Pàipearan Iain Fraser Grigor
Tha Iain Fraser Grigor na sgrìobhadair is na neach-rannsachaidh cliùiteach. Tha e air iomadh leabhar ionmholta a sgrìobhadh a leithid: Mightier Than A Lord : The Highland Crofters’ Struggle for the Land (1979), Highland Resistance : The Radical Tradition in the Scottish North (2000) agus A Nation in Want of a Grievance (2011).
1. 19 leabhraichean mòra anns a bheil mu 1500 duilleag agus 5000 earrann. Tha cruinneachadh de dhfhiosrachadh aithriseach nan lùib air co-chòrdadh, mairsinneachd agus leasachadh cultar dùthchasach na Gàidhealtachd is nan Eileanan. Tha earrannan ann à pàipearan-naidheachd Albannach, gu h-àraid pàipearan às a Ghàidhealtachd; ach cuideachd earrannan à pàipearan Breatannach, litrichean pearsanta, brathan naidheachd, tùsan deilbh is dealbhan, lèirmheasan, fiosrachadh craobh-sgaoilidh, bileagan, sanasan, cartùnaichean, litrichean foillsichte, ath-sgrìobhadh craobh-sgaoilidh agus eachdraidhean-beatha. Tha eachdraidh na Gàidhealtachd is nan Eileanan anns na bliadhnaichean mu dheireadh den 20mh linn ri fhaicinn anns na bloighean naidheachd seo.
Tha a chuid as motha den fhiosrachadh stèidhichte air croitearachd, a Ghàidhlig is ceist an fhearainn; agus cuideachd air cleachdadh an fhearainn, seilbh is malairt an fhearainn, cùisean is gearanan eadar tuath is tighearna, laghan seilg, naidheachdan, foghlam is craoladh na Gàidhlig. Tha fiosrachadh inntinneach ann air na Raiders ann an Cnòideart (tha ath-sgrìobhadh air agallamhan tèip ann le feadhainn de na Raiders is daoine eile), agus air ceannach Eilean Eige anns na 1990an.
Tha a chiad seachd leabhraichean san t-sreath gan òrdachadh a rèir cuspair; agus an còir a rèir ama, agus na h-earrann a rèir seachdain foillseachaidh is na leabhraichean a rèir bliadhna.
2. Clò-sgrìobhainn deireannach is lethbhreac an fhoillsicheir den leabhar, Highland Resistance: the radical tradition in the Scottish north (Dùn Èideann, 2000). Duilleagan fuasgailte.
3. Dreach làmh-sgrìobhainn de Mightier than a Lord (Steòrnabhagh, 1979). Ceithir leabhraichean ceangailte (leabhraichean-cunntais) agus leabhar eile ann am pasgan.
4. Coimisean Napier, fianais agus aithisg. Sreath shlàn. Tùsail. Ann an droch staid. B ann le Calum MacMhaolain, BP, a bha e agus thathas a smaoineachadh gur e fhèin a rinn na notaichean a tha na bhroinn.
5. Cruinneachadh Hildegart. Leabhraichean, bileagan, earrannan naidheachd, eachdraidhean-beatha, litrichean a thaobh Hildegart, sgrìobhadair a bha ri strì airson còraichean bhoireannach san Spàinn anns na 1930an is a chaidh a mhurt le a màthair. A mhòr chuid san Spàinntis, ach le corra eadar-theangachadh sa Bheurla. S e seo cuspair anns nach do nochd mòran a-riamh sa Bheurla. Nam measg tha:
Rosa Cal: A Mi No Me Doblega Nadie Aurora Rodríguez, su vida y su obra, 1991 (agus litrichean ann leis an ùghdar)
Guillermo Rendueles Olmedo: El Manuscrito Encontrado en Ciempozuelos (cuid dhe eadar-theangaichte) (bha an t-ùghdar na àrd-ollamh ann an psychopathology aig Oviedo)
Hildegart La Virgen Roja, Joan Llarch, 1979
Hildegart, Sexo y Amor, 1931 (lethbhreac bho Yale Medical Library)
Rosa Montero, Historias y Mujeres, 1995, (caibideil air Hildegart agus Aurora)
6. Cruinneachadh Dhonnchaidh Stiùbhart. Bha Stiùbhart na lighiche dha le roi Christophe,
agus na àrd-ollamh air eòlas-bodhaig aig Royal College agus na marechal de camp ann an
Royal Haitian Medical Corps. Tha cruinneachadh beag de phuist-dealain ann agus eachdraidh-bheatha.
7. Measgachadh. Tràchdas maighistireachd, san Fhraingis, le Beatrice Laout, air ciamar a chaidh an nobhail The Long Saturday Night le Charles Williams a shìor atharrachadh is a thoirt don taigh-dhealbh mar Vivement Dimanche le Francois Truffaut! Agus lethbhreac den nobhail.