monthly. Chaidh a chruinneachadh le Iain Hamilton MacKay-Scobie agus ’s e “Bangalore, 1906” an ceann-bliadhna a tha sgrìobhte air.
Tha cuid de na h-earrannan air an glaodhadh anns an leabhar-nòtaichean agus cuid eile a gheibhear sgaoilte na bhroinn.
Inntrigeadh
Fosgailte
Cànan
Beurla
Stuth ceangailte
Tha cuid de na pàipearan aig Iain Hamilton MacKay-Scobie air an gleidheadh ann an Tasglann Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an lùib Cruinneachadh John Telfer Dunbar.

