Skip to content
library-banner

Iain Hamilton MacKay Scobie

‘S e seo cruinneachadh de dh’earrainnean bho phàipearan naidheachd a’ buntainn ri dòigh-beatha is cultar air a’ Ghàidhealtachd. Tha òrain na bhroinn le comharrachadh Sol-Fa, altan air beul-aithris, eachdraidh-beatha agus iomraidhean bho irisean a leithid ‘The Celtic Monthly’. Chaidh a chruinneachadh le Iain Hamilton MacKay-Scobie agus ‘s e “Bangalore, 1906” an ceann-bliadhna a tha sgrìobhte air.

Rugadh MacKay-Scobie ann am Berkshire, Sasainn, ann an 1883, agus thogadh e ann an Dorset.  Ann an 1920, phòs e Catherine Stretton, co-ogha do General Sir Ian Standish Monteith Hamilton (1853-1947).[1]  Bha e na oifigear ann an Arm Bhreatainn agus bha e air ìre Màidseir a chosnadh nuair a leig e dheth a dhreuchd.  Ann an 1930, steidhich e Taigh-tasgaidh Nàiseanta an Airm is a’ Chabhlaich Rìoghail ann an Alba aig Caisteal Dhùn Èideann agus bha e na neach-glèidhidh urramach gus an do shiubhail e ann an Dùn Èideann ann an 1947.[2]   Bha ùidh aige ann am pìobaireachd agus ann an eachdraidh saighdearachd, agus sgrìobh e grunnan leabhraichean agus altan a lethid:-

  • “An old highland fencible corps : the history of the Reay Fencible Highland Regiment of Foot, or Mackay’s Highlanders, 1794-1802, with an account of its services in Ireland during the rebellion of 1798” (foillsichte 1923, tha lethbhreac air a ghleidheadh ann an Leabharlann Sabhal Mòr Ostaig)
  • “Pipers and Pipe Music in a Highland Regiment. A record of piping in the 1st Seaforth Highlanders” (1924)
  • “The Statuettes from the Scottish Naval And Military museum” (1933).

Tha cuid de na pàipearan aige air an gleidheadh ann an Tasglann Leabharlann Nàiseanta na h-Alba an lùib Cruinneachadh John Telfer Dunbar.

Tha dà fhaidhle pdf an seo.  ‘S e leabhar ceart ceangailte a th’ anns a’ chiad fhear, ach tha an dàrna fear dèante de phìosan pàipeir sgaoilte à pàipearan naidheachd.

Faidhle pdf dhen Leabhar Ceart

Faidhle dhen Pìosan Sgaoilte


[1] Cunntas Sluaigh Nàiseanta

[2] Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, Inventory Acc.12251, John Telfer Dunbar Collection

footer-smo-student-collage
© Sabhal Mòr Ostaig | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578