Skip to content
library-banner

Aonghas Mac Mhathain

Rugadh Aonghas MacMhathain anns na Hearadh ann an 1912, agus chaidh e gu Acadamh Rìoghail Inbhir Nis. Choisinn e ceum le urram aig a’ chiad ìre ann an Eòlas Ceilteach aig Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1934 agus chùm e air leis an fhoghlam aig Oilthigh Bonn anns a’ Ghearmailt agus aig Colaiste an Oilthigh, Baile Átha Cliath. Thill e gu Dùn Èideann ann an 1936 na iar-òraidiche.  Ann an 1938, chaidh ainmeachadh na Òraidiche MacCallum-Fleming aig Oilthigh Ghlaschu. Anns an Dàrna Cogaidh, dh’obraich e sna Intelligence Corps gus an do thill e a dh’Oilthigh Ghlaschu.  Ann an 1956, chaidh ainmeachadh na chiad Àrd-ollamh ann an Eòlas Ceilteach aig Oilthigh Ghlaschu, agus bha e san dreuchd seo gus an do shiubhail e ann an 1962.

Anns an dà leabhar seo, tha cruinneachadh earrannan à pàipearan naidheachd co-cheangailte ri saoghal na Gàidhlig agus tha fiosrachadh ann mu dheidhinn Clann MhicMhathain cuideachd, lethid naidheachdan air breith, bainnsean, bàis, agus ceumnachadh Aonghais fhèin.

Leabhar 1 PDF
Leabhar 2 PDF

footer-smo-student-collage
© Sabhal Mòr Ostaig | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578