Skip to content

Cruinneachadh Chaluim Ruaidh MhicNeacail

 
Cinn-là

c. 1955-1993

Cùl-fhiosrachadh

Rugadh am bàrd baile, Calum Ruadh MacNeacail, air 19 Am Màrt 1902, ann an Gead an Tàilleir, Bràighe Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach. Choisinn e cliù airson nan òran aoir is caoidh a rinn e agus b’ ann bho thaobh a mhàthar agus taobh athar a fhuair e a chomasan bàrdachd. Chaidh na h-òrain aige fhoillseachadh anns a’ Ghàidheal agus ann an Gairm, agus chaidh cruinneachadh de a bhàrdachd a chur an clò le Gairm ann an 1974, air an robh Bàrdachd Chaluim Ruaidh. Chaidh a chlàradh gu bitheanta anns na 1960an leis an eòlaiche-chiùil Dhànach, Thorkild Knudsen, agus chaidh cuid de na clàraidhean seo fhoillseachadh le Sgoil Eòlais na h-Alba mar chlàr agus leabhran air an robh Calum Ruadh: Bard of Skye (Scottish Tradition 7). Bha e a’ fuireach ann an Camas Tianabhaig far an robh e ri croitearachd is iasgach bhradan, agus chaochail e anns an Àth Leathann, 25 An Gearran 1978, is e 76 bliadhna a dh’aois.

Tuairisgeul

Trì leabhraichean-nòtaichean pearsanta fo làimh Chaluim Ruaidh; clàraidhean fuaim ann an cruth tèip-ruidhle; leabhar-dhealbh ceangailte ri clàradh a shaothrach ann an 1967; sgrìobhaidhean foillsichte Thorkild Knudsen; litrichean; earrannan naidheachd.

Leasachainn an Leabharlainn: measgachadh de dh’fhoillseachaidhean air Calum Ruadh.

Inntrigeadh

Fosgailte

Cumhachan lethbhric

Cead ri fhaighinn

Cànan

Gàidhlig, Beurla

Uidheam-taice
  • Liosta susbainte (diofar ìrean tuairisgeil)
  • Dreach de thar-sgriobhadh agus de dh’eadar-theangachadh de leabhraichean pearsanta a’ bhàird
footer-smo-student-collage-3
© Sabhal Mòr Ostaig | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578