Skip to content
library-banner

Mac-Talla

B’ e Mac-Talla an t-ainm a bh’ air pàipear-naidheachd/iris Gàidhlig a chaidh fhoillseachadh gach seachdain – gach dàrna seachdain na b’ anmoiche – ann an Sidni, Alba Nuadh, eadar 28mh Cèitean 1892, agus 24mh Ògmhios 1904, mu thimcheall air 540 earrann uile gu lèir.

Bha am fear-deasachaidh, Eòin MacFhionghain (1869-1944), a rugadh ann am Baile Inbhir Nis ann an Ceap Breatainn, trì bliadhna air fhichead nuair a stèidhich e Mac-Talla, a a’ chiad fhoillseachadh dhe leithid san t-saoghal.

Seallaidh na pìosan naidheachd, ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta, litrichean dhan fhear-deasachaidh, seanfhaclan Gàidhlig, bàrdachd/òrain, sgeulachdan, eadar-theangachaidhean agus aistean beachdan Gàidhlig cultarach air an cur an cèill gu pongail.

Tha gach iris ri fhaighinn ann an cruth PDF, agus gach duilleag fa leth mar fhaidhle JPEG.

Irisean 1

Irisean 2

Irisean 3

Irisean 4

Irisean 5

Irisean 6

Irisean 7

Irisean 8

Irisean 9

Irisean 10

Irisean 11

Irisean 12

footer-smo-student-collage
© Sabhal Mòr Ostaig | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578